Comataidh a’ cur ceist an e ‘am fuasgladh ceart’ a tha ann an reachdas a thaobh càradh thogalaichean

11.11.2013

Thèid sgrùdadh a dhèanamh le Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh aig Pàrlamaid na h-Alba air ceuman a tha ag amas air cùisean a dhèanamh nas fhasa do dh’ùghdarrasan ionadaile airgead a chaidh a chosg ann a bhith a’ càradh togalaichean cunnartach fhaighinn air ais. Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bhuapasan air a bhiodh buaidh aig a’ Bhile, nam measg gnìomhachasan, ùghdarrasan ionadaile is buidhnean eile, a thaobh a bheil an reachdas cho math ’s a ghabhas agus am bi e ag obrachadh gu ceart.

Air a thoirt a-steach le Dàibhidh Stiùbhart BPA, tha Bile Thogalaichean Easbhaidheach is Cunnartach (Ath-phàigheadh Chosgaisean) (Alba) ag amas air ‘òrduighean cìse’ a thoirt a-steach a leigeas le h-ùghdarrasan ionadaile an cuid chosgaisean fhaighinn air ais far an d’ rinn iad obair air togalaichean easbhaidheach is cunnartach. 

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Caoimhin Stiùbhart BPA: 

“Tha a bhith a’ cumail a’ mhòr-shluaigh sàbhailte o thogalaichean easbhaidheach is cunnartach mar ròl glè chudromach do dh’ùghdarrasan ionadaile thar Alba. Gu soilleir, tha fàilte ri cur air ceuman sam bith a bhios ag amas air comas ùghdarrasan ionadaile a leasachadh a thaobh an obair-chàraidh seo a ghabhail os làimh. 

“Gidheadh, ’s e am fiosrachadh a tha a dhìth air a’ Chomataidh againne ach am bi na molaidhean anns a’ Bhile ag obrachadh gu ceart agus an i seo, san da-rìribh, an dòigh as fheàrr a bhith a’ toirt misneachd do dh’ùghdarrasan ionadaile gum faigh iad cosgaisean air ais a chaith iad air togalaichean a chàradh? ’S ann a-mhàin le bhith a’ cluinntinn on fheadhainn air a bhiodh buaidh aige seo ’s is urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gur ann mar seo gu dearbh a bhios.” 

Cuiridh a’ Chomataidh fàilte air cluinntinn bhuapa aig a bheil ùidh sa Bhile. Gu sònraichte, ’s e am fiosrachadh a tha a dhìth air a’ Chomataidh ach: 

  • Ciod iad buannachdan is neo-bhuannachdan a’ Bhile a thathar a’ moladh?
  • Co-dhiù an toir am Bile piseach air comas ùghdarrasan càradh a ghabhail os làimh air togalaichean cunnartach is leibideach gus nach toir.  
  • Cò às a thig a’ chiad chalpa a tha a dhìth?
  • Far nach eil fios air cò leis a tha togalach, ciamar an toir am Bile piseach air cùisean mar a tha iad an ceartuair?
  • Carson a tha an dòigh-obrach sa Bhile seo nas fheàrr seach an dòigh a nochd o chionn ghoirid ann an co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air Ùghdarrachadh Choimhearsnachdan?

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh Bile Thogalaichean Easbhaidheach is Cunnartach (Ath-phàigheadh Chosgaisean) (Alba) a thoirt a-steach gu Pàrlamaid na h-Alba air 30 an Dàmhair 2013. Gheibhear fiosrachadh mun Bhile aig a’ cheangal a leanas:

http://www.pàrlamaidnahalba.ra/gnothaicheannapàrlamaid/Bilean/69042.aspx   

Leigidh prìomh phrionnsapalan a’ Bhile le h-ùghdarrasan ionadaile òrduighean cìse (a nì ceangal cinnteach eadar an togalach agus am fiach) a chur ri chèile gus na chosg iad air càradh thogalaichean leibideach no cunnartach fhaotainn air ais.  

’S e 31 Faoilleach 2014 an ceann-latha mu dheireadh airson thagraidhean.

Bu chòir tagraidhean gun a bhith nas motha na ochd duilleagan A4. Bu chòir freagairtean a bhith air an cur, gu dealanach far an gabh seo a dhèanamh, agus ann an cruth MS Word, gu: DDbuildingsbill.lgrc@scottish.parliament.uk  

Cuiridh sinn fàilte air tagraidhean sa Ghàidhlig. 

Faodar freagairtean a bhith air an cur tron phost cuideachd gu:

 Clàrc Comataidh Riaghaltas Ionadail is Ath-bheothachadh

Oifis na Comataidh

Seòmar T3.40

Pàrlamaid na h-Alba

Dùn Èideann

EH99 1SP

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.