Deasbadairean òga na h-Alba ann an co-fharpais aig Taigh an Ròid

08.06.2013

Is e ‘Tha an Taigh seo den bheachd gu bheil an t-eadar-lìon a’ brosnachadh deamocrasaidh’ an cuspair a thèid a dheasbad Diardaoin aig Taigh an Ròid nuair a thig barrachd is ceud de dheasbadairean bho àrd-sgoiltean na h-Alba cruinn còmhla gus a dhol am farpais an aghaidh a chèile anns a’ Chuairt mu Dheireadh de Cho-fharpais deasbaireachd Dhòmhnaill Mhic an Deòir 2013.

Am-bliadhna tha 128 sgiobaidhean bho air feadh Alba air a bhith an sàs anns an deasbaireachd agus an gnothach a dhèanamh tro shreath chuairtean air cuspairean, toirmeasg air buidhnean poilitigeach eastramach (extremist) agus toirt a-steach 100% cìs-oighreachd nam measg. 

 

Air a stèidheachadh ann an 1999, tha a’ cho-fharpais deasbaireachd as motha do dh’àrd-sgoiltean na h-Alba fosgailte do gach àrd-sgoil ann an Alba. Tha e mar amas aig a’ cho-fharpais tuigse air a’ chuideam an lùib deasbaireachd, tagradh is conaltradh ri dreuchd an lagha, deamocrasaidh agus comann-sòisealta san fharsaingeachd a chur air adhart. Air a cur air dòigh agus ga ruith le Comann-lagha na h-Alba, tha a’ cho-fharpais mar chuimhneachan air a’ Phrìomh Mhinistear nach maireann Dòmhnall Mac an Deòir BPA, a chaochail ann an 2000. 

 

Thuirt an Leas-oifigear Riaghlaidh Iain Scott BPA, a bhios sa chathair aig a’ chuairt mu dheireadh:

 

“Tha Deasbad bliadhnail Mhic an Deòir na chothrom do dhaoine òga ann an Alba na beachdan aca mu rudan a bhios a’ bualadh orra a nochdadh agus an comas-deasbaireachd aca a chur gu deuchainn ann an Seòmar Pàrlamaid na h-Alba. Le 128 sgiobaidhean an sàs anns a’ cho-fharpais am-bliadhna, rinn an ceathrar mu dheireadh math fhèin an ìre seo a ruigsinn agus tha fiughair agam ri deasbad a bhios beothail is tràthail sa chuairt mu dheireadh.”

 

Is iad na ceithir sgiobaidhean a tha sa chuairt mu dheireadh am-bliadhna:

1.    Acadamaidh an Naoimh Mairearad, Lodainn an Iar – Caitlin Sutherland agus Shannon Russell.

2.    Acadamaidh Chille Chuithbheirt, Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh – Iona Bonaventura agus Lydia Reilly.

3.    Colaiste Ghleann Amain, Siorrachd Pheairt – Simon Boedermaker agus Marcus Buist.

4.    Colaiste Raibeirt Ghòrdain, Obar Dheathain – Tom Sanders agus Morag Forbes.

 

Cuideachd an sàs ann an deasbad air làr an t-Seòmair tha oileanaich bho 9 sgoiltean a bha an sàs anns a’ cho-fharpais am-bliadhna:

 

·         Àrd-sgoil Craigmount, Dùn Èideann

·         Acadamaidh Ghlaschu, Glaschu

·         Àrd-sgoil Dhùn Dè, Dùn Dè

·         Sgoil-ghràmair Lannraig, Siorrachd Lannraig a Deas

·         Àrd-sgoil Linwood, Siorrachd Rinn Friù

·         Àrd-sgoil Menzieshill, Dùn Dè

·         Colaiste an Naoimh Aloysius, Glaschu

·         Sgoil-chiùil Mhoire, Dùn Èideann

·         Àrd-sgoil na Trianaid, Dùn Èideann

 

Thuirt Heather McKendrick, an t-oifigear an urra ri foghlam, trèanadh agus leasachadh aig Comann-lagha na h-Alba, cuideachd:

 

“Is e farpais anabarrach fhèin math a tha air a bhith ann uair a-rithist eile agus thathar a’ dèanamh gàirdeachais ris a h-uile sgioba a thig a’ chuairt mu dheireadh a-mach, gu sònraichte nuair a smaoinicheas tu air a liuthad sgioba an sàs sna cuairtean bho thùs agus ìre nam farpaiseach againn.

 

“Is e urram mòr a tha ann a bhith an ceannas air a’ chuairt mu dheireadh den fhianais ann an seòmar-deasbaid na Pàrlamaid an seachdamh turas agus tha mi cinnteach gun dèan latha beothail air am bi cuimhne aca dhan fheadhainn air fad an sàs.”

Gheibh an sgioba a bhuannaicheas craobh-chosgair (laurel) agus duais of £1,000, air a thoirt seachad le Comann-lagha na h-Alba, agus an fheadhainn san dara h-àite £250, air a thoirt seachad le Comann Luchd-tagraidh Ghlaschu. Gheibh na h-uile sa chuairt mu dheireadh cuach agus teisteanas air leth gus mar a shoirbhich leotha a chomharrachadh agus bheir luchd-taice na  bliadhna seo Hodder Gibson Foillsichearan leabhraichean-foghlaim air luach £500, eadar an sgioba a bhuannaicheas agus an fheadhainn san dara h-àite. 

 

Is iad britheamhan na farpaise:

·         Jon Dye, Leas-chathraiche Aonadh na Beurla (Àrd-bhritheamh)

·         Irene McGrath, Cathraiche air Comann Deasbaireachd Eadar-nàiseanta Sgoiltean na h-Alba

·         Neil Stevenson, a bha na Urrasair air Aonadh na Beurla

·         Aissa Watson, a bha na Ceannard ri Labhairt agus Deasbaireachd aig Aonadh na Beurla

·         agus Adam McKinlay, Fear-ullachaidh sgioba na h-Alba, Co-fharpaisean deasbaireachd Sgoiltean an t-Saoghail

 


Cùl-fhiosrachadh

Thèid an deasbad a chraoladh air an Lìon bho 6f gu 10f le balbhadh beag eadar 8.40f agus 9.25f air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Dealbhadh

Bidh cothrom air dealbhan chùisean an-asgaidh. Cuiribh fios gu Dealbhadair Pàrlamaid na h-Alba, Andrew Cowan air 0131 348 5878.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Comann Lagha na h-Alba

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.