Bile Pàirc Portobello air a thoirt a-steach dhan Phàrlamaid

26.04.2013

Portobello High School taken from Arthur's Seat.

Chaidh Bile Comhairle Dhùn Èideann (Pàirc Portobello) a thoirt a-steach air an 25mh den Ghiblean. Is e seo bile prìobhaideach a tha Comhairle Dhùn Èideann a’ cur air adhart airson dèiligeadh leis an cnap-starra laghail a tha a’ cur stad orra bho bhith a’ togail Àrd-Sgoil Portobello ùr ann a Pàirc Portobello an-dràsta.

Airson an cnap-starra seo a chur air falbh, tha am Bile ag amais air a’ phàirc a’ shònrachadh às ùr mar “fearann coitcheann atharrachail” (alienable common good land), a bheir cead don Chomhairle a chleachdadh airson adhbharan eile, air leth dha a bhith na ghoireas cleasachail, ged a tha dreuchd a’ Chomhairle mar ùghdarras foghlam a’ bacadh na ’s urrainn dha a dhèanamh.

An latha as dèidh toirt a-steach a’ bhile seo, tòisichidh “greis gearan” a’ mhaireas 60 làithean, airson cothrom a’ thoirt do neach sam bith a tha airson gearain mu dheidhinn am bile an gearan aca a chur a-steach don Phàrlamaid.

Thèid Comataidh Bile Prìobhaideach, a ghabhas a-steach eadar triùir is còignear BPA, a’ stèidheachadh airson am bile fhèin agus gearanan sam bith a thig na aghaidh a bheachdachadh. Crìochnaichidh greis gearan a’ bhile aig 5 uairean feasgair air Diluain 24 Ògmhios.

Cùl-sgeul – Modh Bilean Prìobhaideach

Tha bilean prìobhaideach diofaraichte bho bilean eile air sgàth ’s gu bheil iad a’ gabhail a-steach ceuman air an sireadh airson math an neach neo a’ bhuidheann a tha ga chur air adhart, agus dh’fhaodadh nach eil na ceuman seo a’ còrdadh ri daoine eile.

Tha Comataidh Bile Prìobhaideach, a tha a’ gabhail a-steach BPA aig nach eil ceangal dìreach leis an neach neo a’ bhuidheann a tha ga chur air adhart no leis a’ chuspair, a’ sgrùdadh gach bile prìobhaideach.

Is e dleastanas a’ Chomataidh beachdachadh a dhèanamh air am bile agus a bhith na eadar-mheadhanair eadar an neach neo a’ bhuidheann a tha a’ cur am bile air adhart agus na daoine a tha a’ gearain mu dheidhinn. Tha comhairle agus cobhair a thaobh modha a’ tighinn bho na clàrcan ag obair aig Ionad Bilean Neo-Riaghaltas.

Tha Bilean Prìobhaideach fo smachd pròiseas aig a bheil trì ìrean.

  • Ro-rannsachadh: Beachdachaidh a’ Chomataidh air bun-phrionnsabalan a’ Bhile, beachdachadh a thaobh am bu chòir dhaibh a’ Bhile a ghluasad air adhart mar Bhile Prìobhaideach, beachdachadh gearanan airson a’ chiad uair; deasbaid Pàrlamaid mu dheidhinn na bun-phrionnsabalan agus am bu chòir am Bile a ghluasad air adhart
  • Beachdachadh: Beachdachadh gu mionaideach leis a’ Chomataidh, a’ gabhail a-steach atharraichean agus na puing mu dheireadh a chaidh a chur an aghaidh a’ Bhile
  • Co-dhùnadh: Beachdachadh a’ Phàrlamaid mu atharraichean a chaidh a dhèanamh ris a’ Bhile agus co-dhùnadh mu dheidhinn am bu chòir gabhail ris a’ bhile neo a’ dhiùltadh

Dealbh: Àrd-Sgoil Portobello ’sa latha an-diugh, ann an Dùn Èideann, ri fhaicinn bho Suidhe Artair (Dlighe-sgrìobhaidh: Norrie Adamson, ceadaichte airson ath-chleachdadh fo Creative Commons)

Fiosrachadh a bharrachd

Bilean Prìobhaideach

  • Further details on the private bill procedure 

The following leaflet provides information for those wishing to object to a private bill:

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.