“Cleachd do chuid ghàidhlig”, Luchd-tadhail don phàrlamaid gam brosnachadh

15.05.2013

Tha Pàrlamaid na h-Alba a’ cur fòcas air a seirbheisean Gàidhlig, a’ brosnachadh luchd-tadhail, BPAan agus a luchd-obrach a bhith a’ cleachdadh nan cothrom a th’ ann a bhith ga bruidhinn no ag ionnsachadh mun chànain.

Tha an iomairt mar phàirt de dhealas leantainneach na Pàrlamaid gus an aon spèis a thoirt don Ghàidhlig ’s a thathar a’ toirt don Bheurla.

Thuirt Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig aig Pàrlamaid na h-Alba, an t-Oll. Alasdair MacCaluim:

“Tha Gàidhlig aig cridhe dualchas na h-Alba ’s bu toil leinn a bhith a’ brosnachadh a h-uile neach aig a bheil a’ Ghàidhlig ur cuid Ghàidhlig a chleachdadh nur Pàrlamaid.

“Tha luchd-tadhail agus luchd-obrach aig nach eil a’ chànain gam brosnachadh cuideachd a bhith a’ cleachdadh a’ chothruim gus barrachd ionnsachadh mun chànain bheairteach dhùthchasach seo.”

Cùl-fhiosrachadh

Tha Plana Gàidhlig Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba 2013 gu 2018 a’ nochdadh nam planaichean-leasachaidh, nam measg mar a thèid Gàidhlig a chleachdadh ann an obair na Pàrlamaid agus ann an conaltradh ris a’ phoball, ri Buill agus ri luchd-pàirteachais.

Faodar sealltainn air na gnìomhan gu lèir sa Phlana Ghàidhlig an seo.

Thathar air am Plana ullachadh a rèir nan slatan-tomhais reachdail ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Dh’iarr an SPCB air a’ phoball an cuid bheachdan a nochdadh mu na molaidhean airson a’ phlana an-uiridh:

  • Fhuaireadh 56 de bheachdan, àrdachadh de 65 a-mach às a’ cheud air a’ chomhairleachadh a bh’ ann roimhe. Fhuaireadh 34 de fhreagairtean air a’ chomhairleachadh mun chiad phlana ann an 2007:
  • Thàinig 45 a-mach às a’ cheud de na freagairtean bho dhaoine agus bho dhaoine an taobh a-muigh nan sgìrean Gàidhlig;
  • Dh’aontaich 47 de na freagairtean ri claonadh coitcheann a’ phlana, bha ochdnar nach do dh’aontaich agus aonan nach deach taobh seach taobh;
  • Bha 29 de na freagairtean sa Ghàidhlig. Bha 27 dhiubh sa Bheurla.

Related Content

Fiosrachadh do na meadhanan

  • Kenneth Hughes: 0131 348 6260
  • Cuirear fàilte air gairmean tron t-seirbheis Text Relay
  • Kenneth.Hughes
    @scottish.parliament.uk

Oifigear Leasachaidh Gàidhlig BCPA

Faodar ar leantainn air Twitter: @ParlAlba

Gheibh sibh am bloga againn aig:
parlamaidalba.wordpress.com

Fiosrachadh don Phoball

  • Fòn: 0800 092 7500
  • Fòn Teagsa: 0800 092 7100
  • Cuirear fàilte air gairmean tron t-seirbheis Text Relay
  • Teachdaireachd Teagsa: 07786 209888
  • sp.info@scottish.parliament.uk

Lorgaidh sibh sinn air Facebook

Agus gheibhear barrachd fiosrachaidh air YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.