Am Prìomh Mhinistear a’ nochdadh air beulaibh Luchd-gairm nan Comataidhean

06.09.2013

Thèid rud sònraichte a chumail a’ chiad turas Diardaoin 12 Sultain nuair a chuireas Buidheann Luchd-gairm na Pàrlamaid ceistean air a’ Phrìomh Mhinistear mu chlàr-reachdais an Riaghaltais aige.

Thèid a’ choinneamh a chumail ann an Seòmar-Comataidh 1 bho 13.15-14.30 aig Pàrlamaid na h-Alba agus faodaidh am poball tiogaidean iarraidh bho an-diugh.

A’ bruidhinn ron t-seisean, thuirt Oifigear Riaghlaidh na Pàrlamaid, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA, a tha na cathraiche air Buidheann an Luchd-ghairm:

“Don chiad turas, bidh an cothrom aig luchd-gairm nan comataidhean am Prìomh Mhinistear a cheasnachadh còmhla mun chlàr-reachdais aige airson na bliadhna air thoiseach. 

“Tha an iomairt seo mar cheum eil air adhart ann an leasachaidhean na Pàrlamaid gus barrachd chothrom a thoirt do na Buill is na comataidhean an Riaghaltas a sgrùdadh.”

Cùl-fhiosrachadh

Bidh an seisean fosgailte don phoball, ga chraoladh air làrach-lìn na Pàrlamaid agus fosgailte do na meadhanan.

Faodar tiogaidean poblach fhaighinn le bhith a’ cur fios air sgioba seirbheisean luchd-tadhail aig a’ Phàrlamaid:

  • Post-dealain sp.bookings@scottish.parliament.uk
  • Fòn 0131 348 5200 no fòn-an-asgaidh 0800 092 7600 (Luchd-cleachdaidh Fòn-teacsa: 0800 092 7100)
  • A’ nochdadh aig Taigh an Ròid, Dùn Èideann.

Cha tèid ach fichead suidheachan a chur an taobh airson luchd nam meadhanan. Thèid suidheachain a riarachaidh a rèir mar a nochdas dìreach luchd nam meadhanan le ùghdarras bhon Phàrlamaid agus aon tiogaid do gach buidheann sna meadhanan. Cuiribh fòn gu Sally Coyne no Claire Menzies air 0131 348 6265 / 6852 gus àite-suidhe a chur air dòigh.

Buidheann an Luchd-ghairm

Anns a’ chathair air Buidheann an Luchd-ghairm tha an t-Oifigear Riaghlaidh no Leas-oifigear Riaghlaidh agus i na fòram anns am bi Luchd-gairm nan Comataidhean a’ coinneachadh gus sealladh ro-innleachdail a ghabhail air obrachadh nan comataidhean agus ceanglaichean a chruthachadh eadar na Comataidhean, Biùro na Pàrlamaid agus Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba.

Bidh a’ Bhuidheann a’ làimhseachadh caochladh chùisean, nam measg:

  • cur air adhart chleachdaidhean gus leasachadh a thoirt air dèanadas nan comataidhean, gu sònraichte a thaobh a bhith a’ sgrùdadh; agus  
  • dèanamh mholaidhean dhan Bhiùro mu ghnothach nan Comataidh ri chur air clàr-obrach an t-Seòmair.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air Buidheann an Luchd-ghairm air làrach-lìn na Pàrlamaid aig:

http//:www.pàrlamaid.na.h-alba.ra/gnothachpàrlamaideach/21516.aspx

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.