Colaiste Coatbridge a’ cur fàilte air taisbeanadh na Pàrlamaid

18.02.2013

Tha taisbeanadh a sheallas mar a tha daoine air ceangal a dhèanamh ri Pàrlamaid na h-Alba gus atharrachaidhean a thoirt gu buil a’ gluasad gu Colaiste Coatbridge Diluain 25 Gearran.

Anns an taisbeanadh ‘Sgeulachdan Siùbhlach’, tha dealbhan dhaoine, stuth-èisteachd is stuth-amhairc, a-mach air na dh'fhiosraich deichnear a thug buaidh – le bhith a’ coiteachadh is a’ ceangal ri Pàrlamaid na h-Alba – air Alba an dèidh sgaoileadh-cumhachd.

Agus i a’ cur fàilte air an taisbeanadh gu Coatbridge, thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhainn BPA:

“Tha còrr is 200,000 neach air an taisbeanadh seo fhaicinn mar-thà agus e a’ siubhal na h-Alba. Tha mi cho toilichte gu bheil e air tighinn gu Colaiste Coatbridge a-nis oir is e cothrom cudromach a tha ann do Phàrlamaid na h-Alba ceangal a dhèanamh ri spionnadh, brosnachadh agus miann nan uile a tha a’ frithealadh air na colaistean againn.

“Tha iomadach dòigh ann gus ceangal a dhèanamh ris a’ Phàrlamaid, biodh e tro bhith a’ dèanamh iomairt, a' cur athchuinge a-steach no a’ dèanamh ceangail le Buill aig tachartas no taisbeanadh air a chumail le buill, agus tha e mar amas aig na ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ feadhainn de na modhan seo a thoirt gu bith.”

Thuirt Prionnsapal Cholaiste Coatbridge, John Doyle:

“Tha sinn cho riaraichte taic a chur ri Pàrlamaid na h-Alba anns an amas aice ruigsinn air daoine agus an spreagadh tro thaisbeanadh nan ‘Sgeulachdan Siùbhlach’.

“Tha sinn mothachail air an àite chudromach a tha againn ann am beatha dhaoine òga agus tron chom-pàirteachas a tha againn le Pàrlamaid na h-Alba, bidh sinn a’ feuchainn ri deagh bhuaidh a thoirt air na tha air thoiseach orra.

Tha na ‘Sgeulachdan Siùbhlach’ a’ nochdadh sgeulachdan brosnachail bho dhaoine air feadh na dùthcha; dh’iarrainn air muinntir an àite gabhail ris a’ chothrom a dhol an sàs ann. Is e an oighreachd againn a chaidh ùrachadh o chionn ghoirid an suidheachadh foirfe airson a’ taisbeanaidh bhrosnachail seo agus tha e fosgailte dhan a h-uile duine.”

Fuirichidh an taisbeanadh aig àrainn Cholaiste Coatbridge gu Diardaoin 28 Màrt 2013. Tha e fosgailte bho 8.30m gu 4.30f, Diluain gu Dihaoine.

Cur-air-bhog do na Meadhanan

Tha cuireadh do na meadhanan frithealadh air cur-air-bhog nan Sgeulachdan Siùbhlach aig Colaiste Coatbridge aig 11m Diluain 25 Gearran nuair a bhios cothrom air Elaine Nic a’ Ghobhainn airson agallamhan.

 Bu chòir do dhuine sam bith bho na meadhanan a tha ag iarraidh dealbhan an-asgaidh den latha fios a chur air dealbhadair Pàrlamaid na h-Alba air 0131 348 5878.

 Cùl-fhiosrachadh

Is iad an deichnear a tha an sàs anns an taisbeanadh:

Chuir Bob Reid à Ceann a Deas na h-Alba athchuinge a-steach gus Goireasan Rotharan-innil far an Rathaid a chruthachadh.

“Tha mi gu daingeann den bheachd gun gabh a h-uile duine òg fuasgladh, is coma gu dè na duilgheadasan a bhios aca…thoir dhaibh dùbhlan ùr, rud ris am faod iad buntainn, rud dham faod iad buntainn.”

Chuir Tina McGeever às a’ Ghàidhealtachd athchuinge dhealanach a-steach mun chomas cothrom fhaotainn air drogaichean an aghaidh na h-aillse air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.

“Chuir sinn romhainn gun tòisicheamaid iomairt, ged nach e iomairt am facal a ghabh sin air an rud aig an àm. Sgrìobh Michael sgrìobag agus sgaoil mi fhèin a-mach i don a h-uile duine air post-dealain agus dh’iarr mi orra a cur do na Buill aca, bha sin ann mar thoiseach-tòiseachaidh.

Chuir Walter Baxter à Ceann an Ear-thuath na h-Alba athchuinge air dòigh an aghaidh toirt còmhla nan aonadan cùraim shònraichte do dhaoine air a bheil dòrtadh na h-eanchainn a’ cur.

“Nuair a bhios an eanchainn agad air a leòn, is e suidheachadh gu math doirbh a tha ann, chan ann a-mhàin dhut fhèin ach cuideachd don fheadhainn a bhios a’ toirt aire dhut. Is e glè bheag de chùram an dèidh làimhe a tha ri fhaotainn do dhaoine air a bheil leòn-eanchainn a’ cur.

Chuir John Muir à Taobh an Iar na h-Alba, athchuinge a-steach a chuir aghaidh air eucoir nan sgeinean an dèidh don mhac aige bàs fhaotainn.

Saoilidh mi gun do thuig an fheadhainn ann an Grianaig is sna h-àiteachan mun cuairt gum faodadh am mac no an nighean a bhith san t-suidheachadh san robh Damian…feumaidh rudeigin atharrachadh.”

Ghabh an t-Urramach Iain Dòmhnallach às a’ Ghàidhealtachd Àm-cnuasachd ann am Pàrlamaid na h-Alba.

“Tha daoine an seo gu mòr an sàs anns a’ choimhearsnachd, le ceistean mu cheartas sòisealta. Tha coimhearsnachd cheart ga comharrachadh leis an dòigh sam bi i a’ toirt aire do na feumaich.”  

Bidh Gemma Mackintosh às a’ Ghàidhealtachd a’ coiteachadh airson barrachd taice ris an fheadhainn a tha a’ fuireach ann an Alba a tha mall san fhradharc.

“Tha mi fhèin mar shamhla den iomadh duine aig a bheil feumalachdan a bharrachd air an do dh’fhairtlich rian an fhoghlaim. Tha mi ag iarraidh atharrachadh a thoirt air an rian agus mar a bhios iad a’ gabhail gnothaich ri cloinn a tha mall san fhradharc.

Chuir Iain MacLeòid à Lodainn dà athchuinge a-steach mu chùisean Gàidhlig agus tha e gu mòr an sàs ann an gnothaichean Gàidhealach ann an Dùn Èideann.

“Is e na bha air chùl na h-iomairt am feum a tha ann inbhe shònraichte airson a’ chànain gus am faodar leasachadh seasmhach a dhèanamh don ùine a tha air thoiseach..”

Thog Amal Azzudin à Glaschu, iomairt an aghaidh nan ruaigean a’ chiad char sa mhadainn air luchd-tagraidh tèarmainn leis nach do shoirbhich.

“Is e an rud a thug an iomairt seo gu buil seach nì sam bith eile cur ri mothachadh…is e sin an t-aon rud a dhèanamaid.”

Claire Ewing, Ball de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba.

“Tha poilitigs air feadh an àite ach chan fhaic daoine òga sin...

Ma tha thu ga h-iarraidh, nì thu sabaid air a son...feumaidh tu creidsinn annad fhèin is anns na tha thu a’ dèanamh.”

Rebecca Brown, Meadhan na h-Alba, a rinn greis-gnìomhachais aig oifis-sgìre a’ Bhuill aice.

“A thuigsinn gur h-e a tha ann am poilitigs a h-uile rud. Chan eil dol às ann an da-rìribh agad…bu chòir dhur a bhith an sàs ann, tha e a’ dol a’ bualadh ort co-dhiù no co-dheth.

Contact Information

Media information

Public information

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.