Ath-leasachadh Sheirbheisean Poblach nach eil a’ lìbhrigeadh mar is còir

26.06.2013

Feumar aghaidh a chur sa bhad air an adhartas mu làimh a thathar a’ dèanamh gus seirbheisean poblach thar Alba ath-leasachadh, a rèir Comataidh Riaghlaltas Ionadail is Ath-nuadhachaidh Pàrlamaid na h-Alba ann an aithisg a chaidh a chur a-mach an-diugh (26 Ògmhios).

Tha an aithisg mar chrìoch air rannsachadh na Comataidh air ath-leasachadh sheirbheisean poblach, rud a bha air chois fad 16 mìosan agus a thug cothrom don Chomataidh sùil a thoirt air mar a dh’obraicheas seirbheisean poblach ann an Alba.

 

Ged a dh’aithnichear e gu bheil ath-leasachadh sheirbheisean poblach mar phròiseas leantainneach, bha bristeadh-dùil ann don Chomataidh nach robhar ach mu làimh mun adhartas agus gun robhar car coma-co-dhiù a thaobh atharrachaidh am measg chom-pàirtichean, tòrr dhiubh a tha gun an t-seasamh ‘is-urrainn’ a tha a dhìth gus ath-leasachadh a chur air adhart.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA:

 

“Ri linn ar rannsachaidh, chunnaic sinn eisimpleirean de dhiofar sheirbheisean poblach a’ co-obrachadh, ag obair leis a’ choimhearsnachd agus a’ feuchainn ri atharrachadh a thoirt a-mach. Gidheadh, ’s ann ainneamh a chìthear na h-eisimpleirean seo agus ’s ann a tha tuilleadh eisimpleirean ann de dh’fheadhainn a tha a’ dol an aghaidh atharrachaidh ’s gun a bhith a’ co-obrachadh gus fìor atharrachadh a thoirt a-steach gu cridhe choimhearsnachdan thar Alba. Is mòr a’ bheàrn eadar labhairt is gnìomh.”

 

Ri linn an rannsachaidh, chuala a’ Chomataidh gu bheil Com-pàirtichean Planadh Coimhearsnachd (CPCan), a chaidh a chur air bhonn gus ceangal a chruthachadh eadar coimhearsnachdan is an earrann phoblach, air fàiligeadh a thaobh na chaidh a ghealltainn de leasachaidhean sheirbheisean poblach a lìbhrigeadh.

 

Lean Caoimhin Stiùbhart BPA air:

 

“Tha e soilleir dhuinne nach eil, gu simplidh, na Com-pàirtichean Planadh Coimhearsnachd a’ lìbhrigeadh mar is còir. Tha easpa stiùiridh agus dìth conaltraidh ann agus tha mòran dhiubh gun cheangal ris na daoine a tha a’ faotainn na seirbheise.  ’S e a thachair ri linn seo gur e glè bheag de leasachadh ann an seirbheisean no ann an rud sam bith a dh’fhaodadh a bhith san amharc a fhuair cuid dhe na coimhearsnachdan as mì-chothromaiche ann an Alba.

 

“Tha e soilleir dhuinne gum bi atharrachadh ag obair nas fheàrr nuair a thòisicheas e am measg choimhearsnachdan agus nuair a bhios seirbheisean poblach a’ toirt feart air na th’ aig na daoine seo ri ràdh. Ach glè thric ’s ann nach bithear a’ toirt feart air na daoine a tha a’ còmhnaidh ’s ag obair ann an coimhearsnachdan, agus nuair a thèid faighneachd dhiubh, cha tèid èisteachd riutha. Chunnaic sinn fhèin mar a shoirbhich le atharrachadh a chaidh a stiùireadh le daoine sna coimhearsnachdan, agus feumaidh buidhnean poblach an dòigh-obrach agus an t-seasamh a th’ aca a dh’ionnsaigh nan daoine sin a chuireas feum air an cuid sheirbheisean atharrachadh a chor is gun tachair an t-atharrachadh seo thar Alba.

 

“Bithear a’ cur fada cus leisgeulean an cèill a thaobh gnìomhachd, agus, ga chur gu simplidh, chan eil luaths, sgèile neo nàdar an atharrachaidh taobh a-staigh sheirbheisean poblach math gu leòr.”

 

Mar phàirt den rannsachadh, choinnich a’ Chomataidh ri riochdairean o bhuidhnean coimhearsnachd thar Alba agus chualas gu robh glè bheag de dh’fhianais ann gun robh seirbheisean poblach ag èisteachd ri beachdan o na coimhearsnachdan sin sam bi iad ag obrachadh no a’ co-obrachadh riutha gus atharrachadh a chur air adhart.

 

’S iad co-dhùnaidhean aithisg na Comataidh ach:

 

  • Nach eil ath-leasachadh sheirbheisean poblach a’ tachairt aig an luaths no an sgèile a tha a dhìth, no air dòigh leantainneach agus gur ann ro thric a bhios buaidh aig rudan on taobh a-muigh air a’ chùis, can gnothaichean ionmhais  (td 8).
  • Nach fhaicear pàtran sam bith san dòigh sam bithear a’ lìbhrigeadh ath-leasachaidh ann an seirbheisean poblach agus ged a chaidh innse don Chomataidh gun robhar ri gnìomhachd ’s a h-uile h-àite, tha coltas air cùisean gur ann mu làimh a bha soirbheas sam bith aig a’ char as fheàrr  (td 17).
  • ’S e beachd na Comataidh gu bheil tòrr CPCan nach eil a’ lìbhigeadh mar is còir agus gur e glè bheag de dh’fhianais a th’ ann gun tugadh a-steach na leasachaidhean ann an seirbheisean poblach a bha còir a bhith ann ri linn seo (td 19).

  • Bidh seasamh is giùlan domhainn a’ fàgail torr luchd-obrach a’ faicinn agus a’ dol am falach air chùl bhacaidhean mar gum biodh, bacaidhean a tha a’ cur stad air adhartas. Bha e soilleir don Chomataidh gu bheil cus dhaoine a tha an-sàs ann an ath-leasachadh sheirbheisean poblach an aghaidh chunnartan agus eagal orra gum fàilnig iad a thaobh luchd-obrach nach eil comasach air ùr-ghnàthachas a thoirt a-steach (td 21).

  • Thathar a’ faicinn cus CPCan mar rud nach eil ceangailte ris na daoine a bhios a’ faotainn na seirbheise. Tha stiùireadh air a bhith a dhìth agus conaltradh aig gach ìre car truagh. San da-rìribh tha seo a’ ciallachadh gun robh glè bheag de dh’fhìor leasachadh sheirbheisean no rudan a dh’fhaodadh a bhith san amharc ann do chuid de na coimhearsnachdan as mì-chothromaiche ann an Alba (td 20). 

  • Thèid soirbheas na buidhne ùire, a’ Bhuidheann Phlanaidh Choimhearsnachd Nàiseanta, a mheas a rèir an luach a chuireas i ri gnothaichean, leithid a bhith a’ cur prìomh-amasan nàiseanta an cèill, a’ co-òrdanachadh gnìomhachd, a’ toirt seachad treòr agus – os cionn a h-uile rud – ann a bhith a’ cur air adhart sealladh Choimisean Christie a thaobh ath-leasachadh sheirbheisean poblach (td 35).

 

Cùl-sgeul

 

Ann an 2010, chuir Riaghaltas na h-Alba air bhonn An Coimisean air Lìbhrigeadh Sheirbheisean Poblach san Tìde ri Teachd agus An t-Oll. Campbell Christie CBE mar chathraiche air, agus a bha ag obrachadh gu neo-eisimeileach seach leis an Riaghaltas (rud a chaidh ainmeachadh san fharsaingeachd mar Choimisean Christie). Rinn an Coimisean grunn mholaidhean a thaobh mar a bhiodh seirbheisean poblach na h-Alba san tìde ri teachd ann an aithisg ann an Ògmhios 2011.

 

’S i an aithisg seo an treas dual, ’s an dual mu dheireadh, de rannsachadh na Comataidh air ath-leasachadh sheirbheisean poblach. Bha a’ chiad dual a’ coimhead air mar a dh’obraicheas comhairlean ionadaile cuide ri com-pàirtichean planadh choimhearsneachdan, mar am poileas, bùird SNS agus coimhearsnachdan ionadaile. Bha an dàrna dual a’ toirt sùil air slatan-tomhais ’s air a’ phròiseas a thaobh coileanadh san aon sheirbheis a chur an coimeas ri mar a bhios sin aig diofar chomhairlean. Gabhaidh lethbhric de dh’aithisgean na Comataidh a nochd roimhe fhaotainn le dol gu duilleagan-làrach-lìn na Comataidh:

http://scottish.parliament.uk/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/56442.aspx

Leugh an aithisg

Leugh an làn aithisg

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.