Ceannard Banca Rìoghail na h-Alba ri bruidhinn aig co-labhairt air gnìomhachas ann am Pàrlamaid na h-Alba

22.11.2013

Bheir Ceannard Banca Rìoghail na h-Alba, Ross McEwan, òraid an-diugh do bharrachd is 200 riochdaire aig co-labhairt ‘Gnìomhachas anns a’ Phàrlamaid’.

Agus e air a bhith ann o chionn ochd bliadhna a-nis, bidh an cruinneachadh seo a’ dol an sàs anns na ceistean mòra a tha cudromach do ghnìomhachasan na h-Alba agus an-diugh bidh riochdairean a’ deasbad air mar a ghabhas am feum as fheàrr toirt à fàs eaconamach agus srianadh air ionmhas ann an-dràsta.

Thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urr. Tricia Marwick BPA:

“Tha Pàrlamaid na h-Alba ann an suidheachadh fa leth gus an tachartas seo a chumail a bheir còmhla còrr is 200 urramach à saoghal a’ ghnìomhachais, poilitigs agus bhon roinn phoblaich. Tha mi cinnteach gum bi deasbad beothail agus uaireannan connspaideach ann, ach is e deasbad deatamach a tha ann agus sinn san t-suidheachadh eaconamach car doirbh anns a bheil sinn.”

Innsidh Mghr. McEwan don cho-labhairt:

“Tha sinn air sealladh soilleir fhaighinn, tron luchd-chleachdaidh ri gnìomhachas a tha againn, gu bheil an eaconamaidh a’ dol am feabhas. Tha iad a’ fastadh barrachd dhaoine agus tha barrachd dhiubh a’ faighneachd dhinn mu iasadan gus tasgadh nan cuid ghnìomhachasan na aig àm sam bith thairis air na còig bliadhna a chaidh seachad. Tha sinn ag iarraidh taic a chur ris an luchd-chleachdaidh sin mar a chì iad cothroman eaconamach a’ tighinn am bàrr dhaibh. Ach is e fìrinne na cùise a tha ann an-dràsta nach bi sinn an-còmhnaidh ag obair a rèir an uallaich sin, mar sin bidh againn ri caochladh atharrachaidhean bunaiteach a dhèanamh gus am bi BRA na bhanca barraichte airson an luchd-chleachdaidh againn.”

Innsidh Murchadh Friseal BPA, Neach-gairm Comataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd, do riochdairean gu bheil sinn aig àm deatamach don eaconamaidh againn agus nach urrainn dha:

“…smaoineachadh air càil as cudromaiche do bheatha muinntir na h-Alba na dèanamh nas urrainn dhuinn gus cuideachadh ris an fheadhainn a chruthaicheas beairteas anns an rìoghachd leasachadh a thoirt air an eaconamaidh againn bho na dùbhlain mhòra a thàinig oirnn bho bhriseadh an ionmhais ann an 2008.

“Is e seo as coireach gu bheil an tachartas seo cho cudromach. Is e cothrom gus cluas ri èisteachd a thoirt a bhann riamh. Ach a-nis barrachd na riamh, feumaidh sinn guthan an luchd-ghnìomhachais againn a chluinntinn.”

Thuirt am Prìomh Mhinistear Ailig Salmond:

“Tha toirt fàs air eaconamaidh na h-Alba aig cridhe a h-uile càil a bhios an Riaghaltas seo a’ dèanamh agus tha co-labhairt Gnìomhachas anns a’ Phàrlamaid a-màireach na chothrom dha-rìribh do luchd-gnìomhachais, luchd-foghlaim is luchd-poilitigs tighinn còmhla gus deasbad air an dòigh as fheàrr sam faod sinn planaichean mu fhàs eaconamach a bhrosnachadh is a spreagadh agus taic a chur riutha.  

“Tha mi cho toilichte a bhith a’ bruidhinn aig a’ cho-labhairt far an toir mi dealbh air na cothroman mòra a gheibh muinntir na h-Alba le bhith a’ gabhail smachd gu h-iomlan air an eaconamaidh againn agus ga cothromachadh às ùr, taic a chur ri gnìomhachasadh às ùr tro thionnsgalachd agus tàladh tasgaidh air an taobh a-staigh gus deagh ghnìomhachasan is obraichean barraichte a chruthachadh airson na h-Alba. 
  
“Tha a’ cho-labhairt seo mar chuid de rùn coitcheann leis an Riaghaltas do luchd-gnìomhachais ann an Alba, agus sinn ag aithneachadh cho cudromach agus a tha e a bhith ag èisteachd, a’ tuigsinn is a’ cuideachadh beachdan eòlaichean ri gnìomhachas gus a dhèanamh cinnteach gun cùm sinn an t-àite againn mar an àrainneachd as fharpaisiche is as tionnsgalaiche a thaobh gnìomhachais anns an Rìoghachd Aonaichte.” 

Tha an tachartas ga chur air dòigh le Pàrlamaid na h-Alba is Riaghaltas na h-Alba le chèile agus am measg an luchd-labhairt tha:Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick BPA;

  • Prìomh Mhinistear, am Fìor Urr. Ailig Salmond BPA;
  • Neach-gairm Chomataidh Eaconamaidh, Lùths agus Turasachd, Murchadh Friseal BPA;
  • Rùnaire a’ Chaibineit ri Ionmhas, Fastadh agus Fàs Seasmhach Iain Swinney BPA;
  • Fearghas Ewing BPA, Ministear airson Lùths, Iomairt agus Turasachd;
  • Ivor Tiefenbrun MBE, Cathraiche-gnìomha, Linn Products Ltd  
  • Anna-Louise Simpson, Neach-iomairt a stèidhich Simpsons Food and Drink Ltd   
  • Grahame Smith, Àrd-Rùnaire STUC
  • Kerry Sharp, Ceann Banc-tasgaidh na h-Alba aig Iomairt na h-Alba
  • Chris Van Der Kuyl, Cathraiche, 4J Studios Ltd

Cùl-fhiosrachadh

Thèid na seiseanan anns an t-Seòmar-dheasbaid a chraoladh beò air TBh na Pàrlamaid.

Tha barrachd fiosrachaidh (agus clàr slàn) mun Cho-labhairt agus mu thachartasan a bha ann roimhe ri fhaighinn AN SEO.

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.