Pàrlamaid na h-Alba a' cur fàilte air prìomh luchd-poilitigs stàitean Amereagaidh gu Dùn Èideann

10.07.2013

Cumaidh buidheann chumhachdach de prìomh luchd-poilitigs stàitean Aimereagaidh, a’ riochdachadh 32 de Stàitean Ameireaganach bho New Hampshire gu Oregon, co-labhairt fad dà latha ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh (10 Iuchar).

Is e seo a’ chiad turas a tha Co-labhairt Nàiseanta Seanaidhean nan Stàitean (NCSL) air coinneachadh an taobh a-muigh Ameireagaidh a Tuath. Chaidh a’ cho-labhairt a dhaingneachadh an-uiridh leis an Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Tricia Marwick MSP, fhad is a bha i air chuairt anns na Stàitean am-bliadhna mar phàirt de Sheachdain na h-Alba.

 

Bidh còrr is 50 de luchd-ceannais reachdaireachdan, Labhraichean, Cinn-suidhe Sheanaidhean agus Stiùirichean nan Taighean, a’ frithealadh air a’ cho-labhairt. Cluinnidh na riochdairean bho chaochladh luchd-labhairt urramach air cuspairean, na tha an dàn do dh’eaconamaidh na cruinne, na tha an dàn do sholar lùth na cruinne agus an ealain an lùib ceannas reachdaireachdan nam measg.

 

Agus i a’ labhairt ron tachartas, thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh:

 

“Tha mi cho toilichte gum bi Pàrlamaid na h-Alba an ceann na co-labhairt seo, a tha mar chothrom eile an dà chuid an dùthaich agus a’ Phàrlamaid againn a thaisbeanadh do luchd-èisteachd eadar-nàiseanta.

 

“Tha Taigh an Ròid gu math stèidhichte mar ionad èifeachdach airson deasbaireachd an dà chuid aig an taigh agus gu h-eadar-nàiseanta. Bheir a’ cho-labhairt seo an cothrom do luchd-poilitigs à dà thaobh a’ Chuain Siar ceistean air a bheil cuideam eadar-nàiseanta, leithid an saoghal eaconamach an-dràsta, a dheasbad. Ach bidh i mar chothrom cuideachd fiosrachadh a sgaoileadh, beachdachadh air eòlas agus ionnsachadh bho reachdaireachdan càch-a-chèile.”

 

Thuirt an Riochdaire Terie Norelli, Ceann-suidhe NCSL, agus Labhraiche Taigh nan Riochdairean ann an New Hampshire:

 

“Tha sinn cho toilichte tighinn a dh’Alba, a’ chiad turas a tha sinn air coinneachadh an taobh a-muigh America a Tuath. Tha fiughair agam ri dà latha de lèirsinn, de bheachdan agus de bharailean.  

 

“Tha sinn an dòchas ionnsachadh bho fhiosrachadh agus eòlas luchd-phoilitigs ann an Alba agus tha fiughair aig na riochdairean eile agus agam fhìn ri bhith an sàs ann an deasbaireachd a bhios beothail is brosnachail, tha fios.”

Cùl-fhiosrachadh

Thèid am fosgladh a chumail ann an Seòmar-deasbaid Pàrlamaid na h-Alba agus a chraoladh beò eadar 10-10.30m Diciadain 10 Iuchar. 

Thèid a’ cho-labhairt a chumail an taobh a-staigh àrainn Thaigh an Ròid agus am measg an luchd-labhairt tha:

  • Tom Devine, Ollamh-rannsachaidh Eachdraidh agus Stiùiriche Ionad na h-Alba ri Sgrùdadh mun Imrich
  • Charlie Jeffrey, Ollamh Poilitigs agus Stiùiriche Acadamaidh-riaghlaidh Oilthigh Dhùn Èideann
  • Michael Keating, Ollamh Poilitigs, Oilthigh Obar Dheathain
  • James Mitchell, Ollamh Poileasaidh Poblach, Oilthigh Dhùn Èideann
  • Barbara J. Stephenson, Chargé d'affaires a.i., Àmbasaid nan SA dhan Rìoghachd Aonaichte
  • Humza Yousaf BPA, Ministear Cùisean A-muigh agus Leasachadh Eadar-nàiseanta, Riaghaltas na h-Alba
  • Nigel Pain, Ceannard Aonad nam Beachdan Eaconamach, OECD
  • Mark Finley, Àrd-mhanaidsear, Global Energy Markets, BP
  • Anne McColl, Ceannard, Leasachadh Alba Eadar-nàiseanta
  • David Brooks, Stiùiriche Modhan Cruinneadail IBM
  • Nosheena Mobarik OBE, Cathraiche CBI na h-Alba
  • Sadie Moore, Stiùiriche air Trèanadh, Coro Southern California agus Ollamh-taice, Oilthigh California a Deas.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.