Comataidh Slàinte is Spòrs ri tadhal air Lodainn an Iar

30.09.2013

Bidh Comataidh Slàinte is Spòrs a’ tadhal air Lodainn an Iar an-diugh gus cruth a chur air an sgrùdadh aca air reachdas a dh’amalaicheas cùram-slàinte agus cùram sòisealta ann an Alba.

Tha e mar amas aig Bile nam Buidhnean Poblach (Co-obrachadh) Alba dèanamh cinnteach gum bi na siostaman ri slàinte agus cùram sòisealta ann an Alba ag obrachadh còmhla gus a dhèanamh cinnteach nach tèid dàil gun adhbhar a chur air daoine a’ dol don ospadal agus gun cuirear ris na h-uimhir de chùram a bheirear seachad aig an dachaigh gus neo-eisimeileachd a chumail agus leasachadh a thoirt air càileachd na beatha.

Anns a chathair air a’ chuairt bidh Comhairliche Lodainn an Iar airson Slàinte is Cùram Anne Nic a’ Mhaoilein.

Chì buill mar a bhios amalachadh (integration) de chùram-slàinte le cùram sòisealta ag obair ann an gnìomh. Tadhlaidh iad air REACT - the Rapid Elderly Assessment Care and Treatment Team agus Reablement/Crisis Care' ann an Ospadail an Naoimh Eòin agus an uair sin air Ionad Com-pàirteachas Shrath Bhroc ann am Broxburn agus cluinntinn mun sgeama cur-air-adhart eacarsaich aca. Thèid buill den Chomataidh don Ionad Chatharra gus ionnsachadh mun Bhuidhinn-stiùiridh Fallaineachd-inntinn do Chloinn is do Dhaoine Òga.

Nì Buill an slighe gu Dùn Èideann an dèidh làimhe gus cluinntinn bho luchd-cleachdaidh sheirbheisean aig Ionad Mairsinn Neo-eisimeileach mu na beachdan aca air mar a bhios cùram amalaichte a’ bualadh air am beatha.

 

Contact information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.