Comataidh ag iarraidh faighinn a-mach: Ciamar a ghabhas leasachadh toirt air siostaman-còmhdhail sna coimhearsnachdan?

11.03.2013

Is e mar a bhios daoine a’ siubhal sna coimhearsnachdan aca seach le siostam-còmhdhail poblach coimeirsealta a bhios mar chuspair aig rannsachadh aig Comataidh Pàrlamaid na h-Alba . Is e air a chur air bhog an-diugh le Comataidh Bun-structair is Cur an Seilbh Calpa, tha an rannsachadh ag iarraidh sealltainn a bheil seirbheisean-còmhdhail nan coimhearsnachdan comasach air feumalachdan nan daoine air am bi iad a’ frithealadh a choileanadh ann an dòigh nas fheàrr.

Tha còrr agus 80% de na daoine a chleachdas còmhdhail nan coimhearsnachdan aosta agus/no tha ciorram a’ cur orra agus leis àireamh an t-sluaigh a’ fàs aosta barrachd is barrachd, tha a’ chomataidh mothachail air cho cudromach agus a tha còmhdhail do bheatha dhaoine.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Bun-structair agus Cur an Seilbh Calpa Maureen Watt BPA:

“Tha fios againn gu bheil dol a-mach a chur cèilidh air caraidean is an teaghlach, tadhal air na bùithtean agus frithealadh air coinneamhan deatamach fhèin do shlàinte is do dh’fhallaineachd dhaoine agus, gum faod aonaranachd a bhith dìobhalach.  Is tric nach e gnothach cho soirbh ri turas a dhèanamh a tha ann a bhith a’ gluasad bhon dara h-àite chun an àite eile, gu sònraichte ma tha ciorram no euslaint a’ cur ort agus math dh’fhaodte nach bi e soirbh fiù nuair a bhios slighean-bhusaichean ann.   Ann an cuid de dh’àiteachan, bidh còmhdhail airson nan coimhearsnachdan gach cuid sna bailtean agus air an dùthaich a’ lìonadh beàrn nuair nach eil cothrom air slighean malairteach agus ann an suidheachaidhean far am bi daoine ga fhaighinn doirbh stad-bhusaichean a thoirt a-mach, fiù. 

“Tha a’ Chomataidh mothachail, ge-tà, air an iomagain a tha ann nach eil na seirbheisean seo gan cumail san dòigh a bu chòir dhaibh agus tha sinn ag iarraidh faighinn a-mach carson. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine a tha an eisimeil air seirbheisean-còmhdhail sna coimhearsnachdan agus mu na ceistean a bhios orra. Rud a tha cudromach, tha sinn cuideachd bho na buidhnean-carthannais, na saor-thoilich agus na buidhnean eile sin a bheir na seirbheisean seo seachad agus na prìomh chnapan-starra a tha rin sàrachadh aca nuair a bhios iad a’ feuchainn ris na seirbheisean deatamach seo a thoirt seachad a chomharrachadh.”

Cuiridh a’ Chomataidh sreath de thursan-rannsachaidh an cèill a dh’aithghearr gus eòlas a chur dhaibh fhèin air na dùbhlain a thig air coimhearsnachdan ionadail.  Chì buill seirbheisean-còmhdhail stèidhichte sna coimhearsnachdan ag obair agus comharraichidh iad eisimpleirean sam bith de dheagh chleachdadh far an deach an gnothach a dhèanamh air dùbhlain ionadail agus am bi ullachadh de chòmhdhail-choimhearsnachd ag obrachadh gu math agus an toir e a-mach feumalachdan na coimhearsnachd ionadail. 

Chùm Maureen Watt BPA oirre:

Air feadh na h-Alba, tha eisimpleirean de sheirbheisean mìorbhaileach, ach tha cuideachd coimhearsnachdan air an iomallachadh bho lìonraidhean-còmhdhail agus air ge b’ e dè na h-adhbharan, chan eil coimhearsnachdan ionadail air a bhith comasach air na seirbheisean-còmhdhail air a bheil aca ann an èiginn a chur air bhonn sna coimhearsnachdan. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine a tha a’ fuireach is ag obair ann an coimhearsnachdan agus bidh na beachdan aca mar bhunait ris an rannsachadh againn agus dèanamh cinnteach gun tèid againn air feuchainn ri cuideachadh gus leasachadh a thoirt air an t-suidheachadh dhan fheadhainn as motha air a bhios feum gu tric.”

Bidh a’ ghairm airson fianaise fosgailte gu 19 Giblean, agus an dèidh sin tòisichidh a’ Chomataidh a’ gabhail ri fianais-labhairt air ceistean a thogadh ri linn na gairm airson fianaise.  Tha a’ Chomataidh mothachail air na prìomh cheistean air an deach cuideam a chur ann an sgrùdaidhean roimhe seo, a tha gan toirt gu h-ìseal, agus ag iarraidh gu mòr an deasbad a ghluasad air adhart, na prìomh thàbhachdan a shònrachadh agus buaidh dha-rìribh a thoirt mar thoradh air an rannsachadh seo.

  • Cion dòigh-dèiligidh ro-innleachdail mu chòmhdhail sna coimhearsnachdan agus mun bhuaidh a bheir cion còmhdhail air beatha dhaoine
  • An fhèill a tha a’ fàs air ullachadh còmhdhail sna coimhearsnachdan
  • Cion dòigh-dèiligidh air a co-òrdanachadh le buidhnean Seirbheis Nàiseanta na Slàinte agus luchd-solair còmhdhail sna coimhearsnachdan
  • Slatan-tomhais mu airidheachd air còmhdhail do dh’euslaintich gun èiginn agus na chosgas e don NHS tagsaidhean a chleachdadh.
  • Carbadan-còmhdhail ùra a thoirt a-steach sna coimhearsnachdan agus dealbhadh a mhaoineachadh.
  • Cothrom air sgeamaichean fharaidhean air an lasachadh.

Fios Conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fiosrachadh comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.