Ceangal-adhair dìreach ri Sìona a dhìth a rèir Comataidh

23.06.2013

Bu chòir gum biodh ceangal-adhair dìreach aig Alba ri Sìona, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh.

Thàinig a’ Chomataidh chun a’ cho-dhùnaidh an dèidh an rannsachaidh aice air Plana-dùthcha Riaghaltas na h-Alba airson Sìona agus an Fhrèam Eadar-nàiseanta.

Thuirt Neach-gairm Chomataidh Eòrpach is Dàimhean Taobh a-muigh, Cairistìona NicShealbhaich BPA:

“Ri linn an rannsachaidh againn, chuala sinn gu bheil na h-aon chothroman eaconamach an lùib margadh Sìona agus a bha ann an America 100 bliadhna air ais agus nan rachadh an cur an dearmad rachadh ana-cothrom mòr a chur air Alba. Tha sinn den bheachd gum biodh de bhuaidh aig ceangal-adhair dìreach eadar Sìona agus Alba cur ri malairt-gnìomhachais na h-Alba agus cuideachadh gus an ìomhaigh a tha oirnn mar ionad luchd-turais a leasachadh. Tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cumail air na chuid conaltraidh air seo mar chùis dheatamach.”

Sheall rannsachadh na Comataidh air taobh eaconamach Plana-dùthcha ùr Riaghaltas na h-Alba airson Sìona. Tha seo ag amas air cur ri cothroman-malairt do ghnìomhachas Albannach ann an Sìona agus barrachd tasgaidh le Sìona ann an gnìomhachas agus ann am bun-structar na h-Alba a bhrosnachadh. Ri linn an rannsachaidh, thadhail a’ Chomataidh air caochladh ghnìomhachasan air feadh Alba a tha ag obair ann an Sìona mar-thà.

Lean Cairistìona NicShealbhaich BPA oirre:

“Tha obair mhòr ga dèanamh le Riaghaltas na h-Alba agus leis na buidhnean-gnìomha aige gus a dhèanamh cinnteach gum faod companaidhean Albannach eòlas a chur air margadh Sìona. Tha seo air a neartachadh le cuairtean le Ministearan, aig a bheil àite cho cudromach gus càirdeas agus cothroman a chruthachadh do ghnìomhachasan.

“Tha ceist oirnn, ge-tà, ged a tha am Plana a’ cur an cèill gun tèid a chuid amasan a lìbhrigeadh tro oidhirp eadar luchd-pàirteachaidh agus Riaghaltas le chèile, tha an coltas ann gu bheil cion cheanglaichean le cuid de luchd-pàirteachaidh agus dh’iarr sinn air an Riaghaltas sealltainn air seo leis cho cudromach agus a tha e gun dèanar mar as còir e.”

Tha an aithisg cuideachd a’ moladh: 

·           Gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba obrachadh le lìonraidhean-gnìomhachais na h-Alba gus na h-amannan is na tachartasan as fheàrr gus cuairtean le Ministearan. (Para 36).

·           Air an aon rèir ris an rannsachadh air leth leis a’ Chomataidh air teagasg chànan sna bun-sgoiltean, chuireadh a’ Chomataidh fàilte air barrachd Mandarin no Cantonese a bhith ga theagasg aig gach ìre de dh’fhoghlam. (Para 50).

·           Bu chòir do SDI barrachd cuideam a chur air sgeamaichean gus gnìomhachasan a ghur agus cothrom orra seo a thoirt do ghnìomhachasan a tha a’ feuchainn ri gluasad a-steach ann am margadh Sìona. Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ moladh gun dèan SDI sgrùdadh air mar a dh’fhaodadh e feum a chur air an lìonra aige fhèin de dh’oifisean ann an Sìona gus barrachd taic a chur ri companaidhean aig nach eil oifis ann an Sìona iad fhèin. (Para 84).

Cùl-fhiosrachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba air planaichean-dùthchannan, na ro-innleachdan airson cheanglaichean, a chur ri chèile airson nan ionadan a leanas: Canada, Sìona, Eòrpa agus Aonadh na h-Eòrpa, na h-Innseachan, Pakistan, Àisia mu Dheas agus Stàitean Aonaichte America. Tha an t-ùrachadh mu dheireadh air Plana Sìona fhoillseachadh 4 Dùbhlachd 2012. Tha e a’ cur an cèill mar a’ chiad phrìomhachas aige “cur ri cothroman air malairt airson do ghnìomhachasan Albannach ann an Sìona agus barrachd tasgadh le Sìona ann an gnìomhachas is ann am bun-structar na h-Alba a bhrosnachadh.”

·           Ann an 2011 chaidh luach iomlan a’ bhathair a-mach à Alba (gun ola no gas anns an àireamh) a mheasadh aig ìre £23.9bn, le £4.2bn de seo às an roinn ri biadh is deoch. 

·           Ann an 2011 b’ iad na prìomh ionadan dhan deach bathar a chur an taobh a-muigh na Rìoghachd Aonaichte, SAA agus Eòrpa. San aon bhliadhna, ge-tà, chuir Riaghaltas na h-Alba ainm ri aonta le Riaghaltas Sìona, a leigeadh le Alba bradan a chur a-null gu Sìona.   

·           Tha fiosrachadh a chaidh a chur ri chèile bho Staitistig HMRC mu Mhalairt Roinneil a’ leigeil fhaicinn gun do dh’èirich luach iomlan a’ bhathair anns an fharsaingeachd a chuireas Alba a-null gu Sìona bho 2007 (a dh’aindeoin an ìsleachaidh ann an 2010) agus gun do dh’fhuirich ceudad a’ bhathair a-null gu Sìona mar cheudad de chur-a-null eadar-nàiseanta uile-gu-lèir aig car an aon ìre, a’ leigeil fhaicinn gu bheil an t-àrdachadh air bathar a-null gu Sìona air car an aon rèir ris an àrdachadh air cur-a-null eadar-nàiseanta na h-Alba gu h-iomlan.   

·           Tha Staitistig HMRC mu Mhalairt Roinneil airson 2012 a’ leigeil fhaicinn gur h-e an roinn as motha den bhathar a-null gu Sìona à Alba innealraidh agus uidheam-còmhdhail, mar cha mhòr an dara cuid den bhathar a-null uile-gu-lèir. Tha deoch agus tombaca (uisge-beatha san àireamh) aig ìre 14.6%.

Leugh an aithisg

Leugh an làn aithisg an seo (Beurla)

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.