Dè na tha a’ cur bacaidh air toirt ionnsaigh air dubh-shaothrachadh gnèitheach air cloinn?

22.04.2013

Tha na bacaidhean air toirt ionnsaigh air dubh-shaothrachadh gnèitheach air cloinn gu bhith air an sgrùdadh le Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha a’ Chomataidh a’ cumail oirre leis an sgrùdadh aice air cho èifeachdach agus a tha an stiùireadh is an cleachdadh a tha ann an-dràsta gus aghaidh is stad a chur air dubh-shaothrachadh gnèitheach (sexual explotation) air cloinn. Tha a’ Chomataidh ag iarraidh cluinntinn a-nis bho na buidhnean ud a tha ag obair gus aghaidh a thoirt air a’ cheist chudromaich seo gus an tuig i na duilgheadasan a tha ann a thaobh sònrachadh, briseadh-suas is tagradh na a tha ri dubh-saothrachadh gnèitheach air cloinn.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Dàibhidh Stiùbhart BPA:

 

“Tha na mìltean de dhaoine air feadh na h-Alba a bhios ag obair gun stad gus aghaidh a thoirt air dubh-shaothrachadh gnèitheach air cloinn agus taic a chur ri fulaingichean. 

 

“Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho na h-eòlaichean mu na bacaidhean a thig orra gach latha agus na dh’fheumar dèanamh gus aghaidh is stad a chur air an obair nàr seo air cloinn air feadh na h-Alba, a' gabhail a-steach a’ cheist a’ tighinn am bàrr mu dhroch-dhìol air an Lìon / sna meadhanan sòisealta.”

 

Am measg nan ceistean mòra a tha a’ chomataidh ag iarraidh cur, tha:

 

·         Dè na bacaidhean a tha ann air sònrachadh, briseadh-suas no tagradh na tha ri dubh-shaothrachadh gnèitheach air cloinn? Ciamar a ghabhadh iad seo sàrachadh?

 

·         Dè na duilgheadasan a tha ann mu chumail clann ann an cùram agus daoine òga (ann an àiteachan-fuirich no aig an dachaigh) sàbhailte bho na dubh-shaothraichean seo?

 

·         Dè na bacaidhean a tha ann ri cur an aghaidh nan dubh-shaothraichean a bhith a’ cleachdadh mheadhanan air an Lìon / mheadhanan sòisealta agus ciamar a ghabhadh iad seo sàrachadh?

 

·         Dè an seòrsa trèanaidh a thathar a’ toirt seachad no a tha a dhìth gus dubh-shaothraichean a shònrachadh, a bhriseadh-suas no a thagradh?

 

·         Dè na h-eisimpleirean de dheagh-chleachdadh a tha ann a dh’fhaodar sònrachadh mar dhòigh gus aghaidh a thoirt air an duilgheadas.

 

Cùl-fhiosrachadh

Chuir a’ Chomataidh an rannsachadh aice mu cho èifeachdach agus a tha an cleachdadh is an stiùireadh a tha ann an-dràsta gus aghaidh is stad a chur air droch-shaothrachadh gnèitheach air cloinn air bhog sa Mhàrt 2013.

 

Is e an raon-ùghdarrais aig an rannsachadh ùr sgrùdadh a dhèanamh air seòrsa agus ìre dubh-bhrath gnèitheasach air clann ann an Alba; ann an co-bhonn ri buidhnean-gnìomha is luchd-pàirteachais obrachadh a-mach dè na cuspairean as moth air an fheumar aghaidh a chur; èifeachdalachd nan ceuman a tha ann an-dràsta aig a bheil mar amas ionnsaigh a thoirt agus stad a chur air dubh-bhrath gnèitheasach air clann a sgrùdadh; agus molaidhean a dhèanamh mu na dh’fheumar dèanamh gus èifeachdalachd nan ceuman sin a leasachadh.

 

Chaidh an rannsachadh a chur air bhog an dèidh athchuinge (PE1393) le Barnardo’s a tha ag iarraidh air a’ Phàrlamaid:

Coiteachadh air Riaghaltas na h-Alba (1) rannsachadh ùr mu sheòrsa agus mu ìre dubh-bhrath gnèitheasach air clann ann an Alba iarraidh; (2) aithisg a thoirt air ais mu na puingean-gnìomha gu lèir anns an stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2003 air Dubh-bhrath Gnèitheasach tro Strìopachas air Clann Sho-leònte agus Daoine Òga; (3) stiùireadh Riaghaltas na h-Alba air dubh-bhrath gnèitheasach air Alba ath-bhreithneachadh agus a leasachadh, a dh’ùraicheas stiùireadh Albannach 2003 agus a chuireas a-steach na mìrean buntainneach de Stiùireadh Nàiseanta Dìon-cloinne 2010.

Is e an ceann-latha mu dheireadh a tha ann gus beachdan a chur a-steach 31 Cèitean 2013. 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu rannsachadh na Comataidh aig;

http://www.scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/62349.aspx

 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios mun chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.