Suidhichidh an t-Oifigear Riaghlaidh ceann-latha airson Fo-thaghadh Cowdenbeath

22.11.2013

Thèid fo-thaghadh Cowdenbeath a chumail air Diardaoin 23 Faoilleach 2014, chaidh ainmeachadh.

Fo earrainn 9 de dh’Achd na h-Alba 1998, ’s ann aig Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba a bhios latha a’ bhòtaidh suidhichte.

Madainn an-diugh tha an t-Oifigear Riaghlaidh Tricia Marwick air sgrìobhadh gu Steve Grimond, Ceannaird Chomhairle Fìobha, mar Oifigear Taghaidh, gus a roghainn mar cheann-latha a dhearbhadh agus gus iarraidh air gun tèid gach rud a chur air chois airson an Fho-thaghaidh.                                                                     

Chaidh fios a thoirt do BhPAan mu latha a’ bhòtaidh a chor is gun lìonar dreuchd na sgìre-phàrlamaid a chaidh fhàgail bàn an dèidh bàs Helen Eadie BPA.

Tha Earrann  9 de dh’Achd na h-Alba 1998 a’ toirt iomraidh air: 

9 Dreuchdan san sgìre-phàrlamaid

(1)Far a bheil seat ball sgìre-phàrlamaid bàn, thèid taghadh a chumail gus a’ bheàrn sin a lìonadh (a rèir fo-earrainn (4)). 

(2)Thèid ceann-latha a’ bhòtaidh a shuidheachadh aig an Oifigear Riaghlaidh.

(3)Bidh an ceann-latha ri linn treise trì mìos—  

(a)a’ tòiseachadh o àm na bèirn, no   

 (b) mura tig a’ bheàrn gu aire an Oifigear Riaghlaidh taobh a-staigh aona mhìos o àm na bèirn, tòisichidh seo nuair a thig e gu aire an Oifigeir.

(4)Cha tèid an taghadh a chumail mas e is gun tuiteadh an ceann-latha a bu deireannaich airson a’ bhòtaidh taobh a-staigh treise trì mìos, a’ crìochnachadh air an latha sam biodh a’ bhòt air a chumail aig an ath thaghadh coitcheann (gun aire a thoirt air earrann 2 (5)).  

(5)Air sgàth na h-earrainn seo, bidh an ceann-latha air an tèid cur roimhe gu bheil a’ bheàrn air nochdadh air a dhearbhadh a rèir nan gnàth-riaghailtean.

(6)Chan fhaod neach a bhith mar thagraiche aig leithid de thaghadh mas ball Pàrlamaid iad no mar thagraiche ann an taghadh eile gus beàrn a lìonadh.   

Cùl-fhiosrachadh

Aig àm suidheachadh ceann-latha a’ bhòtaidh, nì an t-Oifigear Riaghlaidh (OR) na leanas:

·         Co-chomhairleachadh ri Oifigear an Taghaidh (OT) – cuiridh an OT cuideam air duilgheadasan sam bith a bhuineas ri àm a’ bhòtaidh no coileanadh riatanasan laghail sam bith eile;

·         Beachdan iarraidh air gach gin de na prìomh phàrtaidhean mu cuin a ghabhas a’ bhòt a chumail, a’ tòiseachadh leis a’ phàrtaidh aig an robh an seat; aithnichidh an OT an co-ghnàths gur ann aig a’ phàrtaidh sin a tha a’ bhuaidh as motha air pròiseas co-dhùnaidh an OT, ach bidh i saor a roghainn fhèin a dhèanamh mar a chì i iomchaidh sin; 

·         Co-dhùnadh crìochnaichte a dhèanamh air a’ cheann-latha agus sin innse don OT is don Phàrlamaid. 

Contact information

Media information

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.