Comataidh Bile an Reafrainn ag iarraidh fianaise bho dhaoine òga air Bile Cead Bhòtaidh

12.03.2013

Tha a’ chomataidh aig Pàrlamaid na h-Alba air a bheil an t-uallach sgrùdadh a dhèanamh air an reachdas gus reifreann a chumail air gairm airson fianaise a chur a-mach air Bile Reifreann Neo-eisimeileachd na h-Alba (Cead Bhòtaidh), a chuireas air chomas do dhaoine aig aois 16 is 17 bhòtadh anns an referendum san ath bhliadhna. 

Leis a’ Bhile air Cead Bhòtaidh air fhoillseachadh an-diugh (12 Màrt), thuirt neach-gairm na comataidh Brus Crawford BPA gun robh a’ chomataidh ag cluinntinn gu h-àraidh bho dhaoine òga air ciamar as fheàrr a ruigear air daoine aig aois 16 is 17 nach eil air an glacadh le poilitigs cheana.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Bile Cead Bhòtaidh Brus Crawford BPA:
“Nì a’ chomataidh againn sgrùdadh mionaideach air molaidhean an riaghaltais a thaobh mar a thèid daoine – gu sònraichte daoine òga a bhòtas don chiad uair – a chlàradh.

“Tha sinn ag iarraidh dèanamh cinnteach gu bheil soillearachd iomlan aig a h-uile duine a tha an sàs ann an ullachadh an referenduim  mu na tha a dhìth agus na dh’fheumar lìbhrigeadh. 

“Cuiridh am Bile seo air chomas do dhaoine aig aois 16 is 17 bhòtadh anns an reifreann. Bidh buaidh dhìreach aca air na tha air thoiseach orra a chruthachadh – tha e cho cudromach sin.

Thuirt Mghr. Crawford cuideachd:

“Thairis air a’ Bhile fhèin, bidh e an uair sin an urra ris an fheadhainn uile a bhios a’ coiteachadh anns an reifreinn, air taobh seach taobh na h-argamaid, an uimhir a dhaoine is a ghabhas a bhrosnachadh a dhol air a’ chlàr agus bhòtadh air an latha.”

Thairis air an ath thrì choinneamhan aice, gabhaidh a’ Chomataidh ri fianais-labhairt bho fharsaingeachd de luchd-fianaise – nam measg buill de Phàrlamaid Òigridh na h-Alba, Coimisean nan Taghaidhean agus an Leas-phrìomh-Mhinistear. Ach tha cothrom ann cuideachd do neach sam bith cur ri sgrùdadh na Comataidh air a’ Bhile le bhith a’ cur bheachdan a-steach ann an sgrìobhadh.

Tha beachdan a dhìth mar sin air prionnsapalan coitcheann a’ Bhile bho na daoine is na buidhnean air fad le ùidh sa chùis mas urrainnear ro 22 Màrt agus ann an suidheachadh sam bith gun a bhith nas anmoiche na 12 Giblean.

Comataidh Bile an Reifreinn sgrùdadh an dà chuid air Bile Cead Bhòtaidh agus prìomh Bhile an Reifreinn, aon uair is gu bheilear air a thoirt a-steach dhan Phàrlamaid nas fhaide air a’ mhìos seo.

Gheibhear lorg air a  ghairm airson fianaise air duilleag-dachaigh na comataidh:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/55798.aspx

Fios conaltraidh

Media contact

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.