Teagasg nan cànanan-cèin gu bhith na adhbhar-deasbaid aig Taigh an Ròid

29.03.2013

Bidh teagasg nan cànanan-cèin ann am bun-sgoiltean na h-Alba mar chuspair aig co-labhairt a thèid a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba sa Chèitean 2013.

Cumaidh Comataidh Eòrpach agus Dàimhean A-muigh an tachartas mar phàirt den rannsachadh aice air a’ mholadh bho Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghoirid cur ri teagasg nan cànanan-cèin sna bun-sgoiltean. Bheir e còmhla luchd-pàrlamaid agus an fheadhainn a tha an sàs ann an ionnsachadh-cànain gus deasbad a chumail air toraidhean bunaiteach a thàinig à rannsachadh na comataidh. 

 

Agus e fosgailte do na h-uile aig a bheil ùidh ann am foghlam-cànain, biodh e mar phàrant, mar neach-teagaisg no mar leasaichean-poileasaidh, thèid a' cho-labhairt a chumail madainn Dihaoine 10 Cèitean 2013 aig Pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann.  A’ labhairt air beulaibh na co-labhairt tha triùir de phrìomh luchd-labhairt:

 

  • Mgr Jan Truszczyński, Stiùiriche Buidheann Cultair agus Foghlaim, Coimisean na h-Eòrpa;
  • Mgr Waldemar Martyniuk, Stiùiriche-gnìomha Ionad na h-Eòrpa airson Nuadh-chànanan Chomhairle na h-Eòrpa; agus
  • An t-Oll. Alasdair Allan BPA, Ministear Riaghaltas na h-Alba airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba.

 

A’ bruidhinn ron tachartas, thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona NicEalbhaidh BPA:

 

“Thug an rannsachadh air feadh na dùthcha sinn a’ coinneachadh ri clann-sgoile, pàrantan agus luchd-teagaisg. Sna coinneamhan foirmeil againn, chuala sinn fianais bho luchd-poileasaidh agus bho eòlaichean-cànain. Cuidichidh a’ cho-labhairt seo sinn gus na seallaidhean sin air fad a thoirt còmhla gus rannsachadh a dhèanamh air na ceistean air a bheilear air cuideam a chur thugainn agus bu mhath leinn cuireadh a thoirt do na h-uile aig a bheil ùidh sa chùis dol an sàs anns na deasbadan againn air 10 Cèitean. Tha e iomchaidh ar leinn a bhith ga chumail dìreach an dèidh Latha na h-Eòrpa agus, rud a tha cudromach, leigidh e leinn barrachd sgrùdaidh a dhèanamh air na ceistean mus toir sinn aithisg do Riaghaltas na h-Alba air na toraidhean againn.”

 

Am measg nan ceist air an d’rinn a’ Chomataidh sgrùdadh, tha:

1.    Maoineachadh (agus cleachdadh maoineachadh Aonadh na h-Eòrpa)

2.    An ìre de dh’eòlas agus de ghoireasan-teagaisg air a bheil cothrom airson teagasg-chànanan

3.    An comas anns a’ chlàr-oideachaidh barrachd sgrùdaidh air cànanan a thoirt a-steach

4.    Roghainn nan cànanan rin teagasg

5.    An t-àite a tha aig cànanan ann an leasachadh eaconamach

 

An dèidh na co-labhairt, gabhaidh a’ Chomataidh beachd air an fhianais air fad a thogar à tursan-sgoile, fianais fhoirmeil, deasbaireachd air na meadhanan sòisealta agus bhon cho-labhairt fhèin. Tha dùil ri aithisg dhan Phàrlamaid ro dheireadh an Ògmhios. 

 

Am measg nan sgoiltean air an deach tadhal ri linn an rannsachaidh, tha:

 

  • Bun-sgoil Dhail Mheàrnaig, Glaschu mheadhanach/an ear (14 Dùbhlachd 2012) air an do thadhail Cairistìona NicShealbhaich BPA agus Hanzala Malik BPA.

 

  • Bun-sgoil Ealasaid, Eddlewood, faisg air Hamaltan (25 Faoilleach 2013) air an do thadhail Cairistìona Shealbhaich BPA agus Clare NicAdhaimh BPA.

 

  • Bun-sgoiltean Bhaile Meireanach agus an Luachair, Fìobha an ear is a Tuath (18 Gearran 2013) air an do thadhail Ruairidh Caimbeul BPA.

 

  • Bun-sgoiltean Dharbhail agus Kilmaurs, Siorrachd Inbhir Àir an Ear (8 Màrt 2013) air an do thadhail Uilleam Ó Cofaigh (Coffey) BPA.

 

  • Bun-sgoil Chnoc nam Meacan, Cnoc nam Meacan,Talla na h-Uiseig, air an do thadhail Cairistìona NicShealbhaich BPA agus Clare NicAdhaimh BPA.

 

  • Bun-sgoil Taobh Loch Lòchaidh, An Gearastan, A’ Ghàidhealtachd (18 Màrt 2013) air an do thadhail Jamie MacGriogair BPA.

 

  • Bun-sgoil Dhùnadh Breasail (Donibristle), Bàgh Dhealgadaidh, Fìobha (25 Màrt 2013) air an do thadhail Eilidh Eadie BPA.

 

Bu chòir do neach sam bith a tha ag iarraidh frithealadh fios a chur dhan Phàrlamaid ro 19 Giblean gus àite a chur an dara taobh. Cuiribh fios gu Eileen Martin no Natalie Ross le post-dealain:

Languages.inquiry@scottish.parliament.uk  no air fòn gu: 0131 348 5191.

 

Cùl-fhiosrachadh

Tha e san amharc aig Riaghaltas na h-Alba cur air chomas do dhaoine òga uile dà chànan ionnsachadh (cho math ri cànan glùin na màthar aca) fhad is a tha iad anns a’ bhun-sgoil. Tha am moladh seo ag èirigh às na molaidhean san aithisg aig Buidheann-obrach Chànanan Pàrlamaid na h-Alba, ‘Language Learning in Scotland: A 1 + 2 Approach’. Mhol a’ Bhuidheann-obrach gum bu chòir gun ionnsaicheadh clann dara cànan bho Bhliadhna 1 sa bhun-sgoil agus gum bu chòir tòiseachadh air treas cànan ionnsachadh ann am Bliadhna 5 air a’ char as anmoiche. 

 

Tha barrachd fiosrachaidh agus fios mionaideach bho fhianais air an deach beachd a ghabhail ri fhaotainn air duilleagan-dachaigh na Comataidh.

Fios conaltraidh

Fios do na Meadhanan

 

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.