Leasachadh nach beag a dhìth gus leigeil le daoine cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis, a rèir Comataidh na Slàinte

03.07.2013

Feumar barrachd atharrachaidhean a dhèanamh gus siostam nas fheàrr agus nas fhollaisiche gus cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis a chruthachadh, a rèir aithisg le Comataidh Slàinte agus Spòrs.

Fhuair dà ath-bhreithneachadh air an t-siostam o chionn ghoirid, air an coimiseanadh le Riaghaltas agus air an gabhail os làimh leis na h-Ollamhan Swainson and Routledge fàilte bhon Chomataidh. Tha ceist oirre fhathast, ge-tà, nach eil na molaidhean seo a’ dèanamh ach beagan gus aghaidh a thoirt air na bacaidhean follaiseach air euslaintich a dh’iarras cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis ùr.

 

Tha i a’ gairm an-diugh air Riaghaltas na h-Alba aghaidh a thoirt air ceistean mu iarrtasan airson làimhseachaidh le euslaintich fa leth (IPTR), prìsean air an stèidheachadh air luach, comataidh ri drogaichean agus leigheas gu h-ionadail, agus deuchainnean clionaigeach.  

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Donnchadh MacNèill BPA:

 

“Sa chiad dol-a-mach, tha sinn a’ cur fàilte air dòigh-dèiligidh Riaghaltas na h-Alba a thaobh a bhith a’ feuchainn ri taic le aonta thar nam pàrtaidhean air fad ri dèanamh atharrachaidhean air mar a gheibh euslaintich cothrom air cungaidh-leigheis. Bha seo na ceist car connspaideach riamh agus bitheamaid soilleir nach eil freagairtean no fuasglaidhean furasta ann idir.

 

“Is e glè bheag, ge-tà, a rinn na h-ath-bhreithneachaidhean a chuir Riaghaltas na h-Alba air bhonn gus molaidhean a thoirt gus an siostam a leasachadh gus aghaidh a thoirt air na bacaidhean a tha ann an-dràsta.

 

“Tha a’ Chomataidh den bheachd gu bheil de chomas aig na molaidhean san aithisg seo siostam nas fheàrr agus nas fhollaisiche a chruthachadh do dh’euslaintich gus cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis ùr.”

 

Thuirt Leas-neach-gairm Bob Doris BPA:

 

“Tha a’ Chomataidh againn a’ cur a taice gu mòr ri co-dhùnaidhean nan ath-bhreithneachaidhean a chuireadh ri follaiseachd, a dh’fhàgadh nach biodh an siostam a cheart cho toinnte agus a bheireadh guth do dh’eòlaichean clionaigeach. 

 

“Ach tha feum againn air siostam nas fhollaisiche san cuir euslaintich earbsa gus am fios le cinnt aca gun dèanar co-dhùnaidhean a rèir modh-obrachaidh a thathar a’ toirt gu buil air an aon rèir. 

 

“Is e sin as coireach gu bheil sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba breithneachadh às ùr a dhèanamh air ceistean mu iarrtasan airson làimhseachaidh le euslaintich fa leth, mar a cheadaichear cungaidh-leigheis gu h-ionadail agus mar a ghabhas sinn gnothach ri ceistean mu shuidheachadh dhìlleachdan.”

Ann an giorrachadh, tha an aithisg a’ moladh:

  • Obrachadh Chonsortium Luchd-leigheis na h-Alba (SMC) Tha dragh aig a’ Chomataidh fhathast, math is ged a tha na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh anns na h-ath-bhreithneachaidhean, nach dèan iad ach glè bheag gus aghaidh a thoirt air na bacaidhean follaiseach ri cothrom air cungaidh-leigheis ùr a thig air euslaintich.   
  • Tha a’ Chomataidh den bheachd, gus leasachadh a thoirt air follaiseachd siostam Iarrtasan Airson Làimhseachaidh le Euslaintich Fa Leth (IPTR), gum bu chòir do Riaghaltas ath-bhreithneachadh agus sgrùdadh a dhèanamh air co-dhùnaidhean IPTR roimhe seo gus dearcnachadh iarrtasan agus seasmhachd co-dhùnaidhean san ùine air thoiseach a leasachadh. Bu chòir àireamh nan n-iarrtasan, co-dhùnaidhean àicheil agus deimhinneach, am measg nithean buntainneach eile, fhoillseachadh gu cunbhalach.

 

  • Comataidhean Ionadail ri Drogaichean agus Leigheas (ADTC). Bu chòir gun cuidicheadh am moladh gun dèanar co-dhùnaidhean a thaobh cungaidh-leigheis a chur ris an fhoirmle ionadail agus a chur an cèill an taobh a-staigh trì mìosan air moladh SMC gus seasmhachd agus follaiseachd a chur air adhart. Faodaidh gum bi argamaid a bharrachd ann gum bu chòir gun cuireadh gach ADTC cungaidh-leigheis ùr air a ceadachadh le SMC air an fhoirmle aca an taobh a-staigh trì mìosan, co-dhiù a chaidh an seòladh clionaigeach agus mu òrdain a chrìochnachadh gu h-iomlan ron àm sin gus nach deach.  Faodaidh luchd-clionaig feum a chur air an cuid breithneachaidh dhreuchdail uime sin air foirmle air.
  • A dh’aindeoin nan argamaidean a chuireadh air adhart gun rachadh na 14 ADTCan air fad a ghleidheadh, math dh’fhaodte gum bi argamaidean ann cuideachd nach deach a sgrùdadh gu h-iomlan gu ruige seo airson àireamh nas lugha no aon bhuidheann nàiseanta, gu sònraichte a thaobh iarrtasan airson làimhseachadh euslainteach.  Faodaidh gum bi a’ gluasad air adhart gu buidheann nàiseanta mu iarrtasan airson làimhseachadh euslainteach an dòigh as èifeachdaiche gun tèid slatan-tomhais IPTR agus Iarrtas-buidhne airson Làimhseachadh Euslainteach (GPTR) a thoirt gu buil a bharrachd air seasmhachd ann an dèanamh cho-dhùnaidhean.  

  • A bheil na molaidhean seo a’ dol fada gu leòr? Tha ceist air a’ Chomataidh fhathast nach toir na molaidhean seo aghaidh gu h-iomlan air na ceistean a dh’adhbharaich an dragh as motha thairis air na bliadhnaichean a chaidh. Bidh modhan SMC an ìre mhath gun atharrachadh, ged a dh’fhaodadh i coinneachadh, gu ìre co-dhiù, gu poblach. Ach bidh co-dhùnaidhean a thaobh cungaidh-leigheis a mholadh gus a cleachdadh ann an SNS na h-Alba stèidhichte fhathast air cosgais nam bliadhnaichean le barrachd càileachd a thaobh beatha (QALY) a bheireadh làimhseachadh le droga.   
  • Cha d’rinn duine argamaid gun robh siostam nas fheàrr na an QALY gus measadh a dhèanamh air an luach a bheir làimhseachadh seach làimhseachadh, a dh’aindeoin nan sriantan ris.  Tha a’ chomataidh air beachd a ghabhail mar-thà air an toinnteachd an lùib cosgais gach QALY. Tha e follaiseach gu bheil an dòigh san toirear atharraichearan gu buil na mìr deatamach gus cho èifeachdach a thaobh cosgais agus a tha cungaidh-leigheis obrachadh a-mach le SMC. Tha’ chomataidh a’ gairm uime sin air SMC agus Riaghaltas na h-Alba ath-bhreithneachadh a dhèanamh mar chùis thàbhachdach mar a thoirear atharraichearan agus stairsnichean gu buil gus suidheachadh dhìlleachdan, deireadh-beatha agus tionnsgalachd a chur san àireamh ann an seagh nas fheàrr agus ìre nas àirde de dh’fhollaiseachd a chruthachadh.

  • Suidheachadh dhìlleachdan. Tha a’ Chomataidh mothachail gun do thòisich a cuid obrach air a’ cheist seo le àireamh de dh’athchuingean ceangailte ri galaran dhìlleachdan. Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte mar sin air co-dhùnadh Rùnaire a’ Chaibineit, stèidhichte air comhairle bhon Ollamh Swainson, maoin cungaidh-leigheis luach £21 millean do ghalaran ainneamh a stèidheachadh.
  • Tha ceistean ann fhathast, ge-tà, mun ìre dhan adhbharaich a’ mhaoin seo, ann an gnìomh, leasachadh air cothrom air a’ chungaidh-leigheis seo, leis gum bi aig neach-clionaig an euslaintich fhathast ri bhith air IPTR soirbheachail a dhèanamh no a bhith an sàs ann an Iarrtas-buidhne gus euslaintich a ghluasad. Tha an coltas air gu bheil e follaiseach, a thaobh nan euslainteach a thèid na h-iarrtasan aca a dhiùltadh, nach toir a’ mhaoin buaidh sam bith air an làimhseachadh a gheibh iad. Tha a’ Chomataidh den bheachd gum bu chòir stiùireadh soilleir mu mhaoin cungaidh-leigheis nan galaran ainneamh fhoillseachadh agus a nochdadh ris a’ Chomataidh mar chùis-èiginn.

  • Ceist na h-aillse. Tha a’ Chomataidh ag aontachadh, ged is dòcha nach biodh fèill air co-dhùnaidhean SMC mu chungaidh-leigheis gu sònraichte airson na h-aillse, gu bheilear gan dèanamh gu daingeann agus bu chòir cumail air adhart a bhith gan dèanamh air an aon stèidh agus a tha airson cungaidh-leigheis do ghalaran eile, agus nach bu chòir gnothach a ghabhail ris an aillse na h-aonar gus làimhseachadh sònraichte fhaighinn e Committee an taca ri galaran eile a chuireas a’ bheatha ann an giorrad. Tha a’ Chomataidh a’ gabhail ris gu bheil ceistean doirbh ann mu làimhseachadh do dh’euslaintich fa leth agus gum faod e bhith doirbh do dh’euslaintich agus do na teaghlaichean aca gabhail ris gur dòcha nach bi cothrom air cungaidh-leigheis air an aon stèidh anns a h-uile ceàrn den Rìoghachd Aonaichte. in comparison to other life-shortening conditions. A dh’aindeoin sin, cha bhiodh stèidheachadh maoin do dhrogaichean an aghaidh na h-aillse ann an Alba mar fhuasgladh air na duilgheadasan seo.

  • Deuchainnean clionaigeach. Tha a’ Chomataidh mothachail air an dragh a tha aig luchd-clionaig agus feadhainn eile mun bhuaidh a bheir a’ chungaidh-leigheis thionnsgalach as ùire gun a bhith ri faighinn mar àbhaist ann an Alba agus a’ bhuaidh a beireadh e air àireamh nan deuchainnean clionaigeach a thathar a’ cumail ann an Alba.  Thug a’ Chomataidh fa-near cuideachd dhan chlaonadh choitcheann an taobh a-staigh a’ ghnìomhachais gu bheil ìre nas lugha de dheuchainnean clionaigeach gan cumail ann an Alba agus sa chuid eile de Thaobh Siar na h-Eòrpa, nach fhaodadh dol am farpais mu phrìs le dùthchannan ann an Taobh Sear na h-Eòrpa. Tha a’ Chomataidh a’ gairm air Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh mar chùis-èiginn agus aithisg a thoirt dhan Chomataidh a bheil ìsleachadh air àireamh nan deuchainnean aig Ìre 3 gan cumail ann an Alba agus beachd a ghabhail air ceuman sam bith a dh’fhaodadh a bhith a dhìth gus an àireamh aca àrdachadh cho math ri àireamh iomlan nan deuchainnean clionaigeach a thoirt chun na h-ìre as àirde.  

  • Prìsean air an stèidheachadh air luach. Tha a’ Chomataidh den bheachd, ma thig e am follais gum faodte nithean sònraichte ceangailte ri prìsean air an stèidheachadh air luach a ghabhail os làimh leis na buidhnean-riaghlaidh thiomnaichte, gu bheil e leibideach gu bheil an troimh-a-chèile seo air a bhith ann cho fada – ùine a dh’fhaodte a chleachdadh gus ullachaidhean ùra a chur air bhonn ann an Alba. Tha e dol a bhith na dhùbhlan an leithid de dh’ullachaidhean a bhith air an stèidheachadh ann an àm airson toiseach VBP san Fhaoilleach 2014. Tha a’ Chomataidh a’ gairm mar chùis-èiginn air Riaghaltas na h-Alba soilleireachadh fhaighinn a bheil no am faodte nithean sam bith ceangailte ri prìsean air an stèidheachadh air luach a bhith tiomnaichte.
  • Tha a’ Chomataidh den bheachd, ma thig e am follais gum faodte nithean sònraichte ceangailte ri prìsean air an stèidheachadh air luach a ghabhail os làimh leis na buidhnean-riaghlaidh thiomnaichte, gu bheil e leibideach gu bheil an troimh-a-chèile seo air a bhith ann cho fada – ùine a dh’fhaodte a chleachdadh gus ullachaidhean ùra a chur air bhonn ann an Alba. Tha e dol a bhith na dhùbhlan an leithid de dh’ullachaidhean a bhith air an stèidheachadh ann an àm airson toiseach VBP san Fhaoilleach 2014.
  • A dh’aindeoin seo, tha a’ Chomataidh den bheachd, nam faodadh na nithean ceangailte ri teicneòlas-slàinte an lùib phrìsean air an stèidheachadh air luach a bhith tiomnaichte, gun toireadh seo cothrom air leth gus fuasgladh Albannach a chruthachadh air na cùisean seo a dh’fhaodadh a bhith fada na bu shùbailte na na h-ullachaidhean a tha ann an-dràsta.

 

  • Ath cheuman Tha luchd-pàirteachaidh an dà chuid ann an sgrìobhadh agus labhairt air dealas a nochdadh gun obraich a h-uile buidheann le ùidh gu cruthachail le Riaghaltas na h-Alba gus an siostam gus cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis ùr a leasachadh barrachd gus am measadh farsaing air a luach a chur san àireamh; thug a’ chomataidh fa-near do dh’eugsamhlachd nam beachd bho raon farsaing de bhuidhnean, Myeloma UK, ABPI, Beating Bowel Cancer agus Cancer Research UK nam measg.
  • Ged a tha i a’ cur fàilte air na molaidhean ann an ath-bhreithneachaidhean Swainson agus Routledge, a’ toirt mar thuairisgeul air na leasachaidhean mar “uidh air n-uidh”, tha a’ Chomataidh air caochladh mholaidhean a dhèanamh a tha a’ dol seachad air an dà ath-bhreithneachadh.  Tha i den bheachd gu bheil de chomas aig na molaidhean seo leasachadh nach beag a thoirt an dà chuid air modhan Iarrtasan Làimhseachadh Euslainteach agus SMC agus, ann a bhith ga dhèanamh, gun dèanadh aid cinnteach gum biodh siostam nas fheàrr agus nas fhollaisiche ann gus cothrom fhaighinn air cungaidh-leigheis ùr.

Cùl-fhiosrachadh

Thòisich obair na Comataidh air a’ cheist seo mar fhreagairt air trì athchuingean chun na Pàrlamaid às leth euslainteach air a bheil galaran ainneamh no galaran dhìlleachdan.

Leugh an aithisg

Leugh an làn aithisg an seo (Beurla)

Fios conaltraidh

Fios do na meadhananan

Fios comataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.