Comataidh Cùisean Dùthchail a' tadhal air Gleann Lìobhait

26.08.2013

Tadhailidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd air Oighreachd Gleann Lìobhait a-màireach (27 Lùnastal) a chor is gum faigh BPA a-mach gu pearsanta mu cheistean bho àireamhan fèidh agus stiùireadh choilltean gu iomadachd obair thuathanais.

Tha Oighreachd Ghleann Lìobhait, a tha suidhichte ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, a’ sìneadh thar còrr is 58,000 acair-fearainn. Cuiridh an turas an comas nam BPA raon de ghnothaichean fhaicinn gu pearsanta a bhuineas ris an obair aca.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Rob Gibson BPA:

“Leis mar a tha raon-ùghdarras ar Comataidh, tha e glè chudromach gum bi cothrom aig BPAan faighinn mun cuairt sgìrean dùthchail na h-Alba.

“Ged is ceart e gun cuir sinn ceistean air daoine ‘s air buidhnean gu foirmeil, bidh cothrom gum faic sinn fhèin mar a thathar a’ stiùireadh obair- fearainn, ag àrachadh fiadh-bheatha ’s a’ dìon ar n-àrainneachd luachmhor dha-rìribh nuair a bhios sinn a’ beachdachadh air cuid de na ceistean seo sa Chomataidh as t-fhoghar.”

Ri linn an turais, bidh BPAan a’ faighinn a-mach mu ghrunn cheistean, nam measg:

·         stiùireadh àireamhan fèidh;

·         stiùireadh àrainnean ainmhidhean (nam measg, am poll-mòine, fraoch is coilltean): 

·         ath-chruthachadh is stiùireadh choilltean;

·         iomadachd obair-fearainn (a’ toirt a-steach obair thuathanais);

·         pròiseactan/dol-an-sàs choimhearnsnachdan;

·         leasachadh seasmhach; agus

·         cleachdaidhean aonaichte air talamh àrd.  

Thuirt Alan Laidlaw, Manaidsear Cùram Roinnean Dùthchail & Oir na h-Alba, “Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte air a’ Chomataidh agus a bhith a’ sealltainn dhaibh obair ar sgioba is ar com-pàirtichean air Oighreachd Ghleann Liobhait, oighreachd a bhuannaich duaisean. Tha tòrr a’ dol air an oighreachd – bho ghnìomhachasan ionadaile gu pròiseactan bith-iomadachd, leasachadh turasachd gu iomadachd obair-fearainn – ’s mar sin tha sinn dòchasach gum bi an turas an dà chuid toil-inntinneach agus fiosrachail.”

Cùl-sgeul

Coinnichidh Comataidh Cùisean Dùthchail, Atharrachadh Clìomaid agus na h-Àrainneachd airson a’ chiad uair an dèidh fosadh na Pàrlamaid air 11 Sultain.

Chaidh aonta a chur ri clàr-obrach ùr na Comataidh mu-thràth o chionn ghoirid.

Ann an Alba, bidh Oighreachd a’ Chrùin a’ stiùireadh còig oighreachdan dùthchail, grunnd na mara cho fada a-muigh ri 12 mhìle-sheòlaidh, agus mu leth-chuid den oir. Bidh a’ bhuidheann ag obrachadh air bonn malairteach leis gach prothaid air a cleachdadh airson caitheamh ionmhais an riaghaltais thar na RA.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan:

Fios mun chomataidh:

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.