Biùro air aontachadh deasbad mu dhìleab Bana-bharan Thatcher a ghluasad

16.04.2013

An dèidh do Bhureau na Pàrlamaid coinneachadh an-diugh sa mhadainn, dh’aontaich na Buill le aon ghuth moladh do Phartaidh Uaine na h-Alba agus do Bhuidheann nan Neo-eisimeileach an deasbad ‘There is Still Such a Thing as Society’ a ghluasad bho Dhiciadain gu Diardaoin an t-seachdain seo.

Thèid deasbad le Comataidh Bun-structair is Tasgadh Calpach air Ath-leasachadh air Ceannach Poblach a chumail a-nis feasgar Diciadain.

Thuirt neach-labhairt à Pàrlamaid na h-Alba: “An dèidh deasbaireachd, dh’aontaich am Bureau le aon ghuth moladh don Phàrlamaid gun rachadh an deasbad a ghluasad bho Dhiciadain gu Diardaoin an t-seachdain seo.”

Find out more

Further information

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.