31.05.2013
Is ann le sùil air ullachadh ICT (ICT provision) do dh’fheachd-aonair ùr a’ phoileis a thòisich clàr-obrach Fo-chomataidh Ceartas air obair a’ phoileis an-dè, nuair a chuala i bho riochdairean bho Ùghdarras Phoileas na h-Alba agus bho Phoileas na h-Alba.
Agus i air a stèidheachadh gus ceannas a chumail air obrachadh Achd Ath-leasachadh a’ Phoileis is Smàladh (Alba) 2012) a rèir mar a bhios a’ bualadh air obair a’ phoileis, chuir an fho-chomataidh an cèill an dè gun dèan i sgrùdadh air na raointean a leanas mar phàirt den chlàr-obrach aice thairis air na mìosan ri tighinn.
Is iad seo, obair a’ phoileis gu nàiseanta agus a’ ceangal suas ullachadh ICT; làimhseachadh gearanan is rannsachaidhean; obair a’ phoileis gu h-ionadail; riarachadh is caomhnadh buidseatan; an dàimh eadar Seirbheis Poileis na h-Alba, Ùghdarras Phoileas na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba agus, anns an dealachadh, a’ bhuaidh a bheir ath-leasachadh air luchd-obrach a’ phoileis, oifigearan agus coimhearsnachdan.
Thuirt Neach-gairm Fo-chomataidh Ceartas, Cairistìona Ghreumach BPA:
“Tha mi cho toilichte gu bheil raon cho farsaing de dh’fhiosrachadh aig buill na fo-chomataidh againn, is iad ri lagh, poileas, bùird a’ phoileis agus riaghaltas ionadail.
“Tha sinn an seo gus an t-eòlas agus am fiosrachadh dreuchdail againn a chur gu feum ann an a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air obrachadh leantainneach feachd-aonair cumhachdach poileas nàiseanta na h-Alba. Is e an dreuchd a th’ againn na ceistean doirbh is deatamach a chur a thaobh cho math, cho luatha agus cho èifeachdach a tha filleadh a-steach feachd nàiseanta a’ phoileis a’ tighinn air adhart.
“Agus ceistean air a bhith ann mun chàirdeas eadar an dithis, cumaidh sinn oirnn cuideachd a’ measadh a’ chàirdeis-obrach eadar Àrd-chonstabal Seirbheis a’ Phoileis ann an Alba agus a’ bhuidheann-ceannais aice, Ùghdarras Phoileas na h-Alba.”
Cùl-fhiosrachadh
Tha ballrachd na Fo-chomataidh air a dèanamh suas le sianar Bhall, air an tarraing bho Phartaidh Nàiseanta na h-Alba, na Làbaraich, na Libearalaich Dheamocratach, na Tòraidhean, bhon Phartaidh Uaine agus bho na Neo-eisimeilich. Thathar air buill a thaghadh bho Chomataidh a’ Cheartais, bho Chomataidh Riaghaltais Ionadail is Ath-ùrachaidh agus bho Chomataidh Co-ionannachd Chothroman gus an ùidh a tha aig na comataidhean seo ann an obair a’ phoileis a riochdachadh.
Is iad sin Cairistìona Ghreumach BPA; Alison NicAonghais BPA; Graeme Pearson BPA; Iain Finnie BPA; Caoimhin Stiùbhart BPA agus Mairead NicIlleMhìcheil BPA.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh air Fo-chomataidh Ceartas air obair a’ phoileis an seo:
http://www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/ComataidheanAn-dràsta/61065.aspx
Fiosrachadh airson Luchd nam Meadhanan
Ann Donald: 0131 348 5605
Conaltradh Text Relay dì-beathte
ann.donald@scottish.parliament.uk
Fiosrachadh mun Chomataidh
Joanne Clinton: 0131 348 5220
Conaltradh Text Relay dì-beathte
joanne.clinton@scottish.parliament.uk
Fiosrachadh poblach
· Fòn: 0800 092 7500
· Faodaidh luchd-cleachdaidh Textphone fios a chur thugainn air 0800 092 7100
· Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh a’ cleachdadh seirbheis Text Relay
· Teachdaireachd-teacsa: 07786 209888
· sp.info@scottish.parliament.uk
Faodaidh sibh ar leantainn a-nis air truitrich cuideachd @scotparl
Thoiribh meas dhuinn air Facebook gus fios às ùr fhaighinn air naidheachdan is tachartasan fhaighinn
No faighibh a-mach barrachd air YouTube