23.05.2013
Don chiad uair sa Phàrlamaid, chuir Buidheann Luchd-gairm Pàrlamaid na h-Alba an cèill an-diugh gun ceasnaich iad am Prìomh Mhinistear anns an t-Sultain an dèidh na h-aithris leis air clàr-reachdais an Riaghaltais.
A’ bruidhinn mun tionnsgnadh seo, thuirt Oifigear-riaghlaidh na Pàrlamaid am Fìor Urramach Tricia Marwick BPA, a tha na cathraiche air Buidheann an Luchd-ghairm:
“Tha an tionnsgnadh seo air taobh ùr a thoirt don sgrùdadh air clàr an Riaghaltais agus tha e ag aithneachadh an àite air leth a tha aig Buidheann an Luchd-ghairm.
“Leis na tha aca de dh’eòlas is de dh’fhiosrachadh còmhla, tha Buidheann an Luchd-ghairm ann an suidheachadh math gus am Prìomh Mhinistear a cheasnachadh gach cuid mun na cuspairean farsaing agus mu mhionaideachd clàr an Riaghaltais.
“Cuiridh an seisean seo air chomas don Luchd-ghairm an Riaghaltas a cheasnachadh ann an seagh mòran nas fharsainge agus tha e mar leudachadh air an obair mhionaidich a bhios a’ tachairt sna comataidhean mar-thà air mìrean air leth de reachdas.
“Bha an Luchd-gairm air an aon ràmh nan taic ris an tionnsgnadh agus tha fiughair agam ri seisean beothail is inntinneach nas fhaide air adhart am-bliadhna.”
Thuirt Donnchadh MacNèill BPA, Neach-gairm air Comataidh Slàinte agus Spòrs na Pàrlamaid cuideachd:
“Is e neartachadh agus leasachadh an àite a tha aig a’ Chomataidh againn rud air a bheil Buidheann an Luchd-ghairm air a bhith a’ gabhail beachd o chionn ùine agus tha mi den bheachd gu bheil an tionnsgnadh ùr seo na cheum air adhart a thaobh sin.”
Thuirt Stiùbhart Maxwell BPA, Neach-gairm air Comataidh Foghlaim agus Cultair:
“Chan e dìreach maiseachadh a tha san tionnsgnadh seo no dealbh-cluiche poilitigeach. Tha e mu sgrùdadh is mu chunntachalachd agus mun àite chudromach a tha aig na Comataidhean ann a bhith a’ lìbhrigeadh sin.”
Cùl-fhiosrachadh
Bidh an seisean fosgailte don phoball agus do na meadhanan agus thèid ullachaidhean mu thiogaidean is chothrom do na meadhanan cur an cèill nuair a thèid ceann-latha an t-seisein ainmeachadh nas fhaide air adhart am-bliadhna.
Is e Oifigear Riaghlaidh no Leas-oifigear Riaghlaidh a tha mar chathraiche air Buidheann an Luchd-ghairm agus i na fòram far am bi Luchd-gairm Comataidhean a’ coinneachadh gus sealladh ro-innleachdail a ghabhail air obrachadh nan comataidhean agus ceanglaichean a chruthachadh eadar na Comataidhean, Bureau na Pàrlamaid agus Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba.
Tha caochladh chùisean an urra ris a’ Bhuidhinn, nam measg:
- cur air adhart chleachdaidhean gus leasachadh a thoirt air dèanadas nan comataidhean, gu sònraichte an obair-sgrùdaidh aca; agus
- dèanamh mholaidhean don Bhureau air gnothach nan Comataidhean ri cur air clàr-gnothaich an t-Seòmair.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air Buidheann an Luchd-ghairm air làrach-lìn na Pàrlamaid aig:
http://scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/21516.aspx
Fios Conaltraidh
Media information
Public information
- Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
- info@parliament.scot
- Text 07786 209 888
- Ask a question online through live chat
- We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL
Keep up to date with us on: