A’ bhuaidh aig ath-leasachadh shochairean gu bhith air a cluinntinn ann an Glaschu

18.04.2013

Thèid a’ bhuaidh aig ath-leasachadh shochairean air beatha dhaoine a dheasbad ann an Glaschu nuair a choinnicheas Comataidh Ath-leasachadh Shochairean Pàrlamaid na h-Alba ann an Talla a’ Bhaile an ath sheachdain (Dimàirt 23 Giblean).

Tha seo a’ tighinn an dèidh rannsachaidh a chaidh fhoillseachadh leis a’ Chomataidh an t-seachdain a chaidh (Diardaoin 11 Giblean) gum bi a' bhuaidh as motha ann an Glaschu, a’ call co-ionann ri £650 sa bhliadhna do gach inbheach aig aois a’ chosnaidh nuair a thèid an t-ath-leasachadh a thoirt gu buil gu h-iomlan.

 

Chaidh a’ choinneamh a chur air dòigh leis a’ Chomataidh ann an com-pàirteachas le Poverty Alliance, agus thèid a cumail ann an seòmar a’ chiùil, Talla a’ Bhaile, Glaschu 23 Giblean bho 9.30m gu meadhan-latha.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Mìcheal Ó Mathúna (McMahon) BPA:

 

“Thairis air a’ bhliadhna a tha air a dhol seachad, tha sinn air a bhith ag iarraidh air daoine ann an Alba air am bi ath-leasachadh air sochairean a’ bualadh innse dhuinn mu na dh’fhiosraich iad, mun dòchas a tha aca agus mun eagal a tha orra. Tha sinn air dà sheisean-fianaise a chumail aig Taigh an Ròid mar-thà a bha an dà chuid drùidhteach agus nam fosgladh-sùla.  

 

“Tha cliù air muinntir Ghlaschu a bhith lom nan cuid cainnte agus chan eil mi an dùil gum bi an luchd-fianaise diùid nuair a bhios sinn ag iarraidh cluinntinn bhuapa.  Tha e cudromach gum bi fios air na tha a’ tachairt aig baile. Seach Iain Donnchadh Mac a’ Ghobhainn, tha sinn ag èisteachd agus bheir sinn cluas-ri-èisteachd dha na beachdan aca.  Tha e cudromach dhuinn gun obraich sinn a-mach dè dhèanamaid air dòigh eile ann an Alba gus a’ bhuaidh air an fheadhainn as so-leònte a lùghdachadh.”

 

Am measg an luchd-fianaise aig a’ choinneimh, tha:

·         Daoine air an comharrachadh agus ag obair le Poverty Alliance.  

·         Buill den a’ bhuidhinn Glasgow's Stronger Together, buidheann daoine air a bheil ciorram a thaobh ionnsachaidh a bhios a’ coinneachadh is a’ bruidhinn mu chuid de na h-atharrachaidhean poilitigeach anns a bheil ùidh aca.

·         Daoine a thug freagairt air tagradh ‘Your Say’ na Comataidh.

 

Tha a’ choinneamh a’ tighinn an dèidh an rannsachaidh, a chaidh a ghabhail os làimh leis an Ionad airson Rannsachaidh Eaconamaich is Shòisealta Roinneil aig Oilthigh Hallam Sheffield, air a mheas, nuair a thèid a thoirt gu buil gu h-iomlan, gun toir an t-ath-leasachadh air sochairean barrachd is £1.6 billean air falbh bho eaconamaidh na h-Alba gach bliadhna. Tha seo co-ionann ri mu £480 sa bhliadhna do gach inbheach aig aois a’ chosnaidh ann an Alba. Ann an Glaschu, tha seo ag àrdachadh gu £650 an comhair na bliadhna. Ged a tha cuibheas na h-Alba aig car an aon ìre ri cuibheas Bhreatainn, tha seo a' fàgail Ghlaschu san dara h-àite an dèidh Bhirmingham a-mhàin ann am Breatainn a thaobh call-ionmhais. 

 

Thuirt Leas-neach-gairm na Comataidh Jamie Hepburn BPA:

 

“Nochd ar cuid rannsachaidh a’ bhuaidh sgriosail a bheir an t-ath-leasachadh seo air Glaschu. Tha a bhith a’ faicinn na h-ìre cudromach ach chan ann dìreach air àireamhan a tha an t-ath-leasachadh seo a’ bualadh.  Is ann air daoine a tha e a’ bualadh – na caraidean, an teaghlach agus na nàbaidhean againn.  Tha an iomairt ‘Your Say’ againn air a bhith deatamach gus daoine a chuideachadh gus na h-aodannan air chùl nan àireamhan fhaicinn agus saoilidh mi gum faic an fheadhainn a bhios a’ tighinn dhan choinneimh againn ann an Glaschu seo gu math soilleir.”

 

Thuirt Peadar Ó Ceallaigh, Stiùiriche Poverty Alliance:

 

“A rèir mar a chaidh an deasbad mu atharrachaidhean air sochair an dèinead o chionn beagan sheachdainean, chunnaic sinn oidhirpean le cuid cur sìos air an fheadhainn a bhios a’ cleachdadh siostam na tèarainteachd sòisealta againn. Mar thoradh air seo, is ann a tha tachartas ‘Your Say’ ann an Glaschu nas cudromaiche buileach.  Is e cothrom a tha ann an fhìrinn a nochdadh mu na tha a bhith beò air sochairean a’ ciallachadh agus a’ bhuaidh dha-rìribh a bhios na h-atharrachaidhean a’ toirt a thuigsinn.  Ma tha sinn gus fuasgladh dha-rìribh fhaighinn san ùine fhada air na dùbhlain a thig air siostam nan sochairean againn, tha e deatamach an uair sin gun toir sinn cluas-ri-èisteachd dhan fheadhainn a chleachdas an siostam.”

 

Cùl-fhiosrachadh

Faodaidh daoine frithealadh air a’ choinneimh agus tiogaidean a chur an dara taobh. Gus tiogaid a chur an dara taobh, cuiribh post-dealain gu sp.bookings@scottish.parliament.uk no sgairt air 0131 348 5200 no fòn-an-asgaidh 0800 092 7600 (luchd-cleachdaidh Textphone: 0800 092 7100).

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios mun chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.