Gnìomh gus an an t-iarrtas airson spòrs air a bhrosnachadh le Glaschu 2014 a choileanadh

16.01.2013

Gus am meudachadh air an fhèill air spòrs ris a bheil dùil air a bhrosnachadh le Glaschu 2014 a thoirt a-mach, feumaidh luchd-obrach saor-thoileach le deagh thaic is brosnachadh a bhith aig Alba, gu sònraichte luchd-ullachaidh uidheamaichte, goireasan air am faighear cothrom agus a tha aig ìre mhath, agus comainn ionadail bheothail a tha air an neadachadh anns a’ choimhearsnachd dham buin iad.

Tha aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Slàinte is Spòrs cuideachd ag iarraidh air sportscotland sgrùdadh ann an èiginn air comas saor-thoileach a cho-òrdanachadh.

 

Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail barrachd a dhèanamh gus cothrom air goireasan-spòrs ionadail a dhèanamh nas fhasa.  Bu chòir gun gabhadh seo a-steach a bhith a’ toirt seachad fiosrachaidh a tha soilleir is air an aon rèir mu ghoireasan-spòrs, a’ dèanamh cinnteach gum bi togalaichean na sgoile fosgailte gus am faod a’ choimhearsnachd an cleachdadh agus gu bheil na goireasan gan cleachdadh chun na h-ìre as motha a ghabhas. 

 

Tha Buill ag iarraidh air Ministear Gèamannan a’ cho-fhlaitheis agus Spòrs fios a chumail riutha ro fhosadh an t-samhraidh mu adhartas le gach taobh de dh’obair shaor-thoileach ann an spòrs agus cho deiseil agus a tha Alba airson a’ mheudachaidh ris a bheil dùil air fèill air spòrs le comainn.

 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte is Spòrs, Donnchadh MacNèill BPA:

 

“Anns a’ chiad dol-a-mach, tha a’ Chomataidh ag iarraidh na saor-thoilich gu lèir a mholadh.  Às an aonais, cha bhiodh spòrs-coimhearsnachd sam bith ann.

 

“Chuala a’ Chomataidh againn gur h-e cothrom ainneamh a tha ann an Glaschu 2014 gus dìleab a thaobh spòrs a dhaingneachadh airson na h-Alba.

 

“Seo amas a tha airidh air a mholadh. Ach cha tèid a thathar fa-near gu bith mura bi na saor-thoilich againn ann gus ullachadh a thoirt seachad agus na comainn a ruith no mura toir sinn am feum as fheàrr às na goireasan a tha ann cheana.

 

“Cha robh an rannsachadh seo mu dheidhinn mar a lorgas sinn Anndra Moireach ùr, ach a bhith ag aithneachadh gu bheil an comas aig spòrs atharrachadh mòr a thoirt air na coimhearsnachdan againn.  Gus an tachair seo, feumaidh sinn gabhail ris a’ chothrom gus an càirdeas a tha aig Alba ri spòrs atharrachadh.”

 

Thuirt Leas-neach-gairm Chomataidh Slàinte is Spòrs, Bob Doris BPA:

 

“Ri linn an rannsachaidh seo, fhuair a' Chomataidh misneachd à naidheachdan mu dhaoine òga a’ dol an sàs ann an spòrs ann an dòigh gu math adhartach.  Ach is e an deuchainn dha-rìribh a bhios ann ma ghabhas na h-eisimpleirean adhartach seo sgaoileadh am measg nan coimhearsnachdan againn.

 

“Ged a tha tòrr bhuidhnean ri ullachadh spòrs – eadar comainn-spòrs, urrasan chur-seachadan, buidhnean-riaghlaidh agus roinn na slàinte – tha e follaiseach gu bheil àite nach beag aig na h-ùghdarrasan ionadail ann.

 

“Tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh air na h-ùghdarrasan ionadail gnìomh a ghabhail gus dìleab buan a thoirt bho Ghlaschu 2014 le bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi na goireasan aca fosgailte agus cothrom orra, gum bi iad mothachail air a’ bhuaidh a bheir spòrs agus gum bi dealbhadh mionaideach aca gus a dhèanamh cinnteach gun toir na coimhearsnachdan aca na buannachdan as motha às na goireasan anns an sgìre aca.”

 

Rinn rannsachadh na Comataidh air spòrs-coimhearsnachd na co-dhùnaidhean a leanas:

 

Saor-thoilich (td22)

·         Tha a’ Chomataidh a’ moladh nam buidhnean agus nan tionnsgnaidhean a sheall dòighean ùra gus saor-thoilich a tharraing, a chuideachadh agus oideachadh às ùr;

·         Bha iongnadh air a’ Chomataidh mu chion an fhiosrachaidh ann am mionaideachd mu ìre agus eòlas an luchd-obrach shaor-thoilich. Agus an cuideam a thathar air a chur air dìleab Ghlaschu 2014 agus air a’ chomas a tha ann cur ri com-pàirteachadh, bhiodh dùil ri barrachd faireachdainn a thaobh “far a bheil sinn”.

·         Tha a’ Chomataidh a’ moladh mar sin gun dèan sportscotland, còmhla ris na comainn-spòrs iomchaidh, co-òrdanachadh air sgrùdadh air comas mar chùis ann an èiginn.

·         Bha ceist air a’ Chomataidh mu cho beag de bhuidhnean-riaghlaidh agus a tha air ro-innleachdan mu shaor-thoilich a chruthachadh.

·         Tha a’ Chomataidh ag iarraidh gun sgaoil am Ministear airson Spòrs fios mu gach taobh de dh’obair shaor-thoileach ann an spòrs ro fhosadh an t-samhraidh ann an 2013. Tha ùidh shònraichte aig a’ Chomataidh, leis gu h-àraidh gu bheil ceistean mu chomas ann an ullachadh, mu cho deiseil ann am mionaideachd agus a thathar airson a’ mheudachaidh air spòrs le comainn a thathar an dòchas a thig am bàrr mar thoradh air Glaschu 2014.

 

Na chuireas comainn-spòrs ionadail (td33)

·         Tha àite bunaiteach aig comainn-spòrs ionadail ann a bhith a’ lìbhrigeadh spòrs anns na coimhearsnachdan aca.

·         Thug a’ Chomataidh an aire don bheachd aig Neach-sgrùdaidh Prìosanan A Mòrachd mu na buannachdan do dhaoine òga an sàs ann an spòrs, gu sònraichte don fheadhainn a tha a’ fàs suas ann an àiteachan sa bheil bochdainn agus a dh’fhaodadh a bhith air an dùnadh a-mach bhon sgoil agus cuideachd bhon t-saoghal anns an fharsaingeachd.

 

Làr-ionadan (hubs) spòrs-coimhearsnachd (td37)

·         Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air a’ bheachd a tha sìmplidh ach sgoinneil a thaobh co-obrachaidh is sùbailteachd a tha mar bhunait ri làr-ionadan a chruthachadh.

·         Tha a’ Chomataidh air tagradh a sgaoileadh às leth nan comann ud a tha ag obair an taobh a-muigh siostam nan làr-ionadan nach dèanar dearmad orra no nach caill iad a-mach ann am maoineachadh no ann an taic eile.

 

Co-obrachadh agus maoineachadh (td50)

·         Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bu chòir do na h-ùghdarrasan ionadail dòigh-dèiligidh ro-innleachdail a ghabhail le bhith a’ cruthachadh ro-innleachdan a thaobh spòrs agus gan toirt gu buil airson nan sgìrean aca, mothachail air a h-uile seòrsa de spòrs agus de chur-seachad ris a bheilear a’ cur gu h-ionadail, cò bhios gan toirt seachad, na h-àiteachan far a bheil dìth, a’ comharrachadh bhuidhnean a tha doirbh ruigsinn orra agus a bhith mothachail air na goireasan-spòrs gu lèir a tha ann.

 

Goireasan-spòrs (td57)

·         Tha cothrom air goireasan-spòrs stèidhichte aig sgoiltean air a bhith na chùis-iomagain o chionn fhada ann an sgìrean sònraichte san dùthaich, a rèir aithris co-dhiù. Fuirichidh a’ Chomataidh gus an nochd toraidhean an sgrùdaidh le sportscotland air na cothroman a tha ann an-dràsta agus gabhaidh i beachd air a’ bhuaidh a dh’fhàgadh seo air planaichean gus togalaichean nan sgoiltean fhosgladh.

·         Chaidh caochladh bhacaidhean air cothrom nas fharsainge air togalaichean nan sgoiltean an-dràsta a chur an cèill dhan Chomataidh. Tha iad seo gu math farsaing, bho dhuilgheadasan le cunnraidhean mu chothrom air togalaichean agus cosgaisean ag èirigh às an fheum a tha ann gum bi luchd-obrach le pàigheadh an làthair nuair a chleachdar na togalaichean an taobh a-muigh uairean na sgoile.

Co-ionannachd agus com-pàirteachadh (td63)

·         Tha ceist air a’ Chomataidh mu ìre nas ìsle de chom-pàirteachadh le boireannaich an taca ri fireannaich ann an spòrs;

·         Tha ceist air a’ Chomataidh mu thoraidhean aithisg Lìonra Co-ionannachd gu bheil leisg air daoine LGBT dol an sàs ann an com-pàirteachadh ann an spòrs ri linn fuath an aghaidh dhaoine aon ghnè agus tar-ghnè.

Litearachd chorporra (td70)

·         Tha snàmh mar bhunait ri litearachd chorporra (ruith, leum, tilgeil, glacadh agus snàmh) am measg dhaoine òga agus bha ceist air a’ Chomataidh gun do dh’fhàg 25% de chlann-sgoile a’ bhun-sgoil gun comas snàmh aca. Tha i a’ sireadh beachdan Riaghaltas na h-Alba agus eile a thaobh mar a ghabhas seo leasachadh.

Cùl-fhiosrachadh

 

Thèid an aithisg a chur air bhog aig Bun-sgoil a’ Mhìle Rìoghail, Dùn Èideann, Diciadain 16 Faoilleach aig 10m. Ri linn an tachartais seo, cluinnidh Buill mu chlàr nan tosgairean ris a bheil an Wellbeing Alliance a’ cur a thaice agus ag obair còmhla ri basketballscotland agus British Lung Foundation. Fon chlàr, tha sgioba ball-basgaid boireannaich na h-Alba fo aois 16 a’ cumail buidhnean-obrach ball-basgaid agus a’ toirt fios bhrosnachail is fhallain do chlann mu shlàinte, gus clann a bhrosnachadh gus gabhail ri spòrs agus dòigh-beatha fhallain. 

 

B’ e raon-ùghdarrais na Comataidh sealltainn ri:

·         Mar a chuidicheas daoine – a’ sealltainn air an obair aig feadhainn saor-thoileach – agus a’ sealltainn air mar a nithear cinnteach gum bi na cothroman agus an taic a tha a dhìth gus an cuideachadh as fheàrr a thoirt do spòrs aig ìre ionadail.

·         Mar a chuireas comainn-spòrs ionadail an dà chuid ri (i) slàinte mar bhacadh agus (ii) an cuid choimhearsnachdan.

Cho cudromach agus a tha àiteachan airson spòrs, a thaobh cothrom, cosgais agus càileachd nan goireasan.

Read the report

Read the report

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @SP_HealthSport

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.