Mòr-chuid na Comataidh a’ cur taic ri Bile a’ Phòsaidh aig Ìre 1

08.11.2013

Thathar a’ cur taic ri prionnsapalan coitcheann Bile a’ Phòsaidh is a’ Chaidreachais Shìobhalta (Alba) leis a’ mhòr-chuid de bhuill sa Chomataidh airson Co-ionannachd Chothroman san aithisg Ìre 1 aca, a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Tha beag-chuid de bhuill na Comataidh nach eil a’ cur taic ris a’ Bhile o chionn ’s nach aontaich iad ann am prionnsapal air neo nach eil iad gu tur cinnteach gu bheil gu leòr a dhìon sa Bhile an ceart-uair.

 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Mairead NicUallaich BPA:

 

“Tha a h-uile neach againn air a’ Chomataidh ag aithneachadh iomchaidheachd, doimhne is dùrachd gach beachd a chaidh a chur thugainn air cùis a tha, gu soilleir, a’ togail connspaid is faireachdainnean làidir am measg nan com-pàirtichean uile againn.

 

“Ged a tha a’ mhòr-chuid de bhuill ar Comataidh a’ cur taic ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile seo, tha sinn a’ cur làn-thaic ri còir is ceartas gach ball de Phàrlamaid na h-Alba bhòt a chaitheamh air a’ Bhile mar ghnothach a bhuineas ri mar a dh’fhairicheas iad fhèin.”

 

Tha a’ Chomataidh air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air grunn cheistean, nam measg:

 

·         Beachdan air leth gach com-pàirtiche air an dòigh a leanar anns a’ Bhile a thaobh saorsa luchd-stiùiridh is bhuidhnean cràbhach a dhìon ann a bhith os cionn phòsaidhean a tha iomchaidh laghail a rèir teagasg an creideamhan fhèin.   

 

·         Atharrachadh a chaidh a thogail le Comhairle Albannach nan Coimhearsnachdan Iùdhach gus mìneachadh ùr a thoirt air pòsaidhean neo-shìobhalta, a chor is gum bithear a’ comharradh gu ìre nas soilleire dè an diofar a tha eadar deas-ghnàthan creidmheach (religious) is deas-ghnàthan feallsnachdail (belief).   

 

·         Beachd a chuireadh an cèill le Comann Daonnachais na h-Alba gu bheil mar a dhèiligear ri pòsadh ann an lagh bainnse Eaglais na h-Alba a’ toirt inbhe pribhleideach dha.  

 

·         Gun tèid aonta-cèile a thoirt air falbh o phròiseas-aithneachaidh gach gnè.  

 

Cùl-sgeul

 

Chaidh Bile a’ Phòsaidh is a’ Chaidreachais Shìobhalta (Alba) a thoirt a-steach sa Phàrlamaid air 26 Ògmhios 2013 agus dèiligidh e ris na prìomh chùisean seo a leanas a tha a’ buintinn ri lagh a’ phòsaidh: toirt a-staigh pòsadh eadar aon ghnè; luchd-stiùiridh creidimh a bhith co-ionann ri luchd-stiùiridh cràbhaidh; mar a bheirear cead is ùghdarras do luchd-stiùiridh pòsaidhean aon ghnè is eile a shòlaimicheadh; caidreachasan sìobhalta a dh’atharraicheas gu pòsaidhean; cead is ùghdarras diacoin Eaglais na h-Alba pòsadh eadar dà ghnè a shòlaimicheadh agus a bhith a’ ceadacheadh deas-ghnàthan pòsaidh sìobhalta ann an àite sam bith a thèid aontachadh eadar an dithis agus an neach-clàraidh, seach ann an ionadan cràbhach.

 

Bidh deasbad Ìre 1 air Bile a’ Phòsaidh is a’ Chaidreachais Shìobhalta (Alba) air chois san t-Samhain.

Fios conatraidh

Media information

 

Committee information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.