Sgoilearan bho Bun-sgoil Our Lady a’ coimhead air adhart ri Latha na Pàrlamaid

05.06.2013

Tha sgoilearan aig Bun-sgoil Our Lady a’ coimhead air adhart ri Dihaoine 21 Ògmhìos nuair a thig Pàrlamaid na h-Alba gu Sruighlea airson Latha na Pàrlamaid.

San eadar-ama, chaidh tuilleadh fiosrachaidh ainmeachadh mu thachartasan is ghnìomhachd air Latha na Pàrlamaid, a chaidh a dhealbhadh gus sealladh a thoirt do mhuinntir na h-Alba air obair na Pàrlamaid agus luchd-poilitics.

Air latha na Pàrlamaid bidh an Leas Oifigear Riaghlaidh, Elaine Nic a’ Ghobhain BPA, a’ tadhal air grunn bhuidhnean coimhearsnachd air feadh sgìre Shruighlea. Eadar a’ chlann aig Sgoil Àraich Red Kite san Dùn is luchd-obrach saor-thoileach aig Banca Bìdh Èiginn Shruighlea ‘Start Up’, bidh gach cuid na phàirt den turas cabhaigeach aice am measg nan coimhearsnachd ionadail ann an Sruighlea.

 

Bha an t-Oifigear Riaghlaidh an Fhìor Urramach Tricia Marwick BPA, an dùil a bhith a’ stiùireadh gnìomhachd Latha na Pàrlamaid, ach tha i an-dràsta a’ gabhail fois às deidh dhith a bhith fon làmhsair. Is e an Leas Oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhain BPA a-nis a stiùireas gnothaichean ann an Sruighlea.

 

 Thuirt an Leas Oifigear Riaghlaidh Elaine Nic a’ Ghobhain, BPA: 

 

“Tha Latha na Pàrlamaid Day mu bhith a’ toirt Pàrlamaid na h-Alba air falbh bho Dhùn Èideann agus mun cuairt choimhearsnachdan air feadh na h-Alba.

 

“Le bhith a’ toirt sealladh do mhuinntir Shruighlea air latha anns a’ Phàrlamaid, tha mi’n dòchas gun tog sinn ceanglaichean làidir leis a’ choimhearsnachd ionadail agus gum brosnaich sinn daoine gu bhi an-sàs san fhad-ùine.

 

“Tha mi toilichte a bhith a’ tadhal air Sruighlea agus a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ coinneachadh dhaoine ionadail agus bhuidhnean.”   

 

Bidh Comataidh Slàinte is Spòrs cuideachd a’ tadhal air grunn phròiseactan ionadail agus cumaidh iad coinneamh Comataidh fhoirmeil san fheasgar mu bhuaidh no-ionannachd slàinte air an sgìre.

 

Bidh daoine bho choimhearsnachdan air feadh Shruighlea an sàs  ann a bhith  a’ cur fàilte air a’ Phàrlamaid fhad’s a tha sreath de thachartasan timcheall a’ Phàrlamaid a’ gabhail àite.

 

Gnìomhachdan Latha na Pàrlamaid

An Leas Oifigear-riaghlaidh

Am measg nam buidhnean air a bheil an Leas Oifigear-riaghlaidh a’ tadhal tha:

 

  • Sgoil-àraich Coimhearsnachd Red Kite: Tha Sgoil-àraich Coimhearsnachd Red Kite stèidhichte san Dùn agus is ann leis a’ choimhearsnachd ionadail a tha e. Bithidh iad cuideachd ga riaghladh.
  • Recyk-a-bike. Is e meur iomairt sòisealta de iomairtean Coimhearsnachd Fallin a tha seo agus bidh iad a’ càradh agus ag ùrachadh bhaidhsagalan nach eileas ag iarraidh agus gan reic sa choimhearsnachd gu saor.
  • Tòiseachadh Banca Bidh Eiginn Sruighlea. Bidh an carthannas seo a’ feuchainn ri cuideachadh is taic a chumail ri teaghlaichean is daoine fa-leth a tha gun dachaigh agus ann an cruaidh chàs ionmhais le bhith a’ toirt pacan tòiseachaidh-dachaigh is maitheis, taic càirdeis agus pacan èiginn bìdh.
  • Biùro Comhairleachaidh Saoranaich Shruighlea. Is e Biùro Comhairleachaidh Saoranaich Shruighlea aon de na buidhnean as sine agus as fhaide a tha a’ dol ann an Alba, aig aois 74 bliadhna agus tha e aig cridhe na coimhearsnachd ionadail a’ toirt seachad comhairle an-asgaidh agus gu neo-eisimeileach do mhìltean de shaoranaich san sgìre.

 

Comataidh na Slàinte is an Spòrs

Thèid na buidhnean coimhearsnachd ionadail air am bi Comataidh na Slàinte is an Spòrs a’ tadhal ainmeachadh a dh’aithghearr a bharrachd air ainmean nam fianaisean bhom bi iad a’ faighinn fianais mar phàirt den choinneimh Comataidh fhoirmeil aca.

 

Foghlam

Bidh Sgioba Coimhearsnachd Foghlaim na Pàrlamaid ag obair le sgoilearan ann an sgoiltean ionadail beagan ùine ro latha na Pàrlamaid gus tuigse nas fheàrr a thoirt seachad mu obair na Pàrlamaid. Tha an sgioba mu thràth air tadhal air Bun-sgoil Our Lady agus tha dùil aca tadhal air Bun-sgoil Taobh na h-Aibhne air 13 Ògmhìos gus seiseanan ann an Beurla is Gàidhlig a thoir do thrì clasaichean.

 

Cùl-fhiosrachaidh

Tha Latha na Pàrlamaid ag amas air a’ Phàrlamaid a thoirt a-mach à Dùn Èideann. Leigidh seo le daoine a’ Phàrlamaid fhaicinn an sàs nan obair, ge b’e sin gnìomhachas Pàrlamaid ‘oifigeil’, no aig ìre nas neo-fhoirmeile.

 

Tha Latha na Pàrlamaid aig cridhe ro-innleachd na Pàrlamaid airson an ceathramh seisean aca. Tha Latha na Pàrlamaid ag amas air a’ Phàrlamaid a thoirt a-steach do na coimhearsnachdan air feadh na h-Alba, a’ brosnachadh dhaoine ionadail gu bhith a’ togail ùidh agus a’ dol an-sàs gu dìreach le obair na Pàrlamaid aca.

 

Is e Sruighlea an treas Latha na Pàrlamaid a thèid a chumail oir chaidh tachartasan an cumail roimhe seo ann an Hamhaig agus ann an Steòrnabhagh.  

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.