Cuid de dh’fhèis ealain is cultar gus dìleab Anndra Charnegie a chomharrachadh.

06.09.2013

Thèid na dòighean-obrach air cùlaibh ealain Andy Warhol a thaisbeanadh aig Pàrlamaid na h-Alba le sreath de bhuidheann-obrach an-asgaidh aig an deireadh-sheachdain anns an Dàmhair. Thèid ‘Pop Art Prints’ a chumail le Buidheann-obrach Clò-bhualadairean Dhùn Phàrlain Fìobha aig an aon àm ri taisbeanadh  ‘Andy Warhol:  Pop, Poball is Poilitigs’ a bhios ga ruith aig Pàrlamaid na h-Alba bho 5 Dàmhair gu 3 Samhain.

Ann a bhith a’ cleachdadh clò-bhualadh sgàilein (screen-printing), thug Andy Warhol feum às dòighean mòr-shaothrachaidh ann an gnìomhachas gus saothair-ealain a dhèanamh. Bheir na buidhnean-obrach goirid seo, a tha air taic fhaighinn bho Urras Charnegie Dhùn Phàrlain, lèirsinn mun dòigh-obrach aige agus cothrom fhaicinn agus a chluinntinn mar a chaidh na h-ìomhaighean iomraiteach seo a chur ri chèile.    

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:

Bheir taisbeanadh ‘Pop, Power and Politics’ an cothrom do dhaoine sealltainn air faisg air leth-cheud mìr iomraiteach de shaothair Andy Warhol ann an suidheachadh air leth Taigh an Ròid. Tha na buidhnean-obrach seo aig an deireadh-sheachdain a’ cur gu dòigheil ris an taisbeanadh seach gun nochd iad na dòighean a chleachd Warhol è fhèin gus na h-ìomhaighean as seasmhaiche leis a chruthachadh. 

“Tha mi an comain Urras Charnegie Dhùn Phàrlain airson taic a chur ris na buidhnean-obrach agus Buidheann-obrach Clò-bhualadairean Dhùn Phàrlain Fìobha airson an cumail. Agus cò aige a tha fios, is dòcha gun cuidich na buidhnean-obrach gus feadhainn de luchd-ealain òg an latha an-diugh a bhrosnachadh.” 

Thuirt Martyn Evans, Ceannard Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte, a dh’adhbharaich gun rachadh taisbeanadh Warhol a thoirt chun na Rìoghachd Aonaichte:

“Is e Andy Warhol fear den luchd-ealain as cliùitiche a bhuineas dhan linn againn, a’ brosnachadh is a’ tàladh ginealaich. Tha an cruinneachadh air leth seo mar chuid bhunaiteach de fhèis Dìleab Eadar-nàiseanta Anndra Charnegie agus tha na buidhnean-obrach ann an clò-bhualadh sgàilein a’ nochdadh feallsanachd Anndra Charnegie; gum bu chòir gum biodh ealain is cultar fosgailte do na h-uile.  

“Rud nach eil mòran a’ tuigsinn is e gun d’fhuair Andy Warhol a chiad trèanadh foirmeil ann an ealain aig clasaichean an-asgaidh a chuir Muinntir Charnegie air bhonn ann am Pittsburgh. Nach biodh e mìorbhaileach fhèin nam brosnaicheadh na buidhnean-obrach seo an-asgaidh an ath Warhol!”

Fios mu chur air dòigh àiteachan aig na buidhnean-obrach

Thèid na buidhnean-obrach a chumail aig an deireadh-sheachdain 19, 20, 26, 27 Dàmhair agus 2, 3 Samhain. Bidh iad a’ ruith bho 11.00m gu 4.00f. Mairidh na taisbeanaidhean an-asgaidh fad leth na h-uarach an urra. Thathar a’ moladh gun tèid àite a chur an dara taobh ro làimh seach nach bithear a’ dol thairis air 30 de dh’àiteachan anns gach taisbeanadh. Gus àite a chur air dòigh, cuiribh fòn gu 0131 348 5454, ag innse cia mheud àite a tha a dhìth oirbh. Tha na buidhnean-obrach fosgailte do gach aois.

Fios mu chur air dòigh àiteachan aig an taisbeanadh

Thathar a’ moladh àiteachan a chur an dara taobh airson taisbeanadh ‘Andy Warhol: Pop, Power and Politics’ seach gun tèid tiogaidean a riarachadh a rèir àm-tòiseachaidh sònraichte ro shealladh (àm-crìochnachaidh gun srian) agus faodar a dhèanamh mar a leanas:

  • am foirm air an Lìon bho làrach-lìn na Pàrlamaid www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/warhol
  • loidhne-fòn air leth air 0131 348 5454 – tha an àireamh-fòn a’ toirt tarraing air a’ chlub-oidhche ainmeil ann an New York, Studio 54, air am biodh Warhol a’ tadhal gu cunbhalach sna 70an is sna 80an  
  • post-dealain gu  warhol@scottish.parliament.uk

Cùl-fhiosrachadh

Tha Andy Warhol: Pop, Poball is Poilitigs ga thaisbeanadh ann am Pàrlamaid na h-Alba ann an co-obrachadh le Taigh-tasgaidh Andy Warhol ann am Pittsburgh agus mar thoradh air taic fhialaidh bho Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte mar chuid de sheachdain Dìleab Eadar-nàiseanta Anndra Charnegie. Tha mòran den t-saothair-ealain gan taisbeanadh ann an Alba don chiad turas agus is e Pàrlamaid na h-Alba a’ chiad bhuidheann reachdail riamh a chùm taisbeanadh den t-saothair aige.   

Chaidh Warhol às àicheadh a’ bheachd gun robh an ealain aige na breithneachadh air comann sòisealta agus rinn e tuairisgeul air fhèin dìreach mar neach-ealain a sheall àrainneachd a linne fhèin. Le mòran mhìrean bho chruinneachaidhean Taighean-tasgaidh Andy Warhol, tha an taisbeanadh seo a’ sònrachadh dealbhan an fhir-ealain de luchd-poilitigs ainmeil agus de dh’urramaich chumhachdach eile, agus beagan mhìrean a chaidh a dhèanamh mar thaic ri adhbharan poilitigeach no àrainneachd. Tha an cruinneachadh a rinn am fear-ealain còig bliadhna an dèidh murt John F. Kennedy a’ nochdadh ùidh an fhir-ealain anns na meadhanan mòra agus mar a sheallas iad am bàs.    

Tha caochladh mhìrean a rinn Warhol airson iomairtean poilitigeach agus àrainneachdail gan toirt air iasad le Seòmraichean Luchd-ealain aig Gailearaidh Tate agus Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba.

Tha an taisbeanadh mar chuid de chlàr farsaing thachartasan agus thaisbeanaidhean a thathar a’ cumail sa Phàrlamaid mar chomharrachadh air an dìleab air feadh na cruinne a dh’fhàg am fear gràdh-daonna Albannach Aimeireaganach Anndra Carnegie. Rinn am fear gràdh-daonna a chuid airgid ann am Pittsburgh agus tha Taigh-tasgaidh Andy Warhol ann dìreach mar aon eisimpleir den dìleab a thaobh gràdh-daonna a dh’fhàg e na dhèidh.

Buidheann-obrach Clò-bhualadairean Dhùn Phàrlain Fìobha

Is e a tha ann am Buidheann-obrach Clò-bhualadairean Dhùn Phàrlain Fìobha buidheann-obrach le luchd-ealain ri obair-chlò a chaidh a stèidheachadh ann an 1982 do luchd-ealain ann am Fìobha agus mun cuairt. Tha a’ bhuidheann stèidhichte aig bonn Ionad-coimhearsnachd Dell MhicFhearchair ann an Dùn Phàrlain. 

Related links

  • 'Andy Warhol:  Pop, Power and Politics' exhibition

Contact information

Media contact and images:

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.