Comataidh a’ Cheartais ag iarraidh ath-bhreithneachadh air reachdas toinnte mu mhaoir-seilbhe (property-factors)

05.06.2013

Faodaidh gum bi reachdas toinnte (complex legislation) na bhacadh air an dà chuid sealbhadairean-dachaighean agus luchd-seilbhe dreuchdail gus maoir-seilbhe a iomlaid agus càradh cumanta a sparradh, tha aithisg ùr bho Chomataidh a’ Cheartais ag ràdh.

Tha aithisg na Comataidh a chaidh fhoillseachadh an-diugh a’ tighinn an dèidh rannsachadh air cho èifeachdach agus a tha Achd Cumhaichean Tiotail (Alba) 2003.

Ged a tha Comataidh a’ Cheartais a’ gabhail ris gu bheil feum air dìon a bhith ann gus cumail-suas togalaichean a dhaingneachadh, tha a’ Chomataidh den bheachd nach eil na h-ullachaidhean ag obair ann am fìrinn agus gum bu chòir ath-bhreithneachadh a dhèanamh orra. Bha dragh aice gu sònraichte mun ullachadh ann an Achd 2003 mu uallach luchd-rianachd a cheadaicheas gum faodar aon mhaor-seilbhe a chur an dreuchd fad ùine 30 bliadhna ach nach eil daonnan cumhaichean ann do shealbhadairean-dachaighean nach eil toilichte leis na seirbheisean-maorsainneachd (factoring-services) a thathar a’ tairgse.  

Thuirt Neach-gairm Chomataidh a’ Cheartais Cairistìona Ghreumach BPA:

“Tha a’ Chomataidh againn mothachail air amasan Achd 2003 agus air cho cudromach agus a tha e gun tèid taigheadas na h-Alba a chumail suas. Tha an rannsachadh againn air leigeil fhaicinn, ge-tà, gu bheil duilgheadasan practaigeach air a bhith aig an dà chuid sealbhadairean-dachaighean agus maoir-seilbhe le reachdas a tha toinnte gu tric. Gu sònraichte, chan eil an càirdeas eadar sealbhadairean-dachaighean agus buidhnean-gleidhidh le seilbh-fearainn soilleir.

“Tha sinn den bheachd gu bheil àite ann fhathast airson leasachadh nach beag a thaobh dìol nas fheàrr fhaighinn do shealbhadairean-dachaighean a bhios a’ feuchainn ri cosgaisean seirbheisean maorsainneachd-fearainn atharrachadh no dùbhlan a thoirt orra. Cuideachd, tha cion mothachaidh air càradh ann an Alba air an fheum sealbhadairean-dachaighean aghaidh a thoirt cuideachd. Feumaidh daoine air an lobhta-làir tuigsinn gum faodadh an aon uallach a bhith orra a thaobh càradh-mullaich agus a tha an fheadhainn air an lobhta-mhullaich (top-floor). Tha àite aig na h-ùghdarrasan ionadail ann cuideachd a thaobh sùil a chumail air cumail-suas àiteachan uaine agus thogalaichean ùra san ùine fhada. Bu chòir do shealbhadairean-dachaighean a bhith mothachail nuair a cheannaicheas iad togalach ùr gum faodadh gum bi iad buailteach cuideachd airson cumail-suas nan àiteachan uaine, air neo dh’fhaodadh iad coiseachd a-mach an doras aca agus a bhith suas dhan achlais ann am feur fada.”

Tha aithisg Chomataidh a’ Cheartais air na ceistean a leanas a thogail cuideachd:

Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba cur ri mothachadh air uallach shealbhadairean-dachaighean agus brosnachadh a thoirt gun tèid comainn luchd-chòmhnaidhe a stèidheachadh gus gnothach a ghabhail ri cumail-suas cumanta. Bu chòir do luchd-lagha agus luchd-leasachaidh cuideam a chur air an uallach seo ri linn modh-obrachaidh ceannach-seilbhe (property purchasing process) cuideachd.

 

  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachd a ghabhail air seirbheis-eadraiginn a stèidheachadh do shealbhadairean-dachaighean mu chosgaisean gun aontachadh do sheirbheisean cumail-suas togalaichean.

 

  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba beachd a ghabhail air a’ cheist a tha air a’ Chomataidh gur dòcha gun cuireadh a’ bhuailteachd mu chosgaisean (nuair a phàigheas a neach a chailleas cosgaisean an neach nan aghaidh) casg air sealbhadairean-dachaighean feum a chur air Tribunal an Fhearainn gus, mar eisimpleir, cùis-deuchainn mu uallach cumail-suas fearainn a leantainn.

 

  • Nì a’ bhunait laghail air e bheil an càirdeas eadar sealbhadairean-dachaighean agus buidhnean-gleidhidh le seilbh-fearainn doirbh do shealbhadairean-dachaighean an gnothach a dhèanamh air duilgheadasan sam bith ag èirigh às na seirbheisean cumail-suas a thathar a’ toirt seachad.
    Cùl-fhiosrachadh

 

Tha Achd Cumhaichean Tiotail (Alba) 2003 a’ riaghladh nan dleastanasan (no “cumhaichean-tiotail”) a dh’fhaodadh nochdadh ann an còraichean-seilbhe. Faodaidh Achd 2003 buaidh a thoirt air mar a thèid maoir-seilbhe a chur an dreuchd no à dreuchd. Faodaidh gum bi srian ri farpais agus càileachd seirbheisean seach gum faod ullachaidhean Achd Cumhaichean Tiotail (Alba) 2003 cuibhrig a chur ri comas shealbhadairean-dachaighean maoir-seilbhe atharrachadh. Cuideachd, tha an coltas ann nach eil gin de dh’ullachaidhean na h-Achd a’ gabhail gnothaich gu h-èifeachdach ris an t-suidheachadh far a bheil sealbhadairean-dachaighean diombach leis na seirbheisean a bhios buidheann-gleidhidh cumail-suas fearainn a’ toirt seachad. 

 

Thàinig Achd nam Maor-seilbhe (Alba) 2011 an gnìomh san Dàmhair 2012.  Tha e mar amas aice leasachadh a thoirt air inbhean san roinn ri cumail-suas seilbhe. Thug an reachdas a-steach clàradh èigneachail airson gach maor-seilbhe, còd-giùlain agus slighe gus connsachadh fhuasgladh do shealbhadairean-dachaighean.

 

Fìor Uallaichean

Aonan de na ceistean ris an deach gnothach a ghabhail ann an Achd Cumhaichean Tiotail (Alba) 2003, is e “fìor uallaichean”. Faodaidh fìor uallaichean bualadh air caochladh shuidheachaidhean, mar eisimpleir, a’ cur stad air feum a thaobh gnìomhachais à àite-còmhnaidhe, ag iarraidh air na h-uile ann an tenement cuideachadh ri càradh a’ mhullaich no srian ri àirde thogalaichean ann an gàrraidhean no leudachadh air togalaichean. Faodaidh iad smachd a chumail air mar a thèid mar-seilbhe a chur an dreuchd cuideachd. 

 

Uallaichean Luchd-rianachd

Fo Achd 2003, thèid aig neach a’ cur suas togalach ùr no taighean ùra air maor-seilbhe a chur an dreuchd fad suas ri còig bliadhna (no suas ri trì far a bheil togalaichean-cluaineis ann). Faodar uachdaran sòisealta air a chlàradh le oighreachd far am faodar seilbh a cheannach fo reachdas “còir air ceannach” maor-seilbhe a chur an dreuchd fad 30 bliadhna, ged a dh’fhaodas sealbhadairean-dachaighean air a bheil seo a’ bualadh bhòtadh le mòr-chuid de dhà thrian maor-seilbhe ùr a chur an dreuchd ri linn nan 30 bliadhna.

 

Thathar a’ meas gu bheil mu 36% de shluagh na h-Alba (780,000 de theaghlaichean) a’ fuireach ann an lobhta-tenement, ann am flat, maisonette no ann an àrosan agus bheil rianadair-seilbhe aig mun dara cuid de dhaoine a tha a’ fuireach ann am flataichean ann an seilbh phrìobhaideach.  TÙS: SPICE, http://www.pàrlamaidnah-alba.ra/Rannsachadh%20brathan-ullachaidh%20agus%20duilleagan/SB10-42.pdf

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fiosrachadh comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.