Bile Cruinneachadh Burrell a’ faighinn taic bho Chomataidh Taigh an Ròid

11.11.2013

Fhuair Bile a bheireadh cumhachdan a bharrachd do Chomhairle Cathair-Bhaile Ghlaschu cead a thoirt seachad do Chruinneachadh Burrell a chur a-mach air iasad – thall thairis cuideachd – air taic fhaighinn bho chomataidh Pàrlamaid na h-Alba.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, thuirt Comataidh Bile Cruinneachadh Burrell (Tabhann Iasad is Faighinn Iasad) (Alba) gu bheil “an ùine ann cothrom a thoirt seachad do luchd-amhairc san fharsaingeachd an cruinneachadh fhaicinn”, agus mhol iad gun rachadh gabhail ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile.

Ma chuireas an làn Phàrlamaid an taic ris a’ Bhile, thèid e air adhart a-nis mar Bhile Prìobhaideach.

Thuirt neach-gairm na Comataidh Seònag NicAilpein BPA:

“Bha a’ Chomataidh againn a’ faireachdainn gu bheil e iomchaidh aig amannan gluasad air falbh bho na tha tabhartairean (benefactors) ag iarraidh, gu sònraichte ma tha an suidheachadh a stiùir iad gu bhith a’ dèanamh co-dhùnadh air atharrachadh.

“Tha a’ Chomataidh a’ toirt taic don amas a bhith a’ togail inbhe a’ Chruinneachaidh agus ag àrdachadh chothroman air faighinn chun stòras aige, a’ creidsinn gur e miann Burrell gun deidheadh an cruinneachadh aige a thaisbeanadh. Chan e fòcas co-dhùnadh na Comataidh air a’ chuspair seo an robh Burrell a’ miannachadh gun rachadh aige a roinneadh tro iasadan (tha fios againn gun robh) ach a bheil e sàbhailte, an-diugh, seo a dhèanamh taobh a-muigh Bhreatainn. Mar sin, tha sinn air aontachadh gum bu chòir gabhail ri prionnsapalan coitcheann a’ Bhile.”

Tha prìomh cho-dhùnaidhean bhon aithisg ag ràdh:  

·         Chuala a’ Chomataidh agus leugh iad fianais a bha gach cuid taiceil agus neo-thaiceil a thaobh a’ Bhile. Tha sinn mothachail, a dh’aindeoin gun deach am Bile a sgaoileadh gu farsaing, nach deach gluasad sam bith a chur na aghaidh. Tha sinn a’ gabhail ris gu bheil cunnartan agus ceistean modhanach a’ tighinn am bàrr a thaobh briathran na dìleab a dh’fhàg Sir Uilleam ach tha sinn a’ creidsinn gu bheil an t-àm ann leigeil le luchd-amhairc nas fharsainge an Cruinneachadh aige fhaicinn. Chaidh a dhearbhadh dhuinn gum bi na h-Urrasairean agus Glaschu Beò ag obair còmhla agus gu dleastanach gus dèanamh cinnteach gun tèid an Cruinneachadh a chumail sàbhailte. 

·         Tha a’ Chomataidh a’ faicinn am Bile seo mar chruadhachadh agus mar mhìneachadh air còraichean lagha agus uallachaidhean co-cheangailte ris a’ Chruinneachadh agus tha sinn a’ cur fàilte air a’ chothrom gus fuasgladh fhaighinn air a’ mhì-chinnt a tha eadar diofar phàipearan co-cheangailte ris an dìleab agus gus mìneachadh fhaighinn air an t-suidheachadh a thaobh iasad.  Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air an dearbhadh gun rachadh dòigh a lorg air seo atharrachadh san àm ri teachd nam biodh feum air. 

A thaobh a bhith ag ath-sgeadachadh an togalaich anns a bheil an cruinneachadh, tha an aithisg ag ràdh:

        ·         Tha a’ Chomataidh ag aontachadh gu bheil cruaidh fheum air an togalach anns a bheil an Cruinneachadh ath-sgeadachadh agus, anns an t-suidheachadh gnàthaichte, nach eil àrainneachd shàbhailte innte airson a’ chruinneachaidh.

·         Tha a’ Chomataidh a’ cur fàilte air an t-sealladh gum biodh tuilleadh comas air a sholarachadh tro ath-sgeadachadh agus air a’ chothrom a bheireadh seo seachad air stuthan nach eil am poball gu nàdurrach a’ faicinn, a thaisbeanadh.

·         Chan eil a’ Chomataidh gu tur cinnteach gun tog tursan timcheall Cruinneachadh Burrell an ìre de dh’ ionmhas luach £15 millean a dh’fheumar gus an togalach ath-sgeadachadh. Chan eil e idir comasach tuairmeas ionmhas a dhèanamh le cinnt aig an ìre seo.

·         Ach, tha a’ Chomataidh a’ gabhail ris a’ bheachd gu bheil e comasach cuibhreann a thogail aon chuid gu dìreach mar thoradh air a bhith a’ tadhal air a’ Chruinneachadh no gu neo-dhìreach bho bhith a’ togail na h-inbhe aige.

·         Sheall a’ Chomataidh gu geur air cothrom a ghabhail air a’ Bhile atharrachadh gus a bhith a’ toirmeasg iasad fhaighinn de stuthan bristeach. Ach, airson a bhith cothromach, tha sinn riaraichte gu bheil dìon gu leòr an cois a’ chòd iasaid agus gun tèid gabhail ri iasadan air stèidh aon chùis seach cùis eile, le glèidhteachas mar phrìomhachas a thaobh co-dhùnaidh.

Cùl-fhiosrachadh

Is e adhbhar a’ Bhile cumhachdan a bharrachd a thoirt do Chomhairle Cathair-bhaile Ghlaschu gus a bhith a’ toirt stuthan sam bith a tha nam pàirt de Chruinneachadh Burrell seachad, air iasad, fiù’s thall thairis, agus stuthan fhaighinn air iasad bho chuid eile, às deidh aonta anns gach cuid, bho urrasairean carthannais aig Urras Sir Uilleam Burrell a rèir còd foillsichte.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.