Don Giovanni a' tighinn gu Taigh an Ròid

07.11.2013

Bidh Taigh an Ròid mar àrd-ùrlar le mealladh, brath is fiù ’s murt air chois nas fhaide air adhart an-diugh agus Opera Alba a’ cur Pìos Beag de Don Giovanni air dòigh ann am Prìomh Thrannsa aig Pàrlamaid na h-Alba.

Thèid opera ainmeil Mozart a chur an làthair ann an taisbeanadh 20-mionaid le seinneadair, neach-cluiche beus-fhidhill is giotàiriche, le taic o sgeulaiche agus sreath de dhealbhan dathte.

Tha am meanbh-dhràma seo a’ dol air turas cuide ri taisbeanadh mòr iomlan Opera Alba agus chaidh a chur ri chèile a chor ’s gun gabhadh opera a thoirt a-steach gu ionadan neo-àbhaisteach agus gus a chur an làthair do luchd-coimhid ùra.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, Am Ball Fìor Urramach Tricia Marwick BPA:

“Tha na seiseanan beaga seo, a bheir “blas” do dhaoine, mar fhìor dheagh dhòigh air opera a thoirt an làthair do luchd-coimhid ùra agus tha a’ Phàrlamaid glè thoilichte àrd-ùrlar a chur air dòigh an-diugh do rud a tha air tè dhe na h-obraichean-dràma as ainmeile a rinn Mozart a-riamh.

“Tha sinn glè thoilichte cothrom-taisbeanaidh a thoirt do shàr-chultar na h-Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba.  Tha fhiosam gun toir na BPAan, luchd-obrach agus ar luchd-tadhail tlachd às an taisbeanadh.”

Bidh Pìos Beag de... Don Giovanni air chois ann am Prìomh Thrannsa na Pàrlamaid air Diardaoin 07 Samhain aig 1.30f. Bidh am Prìomh Thrannsa fosgailte do luchd-tadhail mar is àbhaist agus tha an dràma saor ’s an asgaidh.

Cùl-sgeul

Bidh na taisbeanaidhean Pìos Beag de... aig Opera Alba a’ toirt opera a-mach às an taigh-chluiche ’s a-steach gu ionadan far nach biodh dùil rithe, agus tha iad fìor fhreagarrach do neach sam bith nach eil cleachdte ri opera. Thèid gach dràma a chur an làthair tron ealain àrsaidh às Seapan, ‘Kamishibai’ – cleachdar bogsa-tèatair de mheud meatair anns am bi deich no dusan dealbh ag innse an sgeòil.

Tha sgeulachd Pìos Beag de Don Giovanni a’ leantainn casanòbha cliùiteil Mozart o leannan gu leannan. Ach nuair a gheibh athair Donna Anna bàs ri linn a chuid meallaidh, a bheil e air a dhol ro fhada mu dheireadh thall?

Agus e air turas ann an Alba as t-Fhoghar, cuide ri taisbeanadh iomlan Opera Alba de Don Giovanni, tha an geàrr-leagan 20-mionaid seo de shàr-obair Mozart dìreach ceart do neach sam bith a tha a’ dol a choimhead air opera airson a’ chiad uair.

Tha Pìos Beag de Don Giovanni saor ’s an asgaidh, ’s cha ruigear a leas suidheachan a chur air leth.

Sa Chèitean an-uiridh, nochd Pìos Beag de Tosca le Opera Alba fo sgèith na Pàrlamaid.

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan:

  • Kirsty Rimmer: 0131 348 6085
    Fàilte ro RNID TypeTalk
  • Kirsty.Rimmer
    @scottish.parliament.uk

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.