Comataidh Pàrlamaid na h-Alba gus tadhail air pròiseactan a tha ag amas air neo-ionannachd slàinte ann an Sruighlea a lughdachadh

12.06.2013

Thig Comataidh Slàinte is Spòrs Pàrlamaid na h-Alba gu Sruighlea a dh’fhaicinn diofar iomairtean co-cheangailte ri ceistean slàinte anns a' bhaile mar phàirt de chlàr thachartasan a tha san amharc airson Latha na Pàrlamaid, a bhios air a chumail ann an Sruighlea air 21 Ògmhios.

Thèid a’ Chomataidh gu Ionad Coimhearsneachd Sealladh a’ Chnuic / Hillview a chluinntinn mu dheidhinn Com-pàirteachas Chothroman Cultenhove, iomairt shòisealta a tha ag obair gus fèin-mheas is misneachd luchd-còmhnaidh a chur am feabhas.

 

An dèidh sin thèid a’ Chomataidh gu Ospadal Coimhearsnachd Shruighlea far an cluinn iad mu dheidhinn Faochadh Cathair Shruighlea, pròiseact a bheir taic do dhaoine le seargadh-inntinn. Cuideachd, bidh na BPAan a’ coimhead air sgoilearan bho Bhun-sgoil Cowie ’s iad ri taisbeanadh dràma is dannsa mar phàirt dhen iomairt ‘Macs sa Mheadhan / Max in the Middle’ a chuireas air adhart ithe fallain is eacarsaich.

 

San fheasgar cumaidh a’ Chomataidh coinneamh fhoirmeil ann an seòmraichean cathrach Comhairle Shruighlea, far am faigh iad fianais is fios mun rannsachadh aca air neo-ionannachd slàinte bho NHS Srath Foirthe, Chomhairle Shruighlea, Iomairt Shaor-thoileach Siorrachd Shruighlea agus Cholaiste Srath Foirthe.

 

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Slàinte is Spòrs, Donnchadh MacNèill BPA:

 

“Tha a' Chomataidh againn a’ dèanamh fiughair ri cluinntinn mu mar a tha na prògraman seo a’ lughdachadh neo-ionannachd slàinte ann an Sruighlea.

 

“Tha sinn air a bhith a’ gabhail os làimh rannsachadh mu mar a bhios neo-ionannachd slàinte a’ toirt buaidh air daoine thar na h-Alba, ’s mar sin le bhith a’ faicinn dè thachras gu h-ionadail ann an Sruighlea, chì sinn an diofar a nì iomairtean mar seo.

 

“Tha a’ Chomataidh an dòchas gun leig ’s gu bheil sinn a’ coinneachadh ri chèile taobh a-muigh Dhùn Èideann leinn faicinn is cluinntinn mun obair a tha air chois ann an coimhearsnachdan thar ceàrnaidh Shruighlea.”

 

Thuirt Kathy O’ Neill, Manaidsear Coitcheann Sheirbheisean Coimhearsnachd aig NHS Srath Foirthe:

 

“Tha sinn glè thoilichte gu bheil a’ Chomataidh a’ tadhal air Ospadal Coimhearsnachd Shruighlea ’s gum bi cothrom aca coimhead air dìreach cuid de dh’ iomadh iomairt a tha a’ dol air adhart le sgoiltean ionadaile is buidhnean coimhearsnachd gus slàinte dhaoine a chur am feabhas agus neo-ionannachd a lughdachadh.”

Cùl-sgeul

Gnìomhan Chomataidh Slàinte is Spòrs

Dihaoine 21 Ògmhios

09:45              Comataidh Slàinte gus tadhail air Ionad Coimhearsnachd Sealladh a’ Chnuic agus Ospadal Coimhearsnachd Shruighlea .

13:30              Comataidh Slàinte ’s Spòrs gus coinneamh a chumail ann an Seòmraichean Chomhairle Sruighlea.  

Ionad Coimhearsnachd Sealladh a’ Chnuic

Thèid a’ Chomataidh an-sàs ri Com-pàirteachas Chothroman Cultenhove, iomairt shòisealta a tha ag obair gus Cultenhove a dhèanamh nas fheàrr mar àite-còmhnaidh tro bhith a’ cur fèin-mheas is misneach luchd-còmhnaidh am feabhas, gam brosnachadh a bhith pròiseil àsta fhèin agus às an àite sa bheil iad a’ fuireach, agus a’ dol an sàs sna ceistean is na duilgheadasan a bhuineas ri mì-chothrom

 

Ospadal Coimhearsnachd Shruighlea

Chì a’ Chomataidh an uair sin an obair a thathar a’ gabhail os làimh le Faochadh Cathair Shruighlea, a th’ air a bhith a’ toirt taic do dhaoine le seargadh-inntinne, don luchd-cùraim agus do na teaghlaichean aca gus iad a chuideachadh ann a bhith a’ còmhnaidh nan coimhearsnachdan ann an Sruighlea agus sa cheàrnaidh, obair a tha a’ dol o 1992. Thòisich seo aig an àm ud le bhith a’ cur air dòigh seirbheis ionad-tadhail far am b’ urrainn do luchd-fulaing seargadh-inntinne a thighinn ann ’s cùram fhaotainn aig luchd-saor-thoileach a fhuair trèanadh fhad ’s a bhiodh cothrom aig an luchd-cùraim fuireach cuide riutha neo dol don chathair gus beagan faochaidh fhaighinn (’s ann mar seo a thàinig an t-ainm “Faochadh Cathair Shruighlea” gu bith).  

Macs sa Mheadhan / Max in the Middle

Fhad ’s a tha iad aig Ospadal Coimhearsnachd Shruighlea, bidh cothrom cuideachd aig na BPAan coimhead air Macs sa Mheadhan / Max in the Middle, geàrr-dhràma le sgoilearan Bhun-sgoil Cowie, air a chur air dòigh tro phròiseact leasachaidh slàinte ionadail a bha ag amas air ionnsachadh a thoirt do dhaoine òga bun-sgoile mu bhith ag ithe gu fallain, mu ghnìomhachd fiosaigeach agus mu bhith a’ seachnadh cus cuideim is ramhrachd, agus seo uile air dòigh neo-bhreithneachail thar a h-uile clas, dèanta gu bhith mar rud “ion-chuimhneachail, tarraingeach is gun stiogma”. 

 

 

Ticeadan phoblach gu coinneamh Chomataidh Slàinte is Spòrs 

 

Faodaidh a’ mhòr-shluagh frithealadh air coinneamh na Comataidh ann an seòmraichean cathrach Chomhairle Shruighlea. Gabhaidh ticeadan a chur air leth le post-d gu sp.bookings@scottish.parliament.uk neo air fòn aig 0131 348 5200.

Latha na Pàrlamaid

 

’S e amas Latha na Pàrlamaid ach a’ Phàrlamaid a thoirt às Dùn Èideann. Leigidh e le daoine a’ Phàrlamaid fhaicinn ’s i ri h-obair, eadar ’s gur e seo gnothaichean ‘oifigeach’ na Pàrlamaid neo cùisean nas neo-fhoirmeile. ’S e Latha Pàrlamaid Shruighlea an treasamh turas a thèid seo a chumail, le tachartasan a ghabh àite mu-thràth ann an Hamhaig is ann an Steòrnabhagh.

 

Cuideachd, gabhaidh an Leas Oifigear Riaghlaidh os làimh tadhal air diofar àite ann an ceàrnaidh Shruighlea.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.