Ògmhios

200th Act of the Scottish Parliament receives Royal Assent

28.06.2013

The two hundredth Act of the Scottish Parliament will become law later this week when the Forth Road Bridge Bill receives Royal Assent.

Protection of the environment must come first for SNH, as well as SEPA, says Rural Affairs Committee

28.06.2013

Legislation that aims to simplify regulation that protects our environment and introduces enforcement and sentencing powers for tackling environmental crime has been supported by the Rural Affairs, Climate Change and Environment Committee.

Gairm airson fianais air Bile Pòsaidh agus Com-pàirteachais Shìobhalta (Alba)

27.06.2013

Chaidh gairm airson fianaise fhoillseachadh an-diugh air Bile Pòsaidh agus Com-pàirteachais Shìobhalta (Alba) le Comataidh Co-ionannachd Chothroman Pàrlamaid na h-Alba.

Ath-leasachadh Sheirbheisean Poblach nach eil a’ lìbhrigeadh mar is còir

26.06.2013

Feumar aghaidh a chur sa bhad air an adhartas a thathar a’ dèanamh gus seirbheisean poblach thar Alba ath-leasachadh, a rèir Comataidh Riaghlaltas Ionadail is Ath-nuadhachaidh Pàrlamaid na h-Alba.

Am bu chòir co-dhearbhadh (corroboration) a thoirt air falbh, tha comataidh a’ faighneachd mar phàirt den sgrùdadh aca air Bile Ceartais Eucoraich?

26.06.2013

Tha beachdan gan sìreadh mun Bhile a tha a’ moladh gun tèid am feum air co-dhearbhadh a thoirt air falbh agus a dhèanadh leudachadh air a’ mhòr-chuid gu dà thrian air diùraidh gus binn chiontach a thoirt.

Comataidh an Ionmhais air rannsachadh pàrlamaideach air cruthachadh ‘OBR Albannach’ a chur an cèill

25.06.2013

Proposals to set up a Scottish ‘Office of Budget Responsibility’ (OBR) are to be the subject of a new inquiry from the Scottish Parliament’s Finance Committee, it has been announced.

Ceangal-adhair dìreach ri Sìona a dhìth a rèir Comataidh

23.06.2013

Bu chòir gum biodh ceangal-adhair dìreach aig Alba ri Sìona, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh.

Comataidh air iarraidh air na h-ùghdarrasan ionadail aon chànan-cèin a theagasg bhon bhun-sgoil chun na h-àrd-sgoile.

21.06.2013

Bu chòir do na h-ùghdarrasan ionadail dèanamh cinnteach gun tèid aon chànan a theagasg anns na bun-sgoiltean suas chun nan àrd-sgoiltean a rèir Comataidh Eòrpach is Cheanglaichean A-muigh.

Ro-innleachd ùr nàiseanta a dhìth gus cur an aghaidh torrachas am measg dheugairean

19.06.2013

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba ro-innleachd ùr nàiseanta a chur ri chèile gus cur an aghaidh torrachas am measg dheugairean, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Slàinte agus Spòrs aig Pàrlamaid na h-Alba.

Comataidh Co-ionannachd Chothroman ag iarraidh clàr-ama airson còir reachdail air cùram-cloinne

18.06.2013

Tha Comataidh Co-ionannachd Chothroman air clàr-ama iarraidh airson còir reachdail air cùram-cloinne a ghabhas a-steach clann suas gu aois còig deug agus clann air a bheil ciorram a’ cur.

Barrachd oidhirpean a dhìth gus ceangal a dhèanamh ri luchd-taghaidh agus comas a thoirt dhaibh ann an taghaidhean nan ùghdarrasan ionadail

17.06.2013

Lack of engagement at party political, local and Scottish Government level is leading to local authority elections becoming the ‘third tier’ of democracy according to a report

Comataidh Pàrlamaid na h-Alba gus tadhail air pròiseactan a tha ag amas air neo-ionannachd slàinte ann an Sruighlea a lughdachadh

12.06.2013

Thig Comataidh Slàinte is Spòrs Pàrlamaid na h-Alba gu Sruighlea a dh’fhaicinn diofar iomairtean slàinte anns a' bhaile mar phàirt de chlàr thachartasan Latha na Pàrlamaid, a bhios air a chumail ann an Sruighlea air 21 Ògmhios.

Deasbadairean òga na h-Alba ann an co-fharpais aig Taigh an Ròid

08.06.2013

Is e ‘Tha an Taigh seo den bheachd gu bheil an lìon a’ brosnachadh deamocrasaidh’ an cuspair a thèid a dheasbad Diardaoin aig Taigh an Ròid nuair a thig barrachd is ceud de dheasbadairean bho àrd-sgoiltean na h-Alba cruinn còmhla.

Rùnaire-stàite na Rìoghachd Aonaichte Eòghainn Paterson BP gus fianais a thoirt do Chomataidh Cùisean Dùthchail

07.06.2013

Bheir Rùnaire-stàite na Rìoghachd Aonaichte airson na h-Àrainneachd, Biadh agus Cùisean Dùthchail Eòghainn Paterson BP fianais do Chomataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh na Clìomaid agus na h-Àrainneachd Diciadain 12 Ògmhios.

Sgoilearan bho Bun-sgoil Our Lady a’ coimhead air adhart ri Latha na Pàrlamaid

05.06.2013

Tha sgoilearan bho Bun-sgoil Our Lady a’ coimhead air adhart ri Dihaoine 21 Ògmhìos nuair a thig Pàrlamaid na h-Alba gu Sruighlea airson Latha na Pàrlamaid.

An dèan Bile ùr nan Tribiunal an siostam mar a tha e an-dràsta nas sìmplidhe agus leasachadh air, tha Comataidh a’ Cheartais a’ faighneachd

05.06.2013

A bheil thu nad phàrant a chaidh gu Comataidh Thagraidhean-foghlaim às leth do phàiste no an d’rinn thu tagradh mu ìre cìs na comhairle le Comataidh Thagraidhean-luachaidh? Mas e gu bheil, tha na beachdan agad a dhìth air Comataidh a’ Cheartais.

Comataidh a’ Cheartais ag iarraidh ath-bhreithneachadh air reachdas toinnte mu mhaoir-seilbhe (property-factors)

05.06.2013

Faodaidh gum bi reachdas toinnte (complex legislation) na bhacadh air an dà chuid sealbhadairean-dachaighean agus luchd-seilbhe dreuchdail gus maoir-seilbhe a iomlaid agus càradh cumanta a sparradh, tha aithisg ùr bho Chomataidh a’ Cheartais ag ràdh.

Seo agaibh Comataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha

05.06.2013

Thathar air Comataidh an Fho-reachdais aig Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh às ùr an-diugh mar Chomataidh nan Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha.

Conaltradh nas fheàrr deatamach do luchd-fulaing is do dh’fianaisean, Comataidh a’ Cheartais ag ràdh

03.06.2013

Feumar adhartas fhaighinn air conaltradh eadar buidhnean ceartas eucoir agus luchd-fulaing agus fianaisean, a rèir Comataidh a’ Cheartais san aithisg aca aig Ìre 1 de Bhile Luchd-fulaing is Fianaisean (Alba), a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

A’ gairm air a h-uile buidheann saor-thoileach is coimhearsnachd ann an Srath Foirthe – tha ur Pàrlamaid feumach oirbh

Bidh mar a bhios Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh agus mar as urrainn do bhuidhnean, charthannasan is iomairtean sòisealta buaidh a thoirt air a’ chlàr-ghnothaich aice mar fhòcas co-labhairt a ghabhas àite air Disathairne 22 Òmhios ann an Sruighlea.

Beachdan gan sireadh mu ath-leasachadh mòr air reachdas banc-bhristeachais

Thèid reachdas a bhios ag amas air leasachadh a thoirt air comhairle, cobhair is stiùir a thaobh fhiachaibh – a’ gabhail a-steach foghlam is comhairle airgeadais o neach-comhairle aontaichte – a sgrùdadh le Comataidh Eaconamaidh, Cumhachd is Turasachd.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.