Comataidh a’ Cheartais a’ sireadh bheachdan bhon fheadhainn air a bheil eucoir gu dìreach a’ toirt buaidh

21.02.2013

Mar phàirt den ghairm aca airson fianais a thaobh Bile Luchd-fulaing is Luchd-fianais (Alba) a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh a’ Cheartais a’ sireadh bheachdan bhon fheadhainn air a bheil eucoir gu dìreach a’ toirt buaidh.

Is e amasan a’ Bhile a bhith a’ cur ùidhean luchd-fulaing – agus iadsan a tha coltach ri bhith nan luchd-fulaing – aig cridhe nan adhartasan leantainneach a thathas a’ dèanamh ann an siostam a’ cheartais agus dèanamh cinnteach gu  bheil e comasach dha fianaisean an dleastanas poblach anns a’ chùirt a choileanadh gu h-èifeachdach.  

Thuirt Neach-gairm Comataidh a’ Cheartais Cairistìona Ghreumach BPA: 

“Tha e deatamach gun toir am Bile seo adhartas ann an còraichean is taic do luchd-fulaing is luchd-fianais fhad’s a tha iad a’ gluasad tro shiostam ceartais eucoir.  

“Tha ùidh againn cluinntinn bhon fheadhainn air a bheil eucoir air buaidh a thoirt gu dìreach. Am bu chòir dha eucoirich cuibhreann den chosgais airson taic a chumail ri luchd-fulaing, a ghiùlan? Am bu chòir còir dhligheach a bhith aig luchd-fianais so-leònte an cuid fianais a thoirt seachad bho chùl scrion no air CCTV? Agus nas bitheanta, a bheil am Bile a’ dèanamh gu leòr gus a bhith a’ cothromachadh còirichean luchd-fulaing an-aghaidh chòraichean eucoraich?” 

Is e Comataidh Slàinte is Spòrs a’ chomataidh dàrna-ìre air a’ Bhile agus nì iadsan sgrùdadh air an dà roinn a tha a’ dèiligeadh ris a’ mholaidh  airson Fòram Dìomhair Nàiseanta a stèidheachadh. Bidh seo ag amas air cothrom a thoirt dha inbhich a chaidh a chuir fo chùram bunaiteach nan òige innse mar a chaidh an làimhseachadh, a’ toirt a-steach mì-ghnàthachaidh, ann an suidheachadh dìomhair, neo-bhreithneachail is taiceil.

Cùl-fhiosrachadh

Bidh Bile Luchd-fulaing is Luchd-fianais (Alba) a’ cur Stiùireadh AE 2012/29/EU an-gnìomh co-cheangailte ris na h-inbhean as lugha a bhiodh ann a thaobh còraichean, taic is dìon do luchd-fulaing eucoir, stiùireadh ris an deach gabhail san Dàmhair 2012.  

Bu chòir gach tagradh mar fhreagairt air a’ ghairm fianais a bhith rim faighinn ro mheadhan-là Dimàirt 9 Giblean 2013.   

 

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone: 0800 092 7500
  • Textphone users can contact us on 0800 092 7100
  • We also welcome calls using the Text Relay service
  • Text message: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

You can also follow us on twitter @scotparl

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.