Comataidh air iarraidh air na h-ùghdarrasan ionadail aon chànan-cèin a theagasg bhon bhun-sgoil chun na h-àrd-sgoile.

21.06.2013

Bu chòir do na h-ùghdarrasan ionadail dèanamh cinnteach gun tèid aon chànan a theagasg anns na bun-sgoiltean suas chun nan àrd-sgoiltean a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh (Dihaoine 21 Ògmhios) le Comataidh Eòrpach agus Cheanglaichean A-muigh.

Enhanced with Microsoft Silverlight
Watch a short video interview with designer Felix Chabluk Smith

Further information and related videos

Tha an aithisg a’ cur aonta ris an amas a tha ann dà chànan-cèin a theagasg do chlann na bun-sgoile a bharrachd air cànan glùin na màthar aca. Tha a’ Chomataidh air cuideam a chur, ge-tà, air an fheum air cànan a tha buntainneach gu h-ionadail a thèid a thaghadh airson leanmhainneachd bho bhun-sgoil gu àrd-sgoil. Tha a’ Chomataidh cuideachd ag iarraidh gun tèid gu leòr de dh’ullachadh a dhèanamh airson na cloinne aig a bheil Feumalachdan a Bharrachd a Thaobh Taice.

 

Fad nan sia mìosan a chaidh, tha a’ Chomataidh air a bhith a’ sgrùdadh poileasaidh Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir gum biodh clann a’ tòiseachadh air dara cànan ionnsachadh bhon cheud bhliadhna air a’ bhun-sgoil agus treas cànan aig ìre gun a bhith nas fhaide na an còigeamh bliadhna, an dòigh air a bheilear a’ gabhail ‘dòigh 1 +2’.

 

Mhìnich Neach-gairm na Comataidh, Cairistìona NicEalbhaidh BPA:

 

“Tha dòigh-dèiligidh aig an Riaghaltais a tha seasmhach agus adhartach gus aghaidh a thoirt air cion nan sgilean-cànain a tha ann an-dràsta agus a’ bhuaidh a bheir e air an eaconamaidh. Tha a’ Chomataidh againn a’ cur a taice riutha agus a’ dèanamh gàirdeachais gu bheilear air maoineachadh a thoirt seachad mar thaic ri seo bho thùs. Ach is e na fhuair sinn doirbh a mheas a bheil am maoineachadh seo gu leòr seach nach eil fios fhathast gu dè na h-ìrean a tha ann an-dràsta de dh’eòlas agus de ghoireasan airson ionnsachadh-cànain sna sgoiltean.”

 

Ri linn an rannsachaidh, chaidh a’ Chomataidh a-mach gu sgoiltean gus teagasg chànan fhaicinn an gnìomh agus choinnich iad ri pàrantan, luchd-teagaisg agus clann-sgoile. Sa Chèitean, chùm a’ Chomataidh co-labhairt gus luchd-poileasaidh, luchd-foghlaim agus luchd-teagaisg a thoirt còmhla gus na ceistean a dh’èirich ri linn an rannsachaidh a sgrùdadh.

 

Chùm Cairistìona NicEalbhaidh BPA oirre:

 

“Tha sinn air raointean a nochdadh air am bu chòir don Riaghaltas beachd a ghabhail agus e a’ tòiseachadh air am poileasaidh seo a thoirt a-steach gus a sgapadh beag is beag air feadh na h-Alba. Gu sònraichte, ged a tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil feum aig na h-ùghdarrasan ionadail air sùbailteachd a thaobh mar a bheir iad am poileasaidh gu buil gu h-ionadail, tha feum air barrachd leanmhainneachd. Tha sinn a’ moladh, uime sin, gun dèan ùghdarrasan ionadail cinnteach gun tèid aon chànan a theagasg gu leanmhainn bho bhun-sgoil gu àrd-sgoil. Cuidichidh seo gus cur ri comas agus faodaidh e biathadh a-steach gu margadh ionadail na saothrach ann an seagh nas torraiche.

 

“Tha a’ Chomataidh air tòrr a thogail às an rannsachadh seo. Thòisich sinn le bhith a’ siubhal raointean far am faodar gnìomh a ghabhail gus an comas aig an fheadhainn ag ionnsachadh cànain a leasachadh. Ach nochd an fhianais againn cuideachd gu bheil togail an eòlais a tha a dhìth gus a bhith comasach air cànanan ionnsachadh cho cudromach ris a’ chànan a thathar ag ionnsachadh. Is ann le mothachadh air seo a mhol sinn gun dèan an Riaghaltas cinnteach gu bheil ullachadh gu leòr ann don chloinn air a bheil Feumalachdan a Bharrachd a thaobh Taice.”

 

Tha aithisg na Comataidh cuideachd:

 

1.     Ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba agus a’ bhuidheann-ghnìomha aige na toraidhean às an sgrùdadh a tha air fàire air goireasan agus eòlas airson ionnsachadh-cànain a sgaoileadh. Bu chòir gun cruthaicheadh seo measadh air dè am maoineachadh, na goireasan agus na sgilean a tha a dhìth nuair a thathar ga thoirt gu buil aig ìre nàiseanta. Tha fiughair aig a’ Chomataidh ri comharradh a bheil e san amharc aig Riaghaltas na h-Alba maoineachadh airson nam bliadhnaichean ri teachd atharrachadh mar fhreagairt air an sgrùdadh agus barrachd fiosrachaidh a thaobh mar a tha na h-ùghdarrasan ionadail an dùil am feum as fheàrr a thoirt às am maoineachadh gus an clàr-obrach mu chànanan a lìbhrigeadh. (Paragraf 27)

 

2.     Ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba aithisg a thoirt mun chleachdas as fheàrr ann an teagasg-cànain bho na sgoiltean leis a bheilear a’ tòiseachadh airson na h-ùine 2012 gu 2013 agus aithisg a thoirt air mar a dh’fhaodadh dòigh-dèiligidh nas amalaichte gus cànanan sa choimhearsnachd a thoirt a-steach cur ri dòighean-teagaisg a tha ann an-dràsta no dòighean ùra. (Paragraf 77)

3.     A’ faighneachd de Riaghaltas na h-Alba ciamar a chuireas i na buannachdan ann a bhith ag ionnsachadh chànan an dà chuid do na sgoiltean agus don choimhearsnachd anns an fharsaingeachd a chur air adhart gus na h-atharrachaidhean a tha a dhìth gus an soirbhich le tionnsgnadh 1 + 2 a bhrosnachadh. Gu sònraichte, tha a’ Chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba mìneachadh mar a chuireas i na buannachdan a bheir ionnsachadh-cànain air leasachadh na h-eanchainn air adhart agus cuideam a chur air na duilgheadasan a dh’adhbharaicheas a bhith a’ bruidhinn na Beurla a-mhàin. (Paragraf 84)

4.     A’ cur air adhart an luach an lùib leasachadh lìonraidhean nas fheàrr eadar gnìomhachasan, ionadan-foghlaim àrd-ìre agus sgoiltean. Tha a’ Chomataidh a’ faighneachd de Riaghaltas na h-Alba agus de na buidhnean-gnìomha aice uime sin dè an taic a bheireadh e gus barrachd co-obrachaidh eadar gnìomhachas agus foghlam a chur air adhart agus taic a chur ri clàr an AE a thaobh sùbailteachd do dhaoine òga; aon eisimpleir a dh’fhaodadh a bhith ann tionnsgnadh Tosgairean Preantasan an Latha An-diugh a chuir Leasachadh Sgilean na h-Alba air bhog o chionn ghoirid anns am faodadh sgilean-cànain a bhith gu math cudromach. (Paragraf 95)

5.     A’ toirt taice gu h-iomlan ris an iarrtas airson barrachd cheanglaichean ann an clàr-oideachaidh nan sgoiltean eadar cànanan agus cuspairean eile. leithid cuspairean Saidheans, Teicneòlas, Innleadaireachd agus Matamataig, mothachail air obair Riaghaltas na h-Alba san raon seo agus a’ faighneachd de Riaghaltas na h-Alba ciamar a tha e san amharc aige an obair seo a leasachadh ann an co-bhonn ri ionadan-foghlaim. (Paragraf 110)

Cùl-fhiosrachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ moladh gun ionnsaich a h-uile neach òg dà chànan (a bharrachd air cànan glùin na màthar aca) fhad is a tha iad anns a’ bhun-sgoil. Tha seo a’ tighinn an dèidh molaidhean aithisg Buidheann-obrach Chànanan Riaghaltas na h-Alba, ‘Language Learning in Scotland: A 1 + 2 Approach’ (http://www.scotland.gov.uk/Publications/2012/05/3670). Mhol a’ Bhuidheann-obrach gum bu chòir gum biodh clann a’ tòiseachadh air dara cànan ionnsachadh bho Bhliadhna a h-Aon agus gum bu chòir gun tòisicheadh ionnsachadh anns an treas cànan aig ìre gun a bhith nas fhaide na Bliadhna a Còig.

Chaidh deasbad le Riaghaltas na h-Alba a chumail sa Phàrlamaid 24 Cèitean 2012 far an deach taic ris a’ bheachd a chlàradh ged a chaidh dragh a chur an cèill mu bhacaidhean a dh’fhaodadh èirigh, ceistean ceangailte ri goireasan, cion sgilean agus beachdan cultarail nam measg.

Chùm a’ Chomataidh latha aig Taigh an Ròid 10 Cèitean 2013 a’ sgrùdadh nan cuspairean bunaiteach anns an fhianais a fhuair a’ Chomataidh a’ tadhal air sgoiltean agus a’ cluinntinn bho luchd-fianaise. Faodar clàr den latha seo fhaicinn:

 

Leugh an aithisg

Leugh an làn aithisg an seo (Beurla)

Fios conaltraidh

Fios conaltraidh

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.