An t-Oifigear Riaghlaidh air bonn a chosnadh bho Mhaoin nan Gaisgeach aig Muinntir Charnegie

08.04.2013

Ri linn dhi tadhal air Pittsburgh mar chuid de chlàr Seachdain na h-Alba aig Pàrlamaid na h-Alba, fhuair an t-Oifigear Riaghlaidh am Fìor Urramach Tricia Marwick, air dheis, Bonn- comharrachaidh Ceud Bliadhna bho Sybil Veeder, Cathraiche air Comataidh-gnìomha Choimisean Maoin nan Gaisgeach aig Muinntir Charnegie.

Ann an 2004, chruthaich Maoin nan Gaisgeach aig Muinntir Charnegie ann am Pittsburgh, dìreach 500 ‘Bonn-comharrachaidh Ceud Bliadhna’ gus ceud bliadhna bho chaidh a stèidheachadh le Anndra Carnegie air 15 Giblean 1904 a chomharrachadh. Is e àireamh a’ bhuinn a chaidh a bhuileachadh air an Oifigear Riaghlaidh 413.

Bidh an Coimisean ag aithneachadh gaisge phoblach air feadh nan Stàitean Aonaichte is Chanada agus tha am bonn-cuimhneachain na amhladh de bhonn Charnegie ann an 1904. Chaidh am bonn a bhuileachadh air an Oifigear Riaghlaidh mar aithneachadh air an taic a chuireas a’ Phàrlamaid ris an obair aige agus a bhith a’ cruthachadh cheanglaichean eadar muinntir Charnegie, Alba agus a’ Phàrlamaid aice. 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.