Conaltradh nas fheàrr deatamach do luchd-fulaing is do dh’fianaisean, Comataidh a’ Cheartais ag ràdh

03.06.2013

Feumar adhartas fhaighinn air conaltradh eadar buidhnean ceartas eucoir agus luchd-fulaing agus fianaisean, a rèir Comataidh a’ Cheartais san aithisg aca aig Ìre 1 de Bhile Luchd-fulaing is Fianaisean (Alba), a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic don mholadh gun rachadh goireas air-loidhne a shuidheachadh far am faigheadh luchd-fulaing fiosrachadh mun chùis aca ach tha iad a’ toirt seachad rabhadh nach bu chòir seo a bhith an àite an fhìor fheum a th’ann airson conaltradh daonna agus taic do luchd-fulaing. Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ creidsinn gum feum na poileis agus na cùirtean a bhith air am maoineachadh gu h-iomchaidh agus air an trèanadh gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhaibh ann an da-rìribh am fiosrachadh iomchaidh don chùis, mar a tha air iarraidh sa Bhile, a sholarachadh, agus – ann am Beurla shoilleir sgrìobhte, do luchd-fulaing is do dh’fhianaisean.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Cairistìona Ghreumach BPA:

 

“Tha a’ Chomataidh againn a’ creidsinn gu bheil am Bile seo a’ toirt seachad  taic is dìon a bha a dhìth air luchd-fulaing is air fianaisean agus tha sinn an dòchas gum bi adhartas anns an eòlas a chuireas iad air an t-siostam ceartas eucoir.

 

“Gu sònraichte tha sinn a’ creidsinn nach eil na tha de dh’fhiosrachadh a’ sruthadh bho bhuidhnean ceartas eucoir cho co-òrdanaichte ’s a bu chòir dha a bhith. Fhuair sinn fianais bho luchd-fulaing air an tàinig na sgeulachdan aca, a bha aig amannan mì-chàilear, innse mu shia-deug uair do dhiofar bhuidhnean ceartas eucoir. Tha e soilleir nach eil seo ceart.

 

“Ach, tha sinn cuideachd a’ creidsinn gu bheil leasachaidhean a dhìth air pàirtean sònraichte den Bhile, gus dèanamh cinnteach gum bi cothromachadh ann an còirichean gach cuid luchd-casaid, luchd-fulaing is fianaisean. Gu sònraichte, fhad’s a tha sinn a’ toirt taic do luchd-fulaing is fianaisean feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheilear a’ dìon slighean gu ceartas agus meas neo-chiontas neach-casaid, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri freagairt Riaghaltas na h-Alba fa chomhair nan cùisean sin agus cùisean eile anns an aithisg againn.”

 

Mhol a’ Chomataidh cuideachd gum bu chòir Riaghaltas na h-Alba:

 

  • Mìneachadh a dhèanamh air an roinn den Bhile, no a thoirt air falbh, a tha a’ toirt iomradh air luchd-fulaing is fianaisean “a’ gabhail pàirt gu h-èifeachdach” ann an sgrùdaidhean is ceumannan, oir tha seo a’ togail dhùilean luchd-fulaing gum biodh pàirt nas gnìomhaich aca na bhios comasach a choileanadh.

 

  • Mìneachadh a dhèanamh aig toiseach a’ Bhile air na tha “neach-fulaing” a’ ciallachadh, a chuidicheadh le mìneachadh fhaighinn air dè na còirichean a tha aig neach fa-leth fon Bhile.

 

  • A bhith ag obair còmhla ris na poileis gus adhartas fhaighinn air an comas aca a bhith a’ coinneachadh ris a’ chòir sa Bhile a tha aig luchd-fulaing eucoirean feise a bhith ag ainmeachadh gnè an cuid ceasnaiche. Seach gu bheil na poileis a’ togail dhraghan mu na duilgheadasan practigeach a bheireadh an iarrtas seo dhaibh, ann an sgìrean dùthchail mar eisimpleir, tha a’ Chomataidh a’ cur air adhart a’ bheachd gum faodar mìneachadh a thoirt don neach-fulaing agus sin a chur a-steach don aithisg gu Neach-casaid a’ Chrùin nuair nach urrainnear iarrtas a choileanadh.

 

  • Mìneachadh cò air a tha an dleastanas a thaobh stèidheachadh so-leòntachd luchd-fulaing is fianaisean.

 

  • Beachdachadh nan rachadh òrdughan dìolaidh (restitution orders) a thoirt a-steach airson dìreach oifigearan poileis is luchd-obrach nam poileis, ach gun a bhith airson luchd-obrach eile, am biodh seo na adhbhar sgaraidh.

Cùl-fhiosrachadh

 

Tha Bile Luchd-fulaing is Fianaisean (Alba) ag amas air ath-leasachadh a dhèanamh air an t-siostam ceartais gus adhartas a thoirt air fios-faireachdainn ludhd-fulaing is fhianaisean. Tha e ag amas gum bi ùidhean luchd-fulaing aig cridhe adhartasan leantainneach san t-siostam ceartais agus dèanamh cinnteach gum bi e comasach dha fianaisean an dleastanas poblach a choileanadh gu h-èifeachdach.

Fios Conaltraidh

Fios conaltraidh

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.