Eòlaiche air Warhol a’ tighinn gu Taigh an Ròid

15.09.2013

Tachartas AN-ASGAIDH mar chuid de chomharradh fad seachdain air Dìleab Eadar-nàiseanta Anndra Charnegie

Bidh Eric Shiner, duine de dh’eòlaichean mòra an t-saoghail air Warhol agus a tha na Stiùiriche air Taigh-tasgaidh Andy Warhol ann am Pittsburgh a’ labhairt air saothair an fhir-ealain ann am Pàrlamaid na h-Alba.  
 
Bidh Eric Shiner a’ bruidhinn Dimàirt, 15 Dàmhair 4.30f gu 6.00f. Is e seo aonan de sheachd òraidean an-asgaidh a tha fosgailte don phoball mar chuid de shreath ‘Dìleab Eadar-nàiseanta Anndra Charnegie – Cruthachadh na h-Ùine Romhainn’ a thèid a chumail aig Taigh an Ròid bhon Dàmhair 2013 gu Faoilleach 2014. Rinn am fear gràdh-daonna a chuid airgid ann am Pittsburgh agus tha Taigh-tasgaidh mar aon eisimpleir dìreach de dìleab a thaobh gràdh-daonna a dh’fhàg e na dhèidh.

Mhìnich Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urr Tricia Marwick BPA:

“Seach gu bheil Pàrlamaid na h-Alba mar dhachaigh don deasbaireachd ann an Alba, seallaidh ‘Andy Warhol: Pop, Poball is Poilitigs’ air saothair le cuspair poilitigeach ri linn gum bi iad a’ bualadh air Taigh an Ròid. Tha an dà chuid Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte, bhon tàinig an taic fhialaidh gus an taisbeanadh seo a chumail, agus Pàrlamaid na h-Alba nam buidhnean a tha ag iarraidh cur ri deasbaireachd is beachdaireachd phoilitigeach.

“Bha e na thlachd dhomh turas prìobhaideach a ghabhail mu Thaigh-tasgaidh Warhol còmhla ri Mgr. Shiner nuair a thadhail mi air Pittsburgh an-uiridh gus an taisbeanadh fhaighinn do Phàrlamaid na h-Alba. Tha fios agam gum faigh sinn uile soillseachadh leis an eòlas a tha aig Eric air mar a bha Warhol ag iarraidh cho mòr sin daoine agus samhlaidhean den chumhachd a riochdachadh, rud a bheir an tachartas seo gu bith ann an da-rìribh.” 

Thuirt Aonghas Hogg, cathraiche Urras Charnegie na Rìoghachd Aonaichte:

“Tha brosnachadh deasbaireachd air ceistean bunaiteach aig cridhe obair an Urrais againn. Rud a tha cudromach, tha iad cuideachd mar chuspair a bhrosnaich Anndra Carnegie agus e a’ feuchainn ri leasachadh a thoirt air soirbheas an t-saoghail ceud bliadhna air ais.

“Tha sinn gu math toilichte fàilte a chur air buidheann de luchd-labhairt a tha cho inntinneach is fiosraichte. Tha gum bi iad ann agus an deasbaireachd aca a’ dèanamh cinnteach gun tèid na ceistean mòra seo a dheasbad fhathast.”

Tha tiogaidean, a tha an-asgaidh, rim faotainn gus an cur an dara taobh airson òraid Eric Shiner an seo.

Contact information

Media contact and images:

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.