An toir ath-leasachadh nan cùirtean buaidh air cothrom air ceartas, tha Comataidh a’ faighneachd

24.04.2013

Thathar air cuireadh a thoirt do dhaoine, do choimhearsnachdan agus do bhuidhnean bho na Crìochan gu Cataibh na beachdan aca a nochdadh gu Comataidh a’ Cheartais an-diugh air a’ bhuaidh ionadail a bheir an t-ath-leasachadh air Seirbheisean Chùirtean na h-Alba (SCA) a thathar a’ moladh.

Ann an gairm airson fianais a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh a’ Cheartais ag iarraidh beachdan air molaidhean SCA mun ath-chruthachadh a tha san amharc air seirbheisean nan cùirtean ann an Alba.  

Am measg nam molaidhean, tha gun tèid deich de chùirtean-siorraidh agus seachd de chùirtean nam maor-ceartais a dhùnadh.  Am measg nan cùirtean-siorraidh, tha: An Dùn, Baile Adainn, Baile Bhòid, Cille Chuithbeirt, Cùbar, Dòrnach, Inbhir Pheofharain, Na Pùballan, Obar Bhrothaig agus Sròn na h-Abhainne.  Cuideachd ri dhùnadh tha cùirtean nam maor-ceartais ann an Anainn, Comar nan Allt, Inbhir Ùige, Irbhinn, Steòrnabhagh, Tobar na Màthar agus ann am Port Rìgh.  

Thuirt Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais, Cairistìona Ghreumach BPA: 

“Tha e deatamach gum faigh sinn an dealbh slàn a thaobh mar a bheireadh na molaidhean seo bho Sheirbheisean Chùirtean na h-Alba buaidh air a h-uile nì bho luchd-cleachdaidh nan cùirtean gu ullachadh sheirbheisean laghail agus cothrom air ceartas. 

“Tha a’ ghairm airson fianais againn ag iarraidh daoine sna coimhearsnachdan fo bhuaidh gu dìreach leis na dùnaidhean a thathar a’ moladh air feadh na h-Alba agus mar a tha iad a’ faireachdainn mu na h-atharrachaidhean.  A bheil iad a’ faireachdainn gum faodadh a bhith a’ siubhal nas fhaide gu cùirt an t-siorraidh mar neach-fianaise buaidh a thoirt air a’ chothrom a bhios aca air ceartas? No a bheil iad a’ faireachdainn gun toir an t-ath-leasachadh seirbheis shònraichte nas fheàrr ann an raon sònraichte don luchd-chleachdaidh? Tha sinn a’ cluinntinn cuideachd bho shiorraidhean ionadail gur h-e an smachd-bhann as motha a dh'fhaodainn a bhith ann don phartaidh chiontach am bagairt gun tèid an ainmeachadh sna pàipearan ionadail a bhios a’ gabhail gnothaich ris na cùirtean – ciamar a bheireadh na molaidhean buaidh air a’ bhacadh an lùib naidheachdan ionadail ma-thà?”

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh co-chomhairleachadh mu mholaidhean SCA air cruth nan cùirtean san ùine air thoiseach a ghabhail os làimh aig deireadh 2012. Dh’fhoillsich SCA an aithisg is na molaidhean aice “Shaping Scotland’s Court Services” air 9 Giblean 2013 an dèidh beachd a ghabhail air freagairtean air a’ cho-chomhairleachadh.   

Dh’aontaich Comataidh a’ Cheartais beachdachadh a dhèanamh agus gabhail ri fianais mu na molaidhean air fad anns an aithisg aig a’ choinneimh aice air 16 Giblean.  Tha i air aontachadh trì pannalan de luchd-fianaise a chumail aig a’ choinneimh aice air 21 Cèitean agus bheir Rùnaire a’ Chaibineit airson Ceartais fianais air 4 Ògmhios.  Thèid barrachd co-chomhairleachaidh air na dùnaidhean a ghabhail os làimh le SCA, agus thathar an dùil gun tèid òrdain gus na cùirtean a dhùnadh a chur fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba ro fhosadh an t-samhraidh agus a bheachdachadh le Comataidh a’ Cheartais. 

Cuir gairm airson fianais a-steach an seo:  Làrach-lìn Comataidh a' Cheartais.

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.