Ceann-Suidhe Malawi gu bhith toirt a’ chiad chuairt oifigeil mar Cheann na Stàite air Pàrlamaid na h-Alba

18.03.2013

Air Dimàirt 19 Màrt bheir A Foirfeachd Dr Joyce Banda, Ceann-Suidhe Poblachd Malawi, a ciad chuairt oifigeil mar Cheann na Stàite do Phàrlamaid na h-Alba.

Tha a’ chuairt a’ tachairt aig an aon àm ’s a thathar a’ cuimhneachadh breith Dhàibhidh MhicDhunlèibhe (David Livingstone)bho chionn dà cheud bliadhna. Rè na cuairte bheir Ceann-Suidhe Malawi òraid do bhuill na pàrlamaid, do dh’aoighean ’s do bhuill den phoball.

’S e an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA, a chuireas fàilte air a’  Cheann-Suidhe gu foirmeil don Phàrlamaid. Thuirt i:

“Tha Pàrlamaid na h-Alba agus Seanadh Nàiseanta Malawi air a bhith ag obair còmhla gu càirdeil ’s gu h-adhartach thar nam bliadhnachan. Tha am brosnachadh ’s an deagh eisimpleir a thug an Ceann-Suidhe Banda do chàch air a bhith iongantach. Choisrig i a beatha do chòrichean bhoireannach ’s do chothroman air foghlam do na h-uile. ’S e a’ bhuil a bh’ ann gun deach a taghadh mar a’ chiad Cheann-Stàite boireann ann an ceann a-deas Afraga. Bheir e tlachd nach beag dhomh an Ceann-Suidhe Banda fhàilteachadh gu Taigh an Ròid.”

Air Dihaoine 15 Màrt thòisich Sarah Boyack BPA ’s an t-Oifigear Riaghlaidh a bha san dreuchd roimhe, an Fìor Urr. Ailig Fearghastan BPA, cuairt còig latha air Malawi mar phàirt den cheangal leantainneach a th’ aig Pàrlamaid Alba ris an dùthaich. Anns an t-Seanadh Nàiseanta nì iad bùth-obrach air sgrùdadh buidseatach stèidhte air an eisimpleir aig Pàrlamaid na h-Alba. Bheir iad cuideachd cuairt air suidheachain nam “Paidhrichean Pàrlamaideach” aca, cumaidh iad conaltradh ri buill na dàlach mun dreuchd a th’ aig luchd-pàrlamaid ann a bhith a’ sgrùdadh phoileasaidhean gus freagairt ri atharrachadh clìomaid, agus gabhaidh iad pàirt ann an tachartasan ann an Lilongwe ’s ann am Bàgh Nkhata mun dà cheud bliadhna bho rugadh MacDhunlèibhe.

Gabhaidh Pàrlamaid na h-Alba a car fhèin le bhith a’ cur fàilte air dà bhall-dàlach Mhalawianach airson cuairt seachdain. Bheir Albert Thindwa agus Kaphamtengo Yona taic do chuairt a’ Chinn-Shuidhe agus coinnichidh iad ris na “Paidhrichean Pàrlamaideach” aca, Cairistìona NicShealbhaich BPA agus an Dr Richard Simpson BPA. Mar phàirt den phrògram aca bidh iad an làthair aig cùisean Pàrlamaideach agus siùbhlaidh iad gu suidheachain nam BPA a dh’fhaicinn na h-obair-chùise a bhios Buill a’ gabhail os làimh.

Tha dùil gum bi ceanglaichean eadar an dà Phàrlamaid air an daingneachadh tuilleadh nuair chuireas Pàrlamaid na h-Alba fàilte air dà oifigeach bho Dhàil Mhalawi air Diluain 4 Màrt – clèireach comataidh agus oifigeach o oifis an Labhraiche. Rè na cuairt mhìos aca gheibh iad taic agus coidseadh bho luchd-obrach Pàrlamaid agus thèid iad an sàs an diofar ghnìomhan sa Phàrlamaid Albannaich a fhreagras air na dreuchdan aca san Dàil Nàiseanta.

Bidh òraid a’ Chinn-Shuidhe Banda air a lìon-chraoladh beò air làrach Pàrlamaid Alba aig 11:30.

Cùl-fhiosrachadh

Thadhail an Ceann-Suidhe Banda air Taigh an Ròid san t-Samhain 2006 na dreuchd mar Mhinistear Cùisean Cèine aig an àm sin.

Am measg chuairtean a thug Cinn-Stàite eadar-nàiseanta roimhe tha:

Samhain 2006 – Ceann-Suidhe Kaczyński na Pòlainn

Iuchar 2006 – Ceann-Suidhe Adamkus na Liotuaine

Iuchar 2006 – Ceann-Suidhe Rüütel na h-Eastòine

Samhain 2005 – Ceann-Suidhe Mutharika à Malawi

Faoilleach 2005 – Ceann-Suidhe Marović na Seirbe ’s Montenegro

Gearran 2002 – Ceann-Suidhe Sampaio à Portugal

Ògmhios 2001 – Ceann-Suidhe Mbeki à Afraga a-Deas

Cèitean 2000 – Ceann-Suidhe Muluzi à Malawi

Sultain 2000 – Ceann-Suidhe Rawlings à Ghana

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.