Sgrùdadh Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-nuadhachadh air Siorrachd Inbhir Àir a Deas

09.04.2013

Bithear a’ sgrùdadh comas choimhearsnachdan cuideachadh dèanamh cinnteach gun tèid na seirbheisean poblach as fheàrr a lìbhrigeadh aig Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-nuadhachadh o Phàrlamaid na h-Alba agus i a’ tadhal air Siorrachd Inbhir Àir a Deas air Diluain 15 Giblean.

 

an turais, a tha mar phàirt de rannsachadh na Comataidh air ath-leasachadh sheirbheisean poblach, coinnichidh a’ Chomataidh ri buill dhen choimhearsnachd ionadail gus am beachdan a chluinntinn mu mar a bhithear a’ lìbhrigeadh sheirbheisean poblach, leithid seirbheisean sòisealta, slàinte, taigheadais, poileis is smàlaidh.

Tadhailidh buill na Comataidh air a’ Mhagh Bhaoghail (Maybole) an toiseach gus sealladh fhaotainn dhe mar a bhios ùghdarachadh coimhearsneachd ag obair san dà-rìribh. Coinnichidh a’ Chomataidh riuthasan a tha an-sàs ann am Pròiseact  Lorg Ceuma a’ Mhaigh Bhaoil, ro-innleachd a tha a’ rannsachadh an gabh goireasan spòrs is caitheamh-aimsire a thoirt a-null on ùghdarras ionadail gu bhith ann an seilbh na coimhearsnachd. Cuideachd, cumaidh a’ Chomataidh seisean dol-an-sàs coimhearsnachd gus cluinntinn gu dìreach on fheadhainn a tha a’ còmhnaidh ’s ag obair ann an Siorrachd Inbhir Àir a Deas mun a’ bhuaidh a bhios aig seirbheisean poblach air am beatha.

a’ phàirt mu dheireadh dhen latha, cumaidh a’ Chomataidh coinneamh phoblach fhoirmeil far an tèid èisteachd ri fianais o luchd-oifigeil ’s o riochdairean coimhearsnachd às Siorrachd Inbhir Àir a Deas mu dhòighean ùra air seirbheisean a lìbhrigeadh.

 Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA:

“Tha a bhith a’ leigeil le coimhearsnachdan na lìbhrigear de sheirbheisean ’s mar a ruithear iad a rèiteachadh glè chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun coilean a h-uile seirbheis phoblach feumalachdan nan daoine sin air am bi iad a’ frithealadh.

“Tha sinn uile mothachail leis an teannas air goireasan gu bheil e tòrr nas cudromaiche gum bi seirbheisean do dhaoine coitcheann a’ lìbhrigeadh luach an airgid cho mòr ’s a ghabhas. Le bhith a’ coinneachadh ri daoine o chridhe choimhearsnachdan leithid Siorrachd Inbhir Àir a Deas, cluinnidh ar Comataidh mu mar a lìbhrigear na seirbheisean aca agus mar a dh’fhaodas daoine a bhith cinnteach gu bheilear a’ faotainn luach an airgid asta.”

Thuirt an t-Ollamh Seamus McDaid CBE, Prìomh-oide is Iar-Sheansailear Oilthigh Taobh Siar na h-Alba (OTSA):

“Tha sinn glè thoilichte a bhith air cheann coinneamh fhoirmeil phoblach Chomataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-nuadhachadh air Àrainn Inbhir Àir againn.

“Tha prìomh ròl aig OTSA ann an leasachadh eaconamach, sòisealta is cultarach nan coimhearsnachdan sin air am bi sinn a’ frithealadh, agus tha sinn toilichte on is ann an seo a chumar an tachartas gu bheil e nar comas cuideachadh a thoirt don Chomataidh chudromach seo on Phàrlamaid.”

 Ri linn an turais, bidh a’ Chomataidh cuideachd a’ rannsachadh mar a bheir Am Bile Ùghdarachadh is Ath-nuadhachadh Coimhearsnachd, a thig gu bith a dh’aithghearr, taic a thaobh lìbhrigeadh sheirbheisean poblach do choimhearsnachdan. 

Cùl-fhiosrachadh

Bu chòir dhaibhsan a tha ag iarraidh frithealadh air an t-seisean dol-an-sàs coimhearsnachd air neo air coinneamh na Comataidh dol an conaltradh ri clèireach na Comataidh air post-d aig:

lgr.committee@scottish.parliament.uk

Tha turas na Comataidh mar phàirt den rannsachadh aca air Ath-leasachadh Sheirbheisean Poblach. Tha an dual deireannach den rannsachadh, am pàirt a tha air chois an ceart-uair, a’ toirt sùil air dòighean ùra san gabh lìbhrigeadh sheirbheisean poblach a leasachadh gus dèanamh cinnteach gum faigh luchd-cleachdaidh sheirbheisean agus coimhearsnachdan a’ bhuil as fheàrr.

Bha Dual 1 de rannsachadh na Comataidh a’ dìreadh air com-pàirtichean 's air builean.

Bha Dual 2 a’ coimhead air tomhais is ìrean coileanaidh - dòigh air deagh chleachdadh ainmeachadh agus a cho-roinn - agus mar a chuireas seo ri coileanadh ùghdarrasan ionadaile ann a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheisean poblach na h-Alba.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun rannsachadh air duilleagan làrach-lìn na Comataidh:

http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheanpàrlamaid/Comataidhean-an-dràsta/56442.aspx

Bithear a’ cumail co-chomhairleachadh air dreachd Bhile Ùghdarachadh is Ath-nuadhachadh Coimhearsnachd as t-samhradh 2013 agus thèid a chur fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba nas fhaide air adhart sa bhliadhna.

Contact information 62016

Media information

  • Linda Peters: 0131 348 6269
  • Text Relay calls welome
  • linda.peters
    @scottish.parliament.uk

Committee information

  • Seán Wixted: 0131 348 5223
  • Text Relay calls welcome 
  • sean.wixted
    @scottish.parliament.uk

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.