Taic bho Chomataidh an Ionmhais ri Cìs ùr ‘Dlighe-stampa’

27.03.2013

Tha Comataidh an Ionmhais air a taic a chur ris na prionnsapalan coitcheann ann am Bile Cìs Dìoghladh Fearainn is Thogalaichean (Alba) ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Bheir am Bile, a tha toirt a-steach na chuireas Alba an àite nan cìsean air dlighe-stampaichean, na riaghailtean is an cruth a chuireas cìs air neach sam bith a cheannaicheas, a bheir air gabhail no a bheir còraichean eile (leithid roghainn gus ceannach) air fearann is seilbh ann an Alba.

 

Chuir a’ Chomataidh cuideam air an taic aice, agus taic luchd-fhianaise, gus siostam-cìse “adhartach” a thoirt a-steach mar chuid den Bhile. Bidh an cruth a’ ciallachadh nach bi ach an cuibhreann den phrìs os cionn na stairsnich ri phàigheadh aig an ìre-chìseachaidh as àirde.  Tha an gluasad air falbh bho chruth nan “leac” gu fear sam bi banna-ìre neoni agus co-dhiù dà bhann eile air a bhith air ainmeachadh a bhith nas cothromaiche.

 

Chuir a’ Chomataidh taic cuideachd ri dòigh-dèiligidh a’ Bhile a thaobh a bhith a’ bruthadh sìos air seachnadh-cìse air dìoghladh fearainn is thogalaichean ann an Alba. Bheir i dearcnachadh cuideachd air toirt-gu-buil is lìbhrigeadh a’ Bhile agus dh’iarr i ùrachadh cunbhalach bho dà eagrachadh bhunaiteach, Teachd-a-steach Alba agus Clàran a h-Alba.

 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh an Ionmhais Coinneach Gibson BPA:

 

“Is e am Bile seo a’ chiad fhear a-mach à trì Bilean air an gabh Comataidh an Ionmhais beachd mu sgaoileadh nan cumhachdan ùra nach beag a thaobh ionmhais gu Pàrlamaid na h-Alba an dèidh Achd na h-Alba 2012

 

“Tha sinn toilichte taic a chur ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile a bheir a-steach dòigh-dèiligidh nas cothromaiche is nas adhartaiche mu ‘dhlighe-stampaichean’ agus a bheir aghaidh air seachnadh-cìse air ceannach is reic fearainn is maoine ann an Alba.”

 

Cùl-fhiosrachadh

Is e seo a’ chiad fhear a-mach à trì Bilean a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt a-steach mar bhuil air Achd na h-Alba 2012. Thathar ri Bile Cìs Lìonadh-fearainn a thoirt a-steach anns a’ Ghiblean agus tha Bile Rianachd-cìse gu bhith ga thoirt a-steach as t-Fhoghar 2013.

Leugh an aithisg

  • Stage 1 Report on the Land and Buildings Transaction Tax (Scotland) Bill

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fiosrachadh comataidh

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.