Bile Drochaid an Fhoirthe ri a cùrsa

18.03.2013

Tha na h-ullachaidhean san àm ri teachd mu stiùireadh is cumail suas Drochaid an Fhoirthe air aonta fhaighinn ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Bun-structair is Tasgadh Calpach aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an Aithisg aig Ìre 1 leis a’ Chomataidh air Bile Drochaid an Fhoirthe air moladh do Phàrlamaid na h-Alba gun tèid aonta a chur ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile. Ma dh’aontaicheas a’ Phàrlamaid ris a’ Chomataidh nuair a nì i deasbad air a’ Bhile sa Mhàrt, thèid am Bile air adhart don ath ìre-sgrùdaidh aige.  

Is e prìomh amas a’ Bhile ullachadh a dhèanamh mu stiùireadh is cumail-suas Drochaid an Fhoirthe mar chuid de ro-innleachd fharsaing Riaghaltas na h-Alba gus lìonra-còmhdhail thar an Fhoirthe ùrachadh. Tha e na amas Ùghdarras-còmhdhail Inbhir Abhainn Fhoirthe (FETA) a tha a’ dèanamh stiùireadh an-dràsta air Drochaid an Fhoirthe a chur mu sgaoil, agus a chuid uallachaidhean a chur a-null gu obraiche-drochaid (bridge operator) a chuireas Ministearan na h-Alba an dreuchd. Nì an t-obraiche ùr seo stiùireadh is gleidheadh air Drochaid an Fhoirthe a tha ann an-dràsta agus Tarsainn ùr an Fhoirthe le chèile.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Maureen Watt BPA:

Tha a’ Chomataidh againn mothachail air cuideam a’ Bhile seo mar mhìr bunaiteach ann an adhartas gus amas Riaghaltas na h-Alba ro-innleachd air a co-òrdanachadh is a stiùireadh mu tharsainn an Fhoirthe a lìbhrigeadh a thoirt a-mach.

“A’ leantainn air an fhianais a chuala sinn, tha sinn den bheachd gur h-e aon chompanaidh-obrachaidh air an drochaid an dòigh-dèiligidh as iomchaidh agus as èifeachdaiche a thaobh chosgaisean mu stiùireadh ’s gleidheadh air an tarsainn a tha ann an-dràsta agus an tarsainn ùr le chèile. Chaidh a dhaingneachadh às ùr dhuinn gum faod luchd-obrach FETA dol a dh’obair aig an obraiche ùr agus gun tèid an t-eòlas-obrach is am fiosrachadh luachmhor aca a ghleidheadh, a’ dèanamh cinnteach gum bi eileamaid làidir de leantainneachd ann.

San aithisg cuideachd, chunnaic agus ghabh a’ Chomataidh ris an aithris gu math soilleir bhon Ministear airson Còmhdhail a dhaingnicheas gun gabh Riaghaltas na h-Alba an t-uallach gus dleastanasan FETA a thoirt a-mach, feadhainn sam bith ag èirigh à togail spor an M9 a’ dlùthachadh ri Drochaid an Fhoirthe nam measg. Tha Comhairle Cathair-bhaile Dhùn Èideann air ceist a thogail gur dòcha gum biodh i fo fhiachan (liable) airson tagraidhean-dìolaidh gun phàigheadh ceangailte ris an obair seo an dèidh do FETA a bhith air a chur mu sgaoil. Tha a’ Chomataidh den bharail gum biodh e cuideachail nan toireadh Riaghaltas na h-Alba comhairle fhoirmeil don Chomhairle mun t-suidheachadh mus tèid am Bile tron phàrlamaid gu lèir.

Dh’aontaich a’ Chomataidh ris a’ mholadh anns a’ Bhile cuideachd gum bu chòir gum fàsadh an rathad os cionn Drochaid an Fhoirthe na phrìomh rathad. Tha i cuideachd ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba barrachd fiosrachaidh a thoirt air mar a thèid na planaichean aige gum mair an cunnradh ùr mu rianachd agus ghleidheadh còig bliadhna leis a’ chumail-suas a tha ann an-dràsta a dh’fhaodadh mairsinn suas ri còig bliadhna deug.

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Bile Drochaid an Fhoirthe a thoirt a-steach le Rùnaire a’ Chaibineit airson Bun-structair, Tasgadh agus Bailtean-mòra, Nicola Sturgeon BPA, air 11 Dùbhlachd 2012.

A rèir  an raoin-ama ris an do chuir a’ Phàrlamaid aonta, feumaidh am Bile crìoch a chur air an sgrùdadh aige aig Ìre 1 ro 29 Màrt 2013.

Barrachd fiosrachaidh mun Bhile:

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/Bills/57376.aspx

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.