Comataidh ag iarraidh beachdan air ath-leasachadh riaghladh na h-àrainneachd

29.04.2013

Thèid reachdas – a tha ag amas air riaghladh dìon ar n-àrainneachd a dhèanamh nas simplidhe agus a bheir a-steach cumhachdan ùra a thaobh cur-an-gnìomh agus binn laghail an aghaidh eucoir na h-àrainneachd – a sgrùdadh leis a’ Chomataidh airson Gnothaichean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid is na h-Àrainneachd.

 

A’ labhairt agus a’ Chomataidh a’ cur air dòigh iarrtas beachdan air Bile Ath-leasachaidh Riaghlaidh (Alba), thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:

 

“Tha a bhith a’ dìon na h-àrainneachd cudromach, chan ann a-mhàin gus iomadachd ar fiadh-bheatha a ghlèidheadh ach cuideachd air sgàth nam mìltean de dhaoine a bheir tlachd às bòidhchead nàdarra na h-Alba, cho math ri prìomh roinnean ar n-eaconamaidh – o obair tuathanas gu turasachd.

 

“Daingnichidh an reachdas seo cumhachdan cur-an-gnìomh agus binn laghail, leis an amas gum bi dìon nas fheàrr air ar n-àrainneachd.

 

“Tha ar Comataidh ag iarraidh raon farsaing de bheachdan a chluinntinn a chor is gun coimhead sinn air na molaidhean gu mionaideach agus dèanamh cinnteach gun lìbhrig iad na tha a dhìth air sgàth àrainneachd na h-Alba.”

 

Coimheadaidh a’ Chomataidh gu sònraichte air Pàirt 2 den Bhile a bhuineas ri riaghladh na h-àrainneachd, agus thathar a’ sireadh bheachdan air na ceistean a leanas:

 

 

·      Na molaidhean mu chumhachdan-riaghlaidh Ministearan na h-Alba a thaobh an àrainneachd a dhìon is a leasachadh, gnìomhan àrainneachdail a riaghladh agus dleastanasan iomchaidh an AE a chur an gnìomh.  

·      Molaidhean mu chumhachdan cur-an-gnìomh a bhith aig BDAA/SEPA, a’ gabhail a-steach cumhachd peanasachaidh airson neo-ghèillidh, cur-an-gnìomh agus peanas is faotainn-air-ais chosgaisean.     

·      Molaidhean mu chumhachdan a thèid a thoirt do na Cùirtean a thaobh òrduighean-dìolaidh, beachdachadh air buannachdan ionmhais nuair a bhithear a’ leigeil chàin, agus òrduighean a thaobh foilleasachd.  

·      Molaidhean a bhuineas ri ùghdarrasan ionadaile a thaobh fearainn a chaidh a thruailleadh, làraichean sònraichte agus measaidhean ìre-feabhais an àile. 

·      Molaidhean a thaobh atharrachaidhean a thoirt air obair fharsaing BDAA gus dèanamh cinnteach gum bi iad, an lùib na h-obrach aca, a’ cur ri slàinte is beothalachd muinntir na h-Alba agus a’ toirt a-mach fàs seasmhach na h-eaconamaidh.  

·      Air an eileamaid de phàirt 1, mar a bhuineas seo ri raon-ùghdarrais Chomataidh GDAA, gun cuirear dleastanas air luchd-maoineachaidh a thaobh fàs seasmhach na h-eaconamaidh.  

Cùl-sgeul

’S i a’ Chomataidh airson Eaconamaidh, Lùths is Turasachd a bhios a’ stiùireadh chùisean ann a bhith a’ beachdachadh air a’ Bhile, a’ coimhead air Pàirt 1, 3 agus 4. ’S i GDAA an dàrna Comataidh a bheir sùil air na Pàirtean a tha a rèir an raon-ùghdarrais acasan. Bidh na pàirtean eile den Bhile ag amas air  dol an-sàs ris an droch bhuaidh a tha aig riaghladh nach cuirear an gnìomh gu cunbhalach tro bhith a’ leasachadh mar a thèid seo a chur an gnìomh air feadh Alba, ’s aig an aon àm a’ cur taic ri fàs seasmhach na h-eaconamaidh.

 

Nam bu toil leibh fianais a chur a-steach, ’s e an ceann-latha mu dheireadh airson beachdan sgriobhte Diluain 20 Cèitean 2013. Is fheàrr leis a’ Chomataidh stuth sgrìobhte fhaotainn air cruth dealain. Bu chòir seo a chur gu: racce@scottish.parliament.uk.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fiosrachadh comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.