Coimhearsnachdan a’ tighinn còmhla gus atharrachadh a thoirt gu buil

26.04.2013

Is ann air cumhachd choimhearsnachdan atharrachadh a thoirt gu buil a bhios fòcas nuair a thig riochdairean coimhearsnachd bho air feadh na h-Alba còmhla aig Pàrlamaid na h-Alba airson beachdachaidh an-diugh. Is e seo a’ chiad uair a thàinig uidhir de lìonrathan eadar-dhealaichte còmhla aig a’ Phàrlamaid. Thèid a chraoladh cuideachd beò air an eadar-lìon tron latha.

Aig Co-labhairt Caidreachas Coimhearsnachd na h-Alba bidh riochdairean coimhearsnachd a’ coinneachadh san t-Seòmar-deasbaid aig Pàrlamaid na h-Alba, gus a bhith a’ brosnachadh agus a’ beachdachadh air co-obrachadh is com-pàirt am measg choimhearsnachdan ann an Alba. Nì riochdairean sgrùdadh air mar as urrainn do dhaoine ionadail obair a dhèanamh gus ùghdarras a thoirt dha na coimhearsnachdan aca agus buaidh a thoirt air poileasaidh nàiseanta.

Anns a’ chathair bidh An Leas Oifigear-riaghlaidh, Elaine Nic a' Ghobhain BPA. A’ bruidhinn ron tachartas, thuirt i:

“Tha sinn uile mothachail air an eadar-dhealachadh a dh’fhaodadh a thighinn nuair a bhios daoine sa choimhearsnachd aca ag obair còmhla. Smaoinich air na b’urrainn a choileanadh nuair a thig an t-eòlas agus an fhiosrachadh seo còmhla.

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air Caidreachas Coimhearsnachd na h-Alba gu Pàrlamaid na h-Alba agus a’ cluinntinn mu na fìor atharrachaidhean a rinn iad anns na h-àiteachan far a bheil iad a’ fuireach agus ag obair.”

Tha fòcas làidir air ùghdarrasachadh coimhearsnachd air a bhith air obair Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Ath-ghinealachaidh o chionn ghoirid. Bidh buill na Comataidh a’ frithealadh na co-labhairt gus beachdan dhaoine fhaighinn agus seo a bhiathadh a-steach gus sgrùdaidhean gnàthaichte na Comataidh air ath-leasachadh sheirbheisean poblach agus ath-ghinealachadh a lìbhrigeadh ann an Alba.

Thuirt Leas Neach-gairm na Comataidh Iain MacUilleam BPA:

“Tha ùghdarrasachadh coimhearsnachd mu bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig daoine ionadail an guth a thogail mu na bhios a’ tachairt anns na coimhearsnachdan aca. Tha e mu dheidhinn cumhachd a thoirt dha daoine fìor atharrachadh a dhèanamh agus gum bi an atharrachadh sin na bhuannachd dhan h-uile duine.

“Chunnaic a’ Chomataidh againn mu-thràth a’ bhuaidh adhartach a thig bho bhith toirt cothrom dha buidhnean coimhearsnachd a bhith an sàs ann an lìbhrigeadh sheirbheisean poblach is ath-ghinealachadh. Tha cothrom ann tòrr a bharrachd a dhèanamh agus tha sinn airson cluinntinn gu dìreach bho na buidhnean coimhearsnachd dè an tuilleadh a tha iad airson a dhèanamh. Bheir seo taic don Chomataidh agus iad ag ullachadh airson sgrùdadh a dhèanamh air reachdas ùghdarrasachadh coimhearsnachd an ath-bhliadhna agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a faicinn fìor chom-pàirt coimhearsnachd ann am prògraman ath-ghinealachaidh air feadh na h-Alba.”

Cùl-fhiosrachaidh

Bidh Caidreachas Coimhearsnachd na h-Alba a’ toirt lìonrathan roinn coimhearsnachd adhartach na h-Alba còmhla. Is e an dà phrìomh amas a th’aca a bhith a’ brosnachadh obair dhaoine ionadail anns na coimhearsnachdan aca agus buaidh a thoirt air leasachadh poileasaidh nàiseanta.

Thèid an tachartas, a’ toirt a-steach seiseanan Seòmair is buidhnean deasbaid sònraichte, a chraoladh beò air an eadar-lìon air a’ cheangal a leanas:

http://www.scottish.parliament.uk/newsandmediacentre/30875.aspx

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.