Comataidh an Ionmhais air rannsachadh pàrlamaideach air cruthachadh ‘OBR Albannach’ a chur an cèill

25.06.2013

Bidh molaidhean gus ‘Oifis Cùram Bhuidseatan’ (OBR) Albannach a chur air bhonn mar chuspair do rannsachadh ùr bho Chomataidh an Ionmhais aig Pàrlamaid na h-Alba, thathar air cur an cèill.

Tha Neach-gairm na Comataidh Coinneach Gibson BPA a-nis ag iarraidh bheachdan bho eòlaichean agus bhon phoball air mar a bu chòir do leithid de dh’Ionad-ionmhais Neo-eisimeileach (IF) obrachadh ann an gnìomh. 

Thuirt Mgr. Gibson: 

“Ann am fianais gu Comataidh an Ionmhais air a’ mhìos a chaidh, thuirt Iain Swinney, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais, mar thoradh air cumhachdan ùra ionmhais ag èirigh à Achd na h-Alba 2012, gum bi feum aig Alba air buidheann ro-aithrise (forecasting) neo-eisimeileach a bheir measadh neo-eisimeileach don Riaghaltas agus don Phàrlamaid air na dh’fhaodadh a bhith air a chruthachadh mar thoradh air na cìsean sin. 

“Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit gun robh e na rùn buidheann ùr a stèidheachadh mus rachadh na cìsean tiomnaichte ùra a chur an gnìomh sa Ghiblean 2015. 

“Tha a’ Chomataidh againn ag iarraidh mar sin sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air mar a bu chòir do leithid de bhuidhinn a bhith ag obair ann an gnìomh agus cò dha a bu chòir dhi a bhith cunntachail.” 

Thuirt e cuideachd: 

“Tha mòran dùthchannan ann an OECD air IFI a chur air bhonn o chionn beagan bhliadhnaichean, an Rìoghachd Aonaichte, Astràilia, Èirinn, an t-Suain agus Canada nam measg. Tha sinn ag iarraidh bheachdan a chluinntinn bho eòlaichean agus bhon phoball air dè na cumhachdan a bu chòir a bhith aig IFI Albannach agus dè na raointean air am bu chòir dhi a bhith a’ dèanamh sgrùdadh.”  

Gheibhear fiosrachadh làn mu ghairm-fianais na comataidh air an duilleag-lìn aice: 

http://www.parlamaid.na.h-alba.ra/gnothachparlamaideach/ComataidheanAn-drasta/29822.aspx 

Chuireadh a’ Chomataidh fàilte air beachdan air a’ bhuidhinn ro-aithrise neo-eisimeilich a thathar a’ moladh, nam measg: 

 

·      Dè an dreuchd agus an raon-ùghdarrais a bu chòir a bhith aig a’ bhuidhinn ùir?

·      Am bu chòir a’ bhuidheann ùr a stèidheachadh air bonn reachdail?

·      Dè na cumhachdan a bu chòir a bhith aig a’ bhuidhinn ùir?

·      Am bu chòir a leithid de bhuidhinn a bhith air a suidheachadh leis agus cunntachail don Riaghaltas no don Phàrlamaid (no an dà chuid)?

·      Dè na h-amasan bunaiteach a bhiodh aig a’ bhuidhinn ùir; dè na prìomh raointean air an toireadh iad aithisg no an dèanadh iad sgrùdadh?

·         A rèir nam prionnsapalan a tha OECD a’ moladh airson ionadan ionmhasail neo-eisimeileach, dè na prionnsapalan bunaiteach a bu chòir a bhith aig a’ bhuidhinn ùir?

Is e an ceann-latha mu dheireadh gus freagairtean a chur a-steach Dihaoine 6 Sultain 2013. 

Cùl-fhiosrachadh 

Tha mòran dùthchannan OECD air IFI a chur air bhonn o chionn beagan bhliadhnaichean (tùs OECD, 2013).  Tha àireamh bheag air a bhith ann fad ùine agus thairis air an deich bliadhna a chaidh thathar air ionadan ùra a stèidheachadh ann an Coiria a Deas (2003), san t-Suain (2007), ann an Canada (2008), san Ungair (2009, ged a chuireadh às dha an ìre mhath ann an 2011), Slovenia (2010), an Rìoghachd Aonaichte (2010), agus Astràilia, Èirinn, Portaigil agus Poblachd Slovak (2011-12). 

Tha na h-ionadan gu math eugsamhail:

 

·      Faodaidh iad a bhith fo ùghdarras reachdail na reachdaireachd (mar eisimpleir oifisean-bhuidseat leithid Oifis-bhuidseat Chanada), no meur-gnìomha an Riaghaltais (mar a tha Comhairle Poileasaidh Ionmhasail na Suaine)

·      Faodaidh iad a bhith eugsamhail a thaobh meud is seòrsa na neo-eisimeileachd, ullachaidhean a thaobh ceannas, luchd-obrach agus meud nam buidseat, agus a thaobh an ùghdarrais a tha aca san fharsaingeachd.

Tha mìneachadh farsaing ga mholadh aig OECD mar a leanas: “buidheann neo-eisimeileach air a maoineachadh gu poblach fo ùghdarras reachdail an riaghaltais no na reachdaireachd a bheir stiùireadh is sgrùdadh gun chlaonadh, agus ann an cuid a shuidheachaidhean, comhairle, air poileasaidh is dèanadas ionmhasail.”  

Rud a tha bunaiteach airson a’ mhìneachaidh seo, tha OECD ag ràdh, is e gum bi uallach air na h-Ionadan a bhith a’ sealltainn air adhart (seach ionadan-sgrùdaidh, a bhios a’ sealltainn air ais).

Contact information

Media information

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.