Sgrùdadh ga dhèanamh air teagasg dà chànain a bharrachd

10.05.2013

Thèid teagasg dà chànan do sgoilearan bun-sgoile a bharrachd air a’ chànain mhàthaireil aca a sgrùdadh an-diugh (Dihaoine 10 Cèitean) mar chuspair deasbaid ann am Pàrlamaid na h-Alba mar phàirt de sgrùdadh a tha Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh a’ cur air chois. Tha luchd-teagaisg, luchd-dèanamh poileasaidh is buidhnean Eòrpach a’ tighinn còmhla gus beachdachadh air na co-dhùnaidhean gu ruige seo a thàinig bho sgrùdadh cànain na Comataidh agus gus coimhead le chèile air na cuspairean mus fhoillsich a’ Chomataidh an aithisg aca.

A’ bruidhinn air thoiseach air a’ cho-labhairt, mhìnich Neach-gairm na Comataidh Cairistìona NicShealbhaich BPA:

“Tha Riaghaltas na h-Alba air moladh gum bu chòir do chloinn tòiseachadh air dàrna cànain ionnsachadh bho Bhun-sgoil 1 agus air treas chànain ionnsachadh gun a bhith nas anmoiche na Bun-sgoil 5. Tha a’ Chomataidh againn air a bhith a’ coimhead air an amas-poileasaidh seo, air a’ chomas a tha taobh a-staigh a’ churraicealaim air a shon, agus an àite a th’aig cànain ann a bhith a’ toirt taic don eaconomaidh.”

Cluinnidh a’ cho-labhairt bhon Stiùiriche Coitcheann airson Foghlaim, Trèanaidh, Cultair is Òigridh aig Coimisean na h-Eòrpa, Mgr Jan Truszczyński agus bho Stiùiriche Gnìomh Ionad Eòrpach airson Nuadh-chànanan Comhairle na h-Eòrpa, Mgr Waldemar Martyniuk agus bhon Mhinistear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànain na h-Alba, an t-Ollamh Alasdair Allan BPA.

Lean Cairistìona NicShealbhaich BPA oirre:

“Tha tuigse air cànain eile na sgil cho cudromach agus tha a’ Chomataidh againn air fàilte a chuir air amasan an Riaghaltais san raon seo. Tha e na uallach oirnne mar Chomataidh de Phàrlamaid na h-Alba sealltainn a bheil sinn den bheachd gu bheil na molaidhean a rèir an amais taic adhartach a thoirt do thuilleadh ionnsachaidh cànain anns na bun-sgoiltean.

“Tha sinn mu-thràth air tòrr fiosrachaidh a thional bho phàrantan, sgoilearan is luchd-teagaisg anns na sgoiltean agus bhon fheadhainn a thàinig thugainn gus fianais a thoirt seachad. Tha sinn air tèamachan soilleir fhaicinn a’ nochdadh agus leigidh co-labhairt an latha ’n diugh leinn iad sin a sgrùdadh ann an doimhneachd, le raon farsaing de chom-pàirtichean. Bidh seo air-leth luachmhor dha buill na Comataidh agus sinn a’ tòiseachadh air molaidhean a dheasachadh mus tèid an aithisg fhoillseachadh faisg air deireadh an t-Ògmhios.”

Taobh a-staigh na co-labhairt ni seiseanan fiosrachaidh sgrùdadh air na prìomh thèamachan den fhianais a thionail a’ Chomataidh gu ruige seo bho bhith a’ tadhal air sgoiltean agus ag èisteachd ri fianaisean:

 

·         Ionmhas, le Eilidh Eadie BPA sa chathair  

·         Sgilean is goireasan, le Jamie MacGriogair BPA sa chathair     

·         Cudthrom cànain ionnsachadh, le Hanzala Malik BPA sa chathair

·         Poileasaidh is leasachadh, le Clare Adamson BPA sa chathair

 

Dùnaidh Neach-gairm na Comataidh Cairistìona NicShealbhaich BPA a’ cho-labhairt agus innsidh i na h-ath cheumannan a ghabhas a’ Chomataidh.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear dealbhan den tachartas an-asgaidh bho Phàrlamaid na h-Alba.

Tha e na amas aig Riaghaltas na h-Alba gum faigh daoine òga gu h-iomlan cothrom dà chànain ionnsachadh (a bharrachd air a’ chànain mhàthaireil aca) fhad’s a tha iad sa bhun-sgoil. Tha seo a’ leantainn air molaidhean aithisg Buidheann-obrach Cànain Riaghaltas na h-Alba, ‘Ionnsachadh Cànain ann an Alba: Sealladh 1 + 2’ (http://www.scotland.gov.uk/Publications/2012/05/3670). Mhol a’ Bhuidheann-obrach gum bu chòir do chloinn dàrna cànain ionnsachadh bho Bhun-sgoil 1 agus nach bu chòir do dh’ionnsachadh treas cànain tòiseachadh nas anmoiche na Bun-sgoil 5.

Chumar deasbad seòmair Riaghaltas na h-Alba anns a’ Phàrlamaid air 24 Cèitean far an deach taic don bheachd a chlàradh ged a chaidh draghan a thogail a thaobh cnapan-starra a dh’fhaodadh nochdadh, a’ toirt a-steach cùisean goireis, gainead sgilean agus beachdan cultarail.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.