Taigh an Ròid a’ chiad Phàrlamaid riamh gus taisbeanadh le Andy Warhol a chumail

07.04.2013

Andy Warhol: Poball, Cumhachd agus Poilitigs

Don chiad uair aig Pàrlamaid sam bith, tha Pàrlamaid na h-Alba gus taisbeanadh de bharrachd is dà fhichead saothair-ealain le Andy Warhol a chumail, is e a-mach air cumhachd is poilitigs.

A’ gabhail a-steach saothair-sgàilein Andy Warhol Samhain 22 1963 mu mhurt Iain F. Cheanadaich agus an dealbh leis de dh’fhear-carthannais na h-Alba is America Andrew Carnegie, thathar air an taisbeanadh a thaghadh gu cùramach gus a nochdadh aig a’ Phàrlamaid agus tha mòran den t-saothair ga sealltainn ann an Alba don chiad uair.

Tha am fios mun taisbeanadh air leth seo air nochdadh an dèidh aonta ris an do chuir an t-Oifigear-riaghlaidh am Fìor Urramach Tricia Marwick BPA agus Cathraiche Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte, Angus Hogg ainmean an-diugh le Eric Shiner, Stiùiriche Taigh-tasgaidh Andy Warhol ann am Pittsburgh.

Chaidh a’ choinneamh a chumail rè clàr Seachdain na h-Alba aig an Oifigear-riaghlaidh agus an dèidh an fhios an-uiridh gun tilleadh Bonn-carthannais Charnegie ri Taigh an Ròid ann an 2013.

A’ bruidhinn à Pittsburgh, thuirt an t-Oifigear-riaghlaidh am Fìor Urramach Tricia Marwick BPA:

“Tha e na thoileachas mòr dhomh ainm a chur ris an aonta seo a bheir còrr is dà fhichead mìr iomraiteach de shaothair Warhol gu Pàrlamaid na h-Alba, gu sònraichte san eòlas gur h-e sinne a’ chiad Phàrlamaid riamh aig an robh e mar urram a leithid a dhèanamh. Is e cothrom air leth a tha ann sealltainn air saothair Warhol agus e a-mach air an àite aig cumhachd is poilitigs anns an t-saoghal sam beò sinn, an taobh a-staigh dachaigh na deasbaireachd ann an Alba, a’ Phàrlamaid againn.

“Mar chuideigin a thug ceum a-mach bho Oilthigh Charnegie Mellon, fhuair Andy Warhol buannachd bho dhìleab Andrew Charnegie. Tha e iomchaidh mar sin gum bi an taisbeanadh seo mar chuid de shreath ghnothaichean gus dìleab Andrew Charnegie air feadh na cruinne a chomharrachadh aig Taigh an Ròid. A bharrachd air a bhith ag ionnsachadh barrachd mu shaothair Warhol, faodaidh luchd-tadhail ionnsachadh mu bheatha Andrew Charnegie agus mar a bhrosnaich a chuid carthannais na ceudan air dà thaobh a’ Chuain Mhòir. Tha mi an dòchas gun tadhail na h-uidhir de dhaoine is a ghabhas air Taigh an Ròid gus sealltainn air an taisbeanadh, an dà chuid à Alba agus à crìochan nas fhaide air falbh.”

Thèid an taisbeanadh a chumail aig Taigh an Ròid bho Dhihaoine 4 Dàmhair gu Didòmhnaich 3 Samhain, nuair a bhios ‘Andrew Carnegie International Legacy: Shaping the Future’ ga ruith aig Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt Cathraiche Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte, Angus Hogg:

“Chunnaic Andrew Carnegie sam biodh sìth, fallaineachd agus cothroman agus tha muinntir Charnegie air feadh na cruinne air barrachd is ceud bliadhna agus airgead mòr ann an cruth corporra, sòisealta, cultarail is inntleachdail an t-saoghail againn. Tha sinn air a bhith a’ cur air adhart cothrom air na h-ealainean is air cultar o chionn fhada.

“Is e an cuspair a bhios mar bhunait ris an fhèis againn na dùbhlain a tha a’ tighinn am bàrr san linn seo agus an t-àite a tha aig carthannas ann an saoghal an latha an-diugh. Bidh muinntir Charnegie an latha a tha ann an-diugh a’ toirt ionnsaigh air na ceistean a thig air na coimhearsnachdan far a bheil iad agus nì an fhèis eadar-nàiseanta againn comharrachadh air obair charthannach air feadh na cruinne.”

Thuirt Eric Shiner, Stiùiriche aig Taigh-tasgaidh Andy Warhol ann am Pittsburgh:

“Thathar air na mìrean a bhios sinn a’ sealltainn le Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte a thaghadh gus an ìre làn de bheatha is de shaothair Warhol a nochdadh. Tha feadhainn dhiubh gu math aithnichte agus bheir feadhainn eile an cothrom do phoball Bhreatainn barrachd ionnsachaidh mun dòigh san do ghabh Warhol gnothach ris an ealain agus ris a’ bheatha. Tha sinn gu math riaraichte a bhith a’ sealltainn beagan den taisbeanadh bhuan againn – is dòcha gur h-e seo an aon chothrom a bhios aig cuid de dhaoine san Rìoghachd Aonaichte saothair thùsail Warhol fhaicinn.”

Cùl-fhiosrachadh

Fosglaidh taisbeanadh Warhol clàr nan cur-seachadan airson ‘Andrew Carnegie International Legacy: Shaping the Future’ is e na chomharrachadh fad sia seachdainean deug den bhuaidh mhòir a dh’fhàg fear-carthannais na h-Alba is America Andrew Carnegie agus an lìonra air feadh na cruinne de bhuidhnean-carthannais aig deireadh na 19mh linn agus toiseach na 20mh linn.

Còmhla ri Pàrlamaid na h-Alba, tha Urrasan Charnegie na Rìoghachd Aonaichte ag obair air clàr de thachartasan, thaisbeanaidhean, cho-labhairtean agus de ghnothaichean gan cumail aig Taigh an Ròid bhon Dàmhair 2013 chun an Fhaoillich 2014. Nochdaidh an obair seo a’ bhuaidh inntleachdail is shòisealta a dh’fhàg obair a chaidh a dhèanamh comasach le taic Charnegie agus tha i mar chothrom deasbad a chumail mu na dùbhlain a tha a’ tighinn am bàrr san linn seo agus mun àite a tha aig obair charthannach.

Tha seo a’ gabhail a-steach (a rèir nan ceann-latha);

  • Còmhla ri Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte, cumaidh Pàrlamaid na h-Alba taisbeanadh sònraichte mu Warhol – ‘Andy Warhol: Poball, Cumhachd is Poilitigs’ (a’ ruith bho 4 Dàmhair gu 3 Samhain)
  • Ann an com-pàirteachas ri Urrasan Charnegie na Rìoghachd Aonaichte agus le taic bho Chorparaid Charnegie New York, cumaidh Pàrlamaid na h-Alba taisbeanadh mar Dhìleab – ‘Andrew Carnegie: The legacy that changed the world’ (a’ ruith bho 15 Dàmhair 2013 gu 25 Faoilleach 2014). Nì e sgrùdadh air obair charthannach Charnegie a’ bualadh air foghlam, sìth, poilitigs, saidheans is cultar. 
  • Ann an com-pàirteachas ri Urrasan Charnegie na Rìoghachd Aonaichte agus muinntir Charnegie air feadh na cruinne, cumaidh Pàrlamaid na h-Alba sreath de cho-labhairtean agus de dheasbadan air caochladh cheistean eadar-nàiseanta le daoine à buidhnean Charnegie air feadh an t-saoghail agus eòlaichean is luchd-breithneachaidh sna raointean aca.
  • Bonn-carthannais Charnegie (17 Dàmhair) – Mar a chaidh a chur an cèill ri linn Seachdain na h-Alba ann an 2012, thèid an comharrachadh seo a chumail aig Taigh an Ròid am-bliadhna. Chaidh Bonn-carthannais Charnegie a stèidheachadh ann an 2001 gus ceud bliadhna de charthannas foirmeil Andrew Charnegie a chomharrachadh. Tha luchd-buinn gan ainmeachadh le buidhnean Charnegie gu lèir air feadh nan Stàitean Aonaichte is na h-Eòrpa agus gan taghadh le Comataidh air a dèanamh suas le riochdairean bho shia de na buidhnean sin.  Tha am Bonn ga bhuileachadh a h-uile dara bliadhna gus daoine is teaghlaichean a tha air a bhith ri carthannas gu sònraichte is gu seasmhach a chomharrachadh. Tha a’ Chomataidh-taghaidh airson 7mh Bonn-carthannais Charnegie air a dèanamh suas de cheathrar bhall seasmhach – Corparaid Charnegie New York, Buidheann Charnegie airson Sìth Eadar-nàiseanta, Buidheann-saidheans Charnegie agus Buidheann Charnegie airson Oilthighean na h-Alba – agus dà bhall a bhios a’ dol air a chomataidh nuair a thig cuairt nan duaisean air lom.  Air a’ chomataidh am-bliadhna tha Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte agus Coimisean-maoineachaidh nan Gaisgeach. 

Contact information 61874

Media information

Sally Coyne: 0131 348 6265

Text Relay calls welcome

sally.coyne@scottish.parliament.uk

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.