Comataidh ag iarraidh fianais mu ath-leasachadh riaghlaidh

29.04.2013

Thèid reachdas – a bhios ag amas air dol an sàs ri droch bhuaidh riaghlaidh, nach cuirear an gnìomh gu cunbhalach, tro bhith a’ leasachadh mar a nithear seo air feadh Alba, ’s aig an aon àm a’ toirt taic do dh’fhàs eaconamach seasmhach – a sgrùdadh leis a’ Chomataidh Eaconamaidh, Lùths is Turasachd.

Thuirt neach-gairm na Comataidh, Murchadh Friseal BPA:

 

“Bheir riaghladh buaidh air a h-uile raon de bheatha, o mar a nithear co-dhùnaidhean dealbhaidh nar sgìrean ionadail gu sàbhailteachd ar bìdh agus ìre feabhais ar cùram-slàinte.

 

“Tha am Bile seo ag amas air ’s gun cuirear riaghladh an gnìomh gu cunbhalach thar Alba a chor is gum bi e nas fhasa do bhuidhnean an obair a dhèanamh. Leis mar a tha droch shuidheachadh na h-eaconamaidh an ceartuair, cuiridh e cuideachd dleastanas air luchd-riaghlaidh a bhith ag obrachadh ann a leithid de dhòigh a bhios cuideachail a thaobh fàs seasmhach na h-eaconamaidh.

 

“Bu toil leis a’ Chomataidh raon farsaing de bheachdan a chluinntinn a chor is gun dèan sinn sgrùdadh air an reachdas seo gu mionaideach agus gus dèanamh cinnteach gun toirear a-mach na bhios san reachdas seo.”

 

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh bheachdan air pàirt 1, 3 is 4 den Bhile Ath-leasachaidh Riaghlaidh (Alba):

 

·      Pàirt 1: Gnìomhan riaghlaidh: Bheir seo cumhachd do Mhinistearan na h-Alba riaghladh a chur ri chèile a chor is gum brosnaichear cunbhalachd a thaobh gnìomhan riaghlaidh.  Faodaidh Ministearan na h-Alba, tro riaghladh, ullachadh sam bith a dhèanamh a bhios, nam beachdsan, a’ brosnachadh neo a’ leasachadh cunbhalachd am measg luchd-riaghlaidh.

·      Cuideachd, cuiridh e dleastanas air luchd-riaghlaidh clàraichte gnìomhan a dhèanamh ann an leithid de dhòigh a chuidicheas ann a bhith a’ toirt a-mach fàs eacomanach seasmhach. 

·      Pàirt 3: Rudan measgaichte:

 

Co-dhùnaidhean a thaobh cead obair-mhara: Rachadh an dòigh sam bithear a’ cur an lagh an gnìomh mu cho-dhùnaidhean a thaobh lùths na mara a dhèanamh na bu chunbhalaiche a rèir ath-sgrùdaidhean dealbhaidh is rathaidean, cho math ris a’ phròiseas laghail tro dh’fhaodadh dùbhlan laghail a chur, agus bidh seo a rèir teoran-tìme teann.

Gnìomhan ùghdarrasan-dealbhaidh: Leigidh an ullachadh seo le Ministearan na h-Alba cìsean dealbhaidh atharrachadh a rèir coileanadh an ùghdarrais-dhealbhaidh.

Cead luchd-malairt sràide: Nì an ullachadh seo comasach e gun tèid aon theisteanas measgaichte a thoirt am follais leis an ùghdarras-bìdh ris a bheil an gnìomhachas clàraichte. 

·   Pàirt 4: Ullachaidhean coitcheann:

 

Nì a’ Chomataidh airson Gnothaichean Dùthchail, Atharrachadh Sìde is Àrainneachd sgrùdadh air pàirt 2 den bhile a bhuineas ri riaghladh na h-àrainneachd agus air an eileamaid de phàirt 1 mar a bhuineas seo ri raon-ùghdarrais Chomataidh GDASA a chuireas dleastanas air luchd-maoineachaidh a thaobh fàs seasmhach na h-eaconamaidh.

 

Cùl-sgeul

Am measg luchd-riaghlaidh air am buail am bile seo, tha: Cunntasair a’ Bhristeadh-chreideis,  Buidheann Ìre a’ Bhìdh, Buidheann Leasachaidh Cùram-slàinte na h-Alba, Ùghdarrasan ionadaile, Buidheann-riaghlaidh Cathrannais na h-Alba, Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, Buidheann-riaghlaidh Taigheadais na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba, Buidheann Leasachaidh Cùram Sòisealta is Obair Shòisealta na h-Alba agus TadhalAlba.

 

Nam bu toil leibh fianais sgrìobhte a chur a-steach, ’s e Diardaoin 6 Ògmhios an ceann-latha mu dheireadh. Bu chòir fianais sam bith a bhith goirid agus sgrìobhte air cruth Word ’s a bhith air a cur gu

regreformbill@scottish.parliament.uk.

Fios conaltraidh

Fios conaltraidh

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.