A’ dìon clann na h-Alba – dè an còrr a dh’fheumar a dhèanamh?

06.03.2013

Thèid ceuman aig e bheil e mar amas a bhith a’ dìon nan daoine as so-leònte a sgrùdadh ann an rannsachadh a chuir Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba air bhog an-diugh.

Bidh èifeachdalachd nan cleachdaidhean agus nan stiùiridhean a tha ann an-dràsta gus dèiligeadh ri agus gus stad a chur air dubh-bhrath gnèitheasach (sexual exploitation) air clann mar chuspair don rannsachadh. Seallaidh e cuideachd air dè an còrr a dh’fheumar a dhèanamh fhathast.

Thathar air an rannsachadh a chur air bhog an dèidh dhan Chomataidh beachd a ghabhail air athchuinge (PE1393) a chuir Barnardo’s na h-Alba a-steach ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba aghaidh a chur ri dubh-bhrath gnèitheasach air clann ann an Alba.

Agus e a’ cur an rannsachadh air bhog ri linn dha tadhal air Barnardo’s na h-Alba gus coinneachadh ris an fheadhainn a tha ag obair le feadhainn a dh’fhuiling dubh-bhrath gnèitheasach, thuirt Neach-gairm na Comataidh Dàibhidh Stiùbhart BPA:  

“Bu chòir gum biodh còir aig a h-uile pàiste air òige saor bho dhubh-bhrath de sheòrsa sam bith. Tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh sgrùdadh a dhèanamh air na ceuman a tha ann an-dràsta gus aghaidh a chur air a’ chleachdadh anabarrach sgriosail seo. Seallaidh sinn cuideachd air dè an còrr a dh’fheumar a dhèanamh gus aghaidh a chur air dubh-bhrath gnèitheasach air clann agus taic a chur ris an fheadhainn a dh’fhuiling gus am beatha a thogail às ùr.

“Cha bhi freagairtean soirbh sam bith ann ach tha sinn ag iarraidh dèanamh gu bheilear a’ dèanamh na ghabhas dèanamh gus an fheadhainn as sol-leònte san rìoghachd againn a dhìon.”

Bu mhath leis a’ Chomataidh cluinntinn bhon fheadhainn a tha ag obair gus ionnsaigh a thoirt air dubh-bhrath gnèitheasach air clann agus bhon fheadhainn a bheir taic dhaibh-san a dh’fhuiling.  Bu mhath leatha cluinntinn cuideachd bhon fheadhainn aig a bheil fiosrachadh air dè an còrr a ghabhas dèanamh.

Am measg nan ceistean bunaiteach a chuirear ri linn an rannsachaidh, tha:

  • Dè na seòrsaichean as cumanta de dhubh-bhrath gnèitheasach air clann a tha ann;
  • Dè na prìomh shlighean a bheir air daoine òga a bhith an sàs ann an dubh-bhrath gnèitheasach; 
  • Dè na samhlaidhean a tha ann de chleachdadh eadar mhath is dhona tro obrachadh le diofar bhuidhnean-gnìomha; agus
  • Dè na h-atharrachaidhean a b’ fheumaile a bhiodh ann gus cosg a cur air dubh-bhrath air clann.

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Athchuinge PE1393  a chur a-steach le Barnardo’s na h-Alba agus i ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba:

coiteachadh air Riaghaltas na h-Alba (1) rannsachadh ùr mu sheòrsa agus mu ìre dubh-bhrath gnèitheasach air clann ann an Alba iarraidh; (2) aithisg a thoirt air ais mu na puingean-gnìomha gu lèir anns an stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2003 air Dubh-bhrath Gnèitheasach tro Strìopachas air Clann Sho-leònte agus Daoine Òga; (3) stiùireadh Riaghaltas na h-Alba air dubh-bhrath gnèitheasach air Alba ath-bhreithneachadh agus a leasachadh, a dh’ùraicheas stiùireadh Albannach 2003 agus a chuireas a-steach na mìrean buntainneach de Stiùireadh Nàiseanta Dìon-cloinne 2010.

Is e an raon-ùghdarrais aig an rannsachadh ùr sgrùdadh a dhèanamh air seòrsa agus ìre dubh-bhrath gnèitheasach air clann ann an Alba; ann an co-bhonn ri buidhnean-gnìomha is luchd-pàirteachais obrachadh a-mach dè na cuspairean as moth air an fheumar aghaidh a chur; èifeachdalachd nan ceuman a tha ann an-dràsta aig a bheil mar amas ionnsaigh a thoirt agus stad a chur air dubh-bhrath gnèitheasach air clann a sgrùdadh; agus molaidhean a dhèanamh mu na dh’fheumar dèanamh gus èifeachdalachd nan ceuman sin a leasachadh.

Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach 30 Giblean 2013.

Bu chòir beachdan a chur, uimhir is a ghabhas e dèanamh, ann an cruth dealanach agus ann an riochd MS Word gu petitions@scottish.parliament.uk.

Faodar beachdan a chur ann an cruth cruaidh gu:

Comataidh nan Athchuingean Poblach

T3.40
Pàrlamaid na h-Alba
Dùn Èideann
EH99 1SP

Fios Conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Fiosrachadh a' Phobaill

Lean air twitter sinn @scotparl agus @ParlAlba

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.