Siubhal sa choimhearsnachd ionadail

12.04.2013

Dè cho soirbh ’s a tha siubhal ann an coimhearsnachdan ionadail na h-Alba ma tha thu suas ann am bliadhnaichean agus / no ma tha ciorram a’ cur ort gus a bheil e doirbh dhut cothrom fhaighinn air còmhdhail phoblach? Is e seo an dùbhlan a tha ga sgrùdadh le Comataidh Bun-structair is Tasgadh Calpach aig Pàrlamaid na h-Alba.

Mar chuid de rannsachadh na Comataidh, thèid coinneamhan a chumail ann an ceithir sgìrean:

Annta seo, coinnichidh na Buill ri riochdairean bho chaochladh de luchd-pàirteachaidh, ùghdarrasan ionadail, luchd-obrachaidh, riochdairean is luchd-cleachdaidh còmhdhail sa choimhearsnachd nam measg. Tha iad ag iarraidh cluinntinn mu dhuilgheadasan a thig air luchd-cleachdaidh is luchd-solair còmhdhail sna coimhearsnachdan ann an Alba agus cuideachd eisimpleirean a chomharrachadh far a bheil a’ soirbheachadh gu math le seirbheisean.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Bun-structair is Tasgadh Calpach Maureen Watt BPA:

“Tha fios againn gu bheil dol a-mach a chur cèilidh air caraidean is an teaghlach, tadhal air na bùithtean agus frithealadh air coinneamhan deatamach fhèin do shlàinte is do dh’fhallaineachd dhaoine. Mura tèid agad air seo a dhèanamh, faodaidh an aonaranachd a dh’èireas a bhith gu math làidir.

Air feadh na h-Alba, tha eisimpleirean de sheirbheisean mìorbhaileach, ach tha cuideachd coimhearsnachdan air an iomallachadh bho lìonraidhean-còmhdhail agus air ge b’ e dè na h-adhbharan, chan eil coimhearsnachdan ionadail air a bhith comasach air na seirbheisean-còmhdhail air a bheil aca ann an èiginn a chur air bhonn sna coimhearsnachdan. Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhaoine a tha a’ fuireach is ag obair ann an coimhearsnachdan agus bidh na beachdan aca mar bhunait ris an rannsachadh againn agus dèanamh cinnteach gun tèid againn air feuchainn ri cuideachadh gus leasachadh a thoirt air an t-suidheachadh don fheadhainn as motha air a bhios feum gu tric.”

Tha còrr agus 80% de na daoine a chleachdas còmhdhail nan coimhearsnachdan aosta agus/no tha ciorram a’ cur orra agus leis àireamh an t-sluaigh a’ fàs aosta barrachd is barrachd, tha a’ chomataidh mothachail air cho cudromach agus a tha còmhdhail do bheatha dhaoine. Tha iad an dòchas gum faigh iad seirbheisean-còmhdhail sna coimhearsnachdan a tha a’ dol gu math, agus na duilgheadasan a chuireas stad air feadhainn eile a bhith soirbheachail a nochdadh.

Tha a’ Chomataidh air gairm a sgaoileadh airson bheachdan a bhios fosgailte gu 19 Giblean, nuair a thòisicheas a’ Chomataidh ag èisteachd ri beachdan mu na ceistean a thogar. Tha a’ Chomataidh mothachail air na prìomh cheistean air an deach cuideam a chur ann an sgrùdaidhean roimhe seo, a tha gan toirt gu h-ìseal, agus ag iarraidh gu mòr an deasbad a ghluasad air adhart, na prìomh thàbhachdan a shònrachadh agus buaidh dha-rìribh a thoirt mar thoradh air seo.

Cion dòigh-dèiligidh ro-innleachdail mu chòmhdhail sna coimhearsnachdan agus mun bhuaidh a bheir cion còmhdhail air beatha dhaoine

  • An fhèill a tha a’ fàs air ullachadh còmhdhail sna coimhearsnachdan
  • Cion dòigh-dèiligidh air a co-òrdanachadh le buidhnean Seirbheis Nàiseanta na Slàinte agus luchd-solair còmhdhail sna coimhearsnachdan
  • Slatan-tomhais mu airidheachd (eligibility) air còmhdhail do dh’euslaintich gun èiginn agus na chosgas e don NHS tagsaidhean a chleachdadh
  • Carbadan-còmhdhail ùra a thoirt a-steach sna coimhearsnachdan agus dealbhadh a mhaoineachadh.
  • Cothrom air sgeamaichean-faraidh le lasachaidhean

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.