Cèitean

Reachdas ùr air dì-chroiteadh air taic fhaighinn bho Chomataidh Chùisean Dùthchail

31.05.2013

Tha reachdas a leigeas le croitearan mar shealbhadairean-an-seilbh an cuid fearainn a dhì-chroiteadh air taic fhaighinn bho Chomataidh Chùisean Dùthchail, Atharrachadh Cliomaid agus Àrainneachd.

Fo-chomataidh Ceartas air obair a’ phoileis air clàr-obrach fhoillseachadh

31.05.2013

Is ann le sùil air ullachadh ICT (ICT provision) do dh’fheachd-aonair ùr a’ phoileis a thòisich clàr-obrach Fo-chomataidh Ceartas air obair a’ phoileis an-dè, nuair a chuala i bho riochdairean bho Ùghdarras Phoileas na h-Alba agus bho Phoileas na h-Alba.

Bu chòir fòcas a bhith aig dealbhadh airson Allt a’ Bhonnaich 2014, a rèir Comataidh Eaconamaidh

28.05.2013

Bu chòir fòcas a bhith aig dealbhadh airson Allt a’ Bhonnaich 2014, ma tha e gu bhith soirbheachail a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh (28 Cèitean) le a rèir Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd..

Comataidh na Slàinte air a taic a chur ri cruthachadh fòram do dh’inbhich air an cur ann an cùram

27.05.2013

roposals to create a National Confidential Forum (NCF), which will provide an opportunity for adults who were placed in institutional care as children to recount their experiences, including abuse, have been supported by the Health and Sport Committee.

Dè a bharrachd a dh’fheumar dèanamh gus taic a thoirt do chloinn is do dhaoine òga an Alba?

24.05.2013

Thèid ceumannan aig a bheil mar amas “Alba a dhèanamh mar an t-àite as fheàrr sam fàs clann suas” a sgrùdadh le Comataidh Foghlam agus Cultar aig Pàrlamaid na h-Alba agus i a’ sgrùdadh Bile Clann is Daoine Òga ( Alba).

Buidheann Luchd-gairm na Pàrlamaid gus am Prìomh Mhinistear a Cheasnachadh

23.05.2013

Don chiad uair sa Phàrlamaid, chuir Buidheann Luchd-gairm Pàrlamaid na h-Alba an cèill an-diugh gun ceasnaich iad am Prìomh Mhinistear anns an t-Sultain an dèidh na h-aithris leis air clàr-reachdais an Riaghaltais.

Bu chòir gum biodh prìomhachas aig àrainn na mara sa mhodh-dhealbhaidh, tha Comataidh Cùisean Dùthchail ag ràdh

20.05.2013

Bu chòir prìomhachas a thoirt do dhìon àrainneachd na mara seach do cheist sam bith eile, an eaconamaidh san àireamh, ann an co-dhùnaidhean dealbhaidh nuair a bhios fianais mun bhuaidh doilleir.

“Cleachd do chuid ghàidhlig”, Luchd-tadhail don phàrlamaid gam brosnachadh

15.05.2013

Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ cur fòcas air a seirbheisean Gàidhlig, a’ brosnachadh luchd-tadhail, BPAan agus a luchd-obrach a bhith a’ cleachdadh nan cothrom a th’ ann a bhith ga bruidhinn no ag ionnsachadh mun chànain.

Pàrlamaid na h-Alba Air Plana Gàidhlig a Chur Air Bhog

15.05.2013

Tha Pàrlamaid na h-Alba ris an dara Plana Gàidhlig fad còig bliadhna aice a chur air bhog mar chuid den rùn a tha aice an aon spèis a ghabhail don Ghàidhlig agus a thathar a’ gabhail don Bheurla.

“Use Your Gaelic”, Visitors to Parliament Encouraged

15.05.2013

The Scottish Parliament has a push on the use of its Gaelic services, encouraging visitors, MSPs and staff to take advantage of the many opportunities to use and learn about the language.

DWP decision criticised as ‘insulting’

13.05.2013

The decision by the Department of Work and Pensions (DWP) to refuse to send officials to brief the Welfare Reform Committee has been strongly criticised today.

Comataidh a’ sireadh beachdan air bile croitearachd

10.05.2013

Thèid reachdas a leigeas le sealbhadairean-còmhnaidhe an cuid fearann a dhì-chroiteadh (de-croft) a sgrùdadh le Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd.

Sgrùdadh ga dhèanamh air teagasg dà chànain a bharrachd

10.05.2013

Thèid teagasg dà chànan do sgoilearan bun-sgoile a bharrachd air a’ chànain mhàthaireil aca a sgrùdadh aig co-labhairt an-diugh (Dihaoine 10 Cèitean).

Bu chòir don Riaghaltas “fiosrachadh bunaiteach mu sgrùdadh” airson clàran euslainteach air liostaichean-feitheimh NHS a nochdadh

09.05.2013

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba am fiosrachadh bunaiteach mu sgrùdadh a dh’fheumas a h-uile bòrd-slàinte aig Seirbheis Nàiseanta na Slàinte cur ann an clàran euslainteach a nochdadh, a rèir aithisg phàrlamaideach.

Presiding Officer sets date for Aberdeen Donside by-election

08.05.2013

The Aberdeen Donside by-election will be held on Thursday 20 June, it has been announced.

Sruighlea gu bhith mar dhachaigh don Phàrlamaid fad aon latha

08.05.2013

Cumaidh Pàrlamaid na h-Alba Latha Pàrlamaid ann an Sruighlea Dihaoine 21 Ògmhios.

School children from across Scotland to take part in annual Euroquiz event

08.05.2013

Can you name the capital city of the Republic of Macedonia? Or when Latvia joined the European Union? Or what about the nationality of footballer Robin Van Persie?

Comataidh pàrlamaideach a' cur aonta ri Bile Còir-bhòtaidh na Reifreinn

07.05.2013

Tha prìomh chomataidh phàrlamaideach air aonta a chuir ri prionnsabalan coitcheann Bile Reifreann Neo-Eisimeileachd na h-Alba (Còir-bhòtaidh).

Scottish Parliament launches gaelic language plan

The Scottish Parliament is to launch its second five-year Gaelic Language Plan as part of its commitment to give the language equal respect as English.

Comataidh pàrlamaid a’ ceasnachadh cho comasach ’s a tha BBC Scotland air tachartasan sònraichte a’ làimhseachadh

Tha comas a’ BhBC gus prògraman de dh’inbhe àrd a tha ag aithris air tachartasan cudromach ann an Alba a lìbhrigeadh na uallach, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh (9mh den Chèitean) le Comataidh Foghlam is Cultar Pàrlamaid na h-Alba.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.